Skip to main page content

’S e amas Faclair na Gàidhlig faclair eachdraidheil na Gàidhlig a chruthachadh a dh’innseas eachdraidh na cànain bho na làmh-sgrìobhainnean as tràithe a th’ againn a-nuas chun an latha an-diugh, a’ cur Gàidhlig na h-Alba ann an co-theacsa le Gàidhlig na h-Èireann agus le Albais.

Tha inntridhean ann am Faclair na Gàidhlig a’ tarraing fianais bho Chorpas na Gàidhlig, corpas anns a bheil 30 millean facal bho theacsaichean Gàidhlig a chaidh a chur ann an cruth didseatach le DASG (Dachaigh Airson Stòras na Gàidhlig) ann an Oilthigh Ghlaschu.

Tha am pròiseact na phàirt de dh’Ionad Faclair na Gàidhlig, com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus Oilthigh Dhùn Èideann, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh Shrath Chluaidh.

Bileagan pàipeir ann an tasglann Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig, Oilthigh Ghlaschu

HDSG Slips Photo