Skip to main page content

beith, beithe n.f./m.

[eDIL beithe]

forms

This word displays gender variation; the evidence indicates that it is chiefly feminine in the modern period but frequently masculine in earlier evidence.

singular

nominative

genitive

dative

plural

dative

  • 1963
    Gairm 45 72 Muillean de bheithean.

senses

  • I.1.a. The birch tree; a birch tree. Also collective.
    • 11..
      Book of Deer 4r 8
      Gonice in béiťh.
    • 1751
      Ais-Eiridh 36
      Bi’dh am beithe deaghbholtrach, | Uroil dosrach nan cárn, | Ri mao-bhlás driuchd céteoin.
    • a1778
      Orain le Rob Donn (1829) 108
      Bithidh am beithe crìon, crotach, | Sìor stopadh o ’fhàs.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann VIII 236
      Cha lugha na ceithir seòrsa déug giubhais, cuig seòrsa beithe, agus ceithir seòrsa daraich, a gheibhear anns a’ cheart eilein so [sc. Ceap Breatainn].
    • 1881
      Nicolson Proverbs 346
      Seileach allt, calltainn chreag, fearna bhog, beithe lag, uinnseann an deiseir.
    • 1912
      Dùn Àluinn 24
      Mu ’n cuairt a’ chaisteil bha ’m beithe àrd, dìreach, le bharraibh gasanach, dosrach, a’ crathadh gu réidh, socrach mar gu ’m biodh e cumail cluais-chiùil ri fuaim na gaoithe ceòlmhoir a’ sranndaich am measg nan stùc.
    • 1915
      Sir Seoras Uilleam Ros 17
      Cha b’ann de sgrath, no fraoch, no fodar a bhitheadh an tughadh, ach mar bu tric de rùsg chraobhan móra, mar am beith no’m basswood.
    • 1960
      Gairm 34 135
      Bithidh a’ bheith faisg air fichead bliadhna dh’ aois mus giùlain i meas, ach an déidh sin bheir i mach toradh gach earrach.
    • 1976
      Bith-Eòlas 107
      Tha càirdeas de’n t-seòrsa seo eadar fungi agus iomadh seòrsa craoibh agus badaig—an giuthas, an calltuinn, a’ bheithe agus an aiteann mar eisimpleir.
    • 1987
      Gun Fhois 40
      Thug mi sùil thar mo ghualainn is ar leam gu faca mi faileas a’ dubhachadh eadar mi is rùsg bàn na beithe.
  • I.1.b. A birch wood, or perhaps a further example of I.1.a.
    • 1786
      Gillies Sean Dain 152
      Ann sa bheatha bheag òg | Bha foi bhaile Mhic Dheors’, | Gur h iuma fear sroil | Bha reubtadh am [recte ann].
  • I.2. The wood of the birch tree. Quot. 1776 Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 162 refers to an arrow or arrows made from birch wood.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 162
      B’ è sid an gasan leis m ba taitneach, | Pìcin daite a lùbadh | ’N t iubhar nuadh ga luthadh go chluais, | ’M bèatha uait ba shiùbhlach, | Cèir a’s ròsaid dlùth fui’ t òrdaig, | Ite an eòin gu h ùrghlan.
    • 1830
      An Teachdaire Gaelach I 231
      B’fhearr leam bhi air mo ghiùlan do’n Chìll air a charbad bheithe, air guaillnibh mo luchd-dùthcha, na sa charbad is rìomhaich a dh’fhalbh riamh air cuibhlichibh.
    • 1846
      An Seòl air an Glacar … an Sgadan 21
      Ta an sgadan againne […] air a shailleadh le salann Liverpool, agus air a dheanamh suas ann an clàraibh beithe, no feàrna.
    • 1899
      Carmina Gadelica VI (1971) 12
      Bata beithe A birch staff.
    • 1917
      An Ròsarnach I 98
      Cha bhiodh teintean an Srath-Chaomhain, fad a’ gheamhraidh, air nach biodh an seileach ’s am beithe ’s a’ challduinn a’ dìosganaich a chum ’s gu ’m biodh e na b’ fhusa an cumadh a b’ fhèarr a thoirt air bas is cas a’ chamain.
    • 1960
      Gairm 34 135
      Ri linn na seilg ’s na catha borba o shean, dh’ iarradh am fear-bogha saighead beithe, agus ri àm calanais gheibhte a’ chuibheall-shnìomh air a deanamh de ’n fhiodh cheudna.
    • 1995
      Not an Orchid 280
      Bha ’m beithe na chaman grinn aotram ach bha e uamhasach furasda bhristeadh.
  • I.3. The name of the letter b. See also beith-luis-nuin n.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 9 68
      Thug iad [sc. na Ceiltich] ainmeannan nan craobh uime sin air na litrichean a bha iad a cur gu feum. Bha A a seasamh airson Ailm; B airson Beithe; C airson Callduinn; D airson Darrach; agus mar sin air aghaidh.
    • 1994
      Gairm 166 149
      Chunnaic sinn, anns an ath-shealladh litrichean na h-aibidile ... A = Ailm, B = Beith.
  • II. As a modifier.
  • II.1. With CRANN n. and CRAOBH n.: the birch tree; a birch tree.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees […] Craobh Bhethc [recte Bhethe] The Birch-tree.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann VIII 238
      Theid iad [sc. na h-Innseanaich] a mach air sgoth eutrom le lèus-sholusaibh a’ lasadh. Tha na leòis so air an deanamh de rùsg na craoibhe-beithe.
    • 1893
      Mac-Talla II No. 20. 3
      Sgoilt iad cuid do chraobhan beithe, agus theannaich iad r’a cheile iad mar a b’ fhearr a b’ urrainn iad le cranntairngean, agus thiodhlaiceadh an leanabh bheag so ann an eilean beag far a’ bheil cladh an aite.
    • 1956
      Gairm 18 117
      Bha […] an t-aon bu mhotha dhiubh [sc. an dà eilean air an loch] còmhdaichte gu h-iomlan le craobhan beithe is feàrna, agus bhiodh na feannagan a’ neadachadh ’nan geugan.
    • 1972
      Aitealan Dlu is Cian 10
      B’ann o phìos stoc craoibhe Beithe a thuit a’ bhìdeag rùisg aig mo chasan, ’s mi a’ sgoltadh chnapan fiodha air son teas geamhraidh.
    • 1988
      Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 51
      Ach theagamh gu bheil cuimhne aig cuid an seo air na làithean nuair a bha slatag den chraoibh bheithe baileach cumanta agus baileach feumail anns na sgoilean. ’S iomadh facal Beurla a chuir an t-slatag sin anns an òigridh.
    • 1988
      Spuirean na h-Iolaire 55
      Thòisich iad a’ dìreadh a’ bhruthaich eadar na craobhan beithe ’s na casan aca dol sìos anns an talamh bhog a bha làn còinnich.
    • 1996
      Faclan is Abairtean à Ros an Iar 73
      Crann m beithe […], pl cruinn bheithe […] It’s a birch tree, ’s e crann beith a th’ ann.
  • III. With a modifier denoting a type of birch tree.
  • III.1. With BEAG adj.
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 69
      B[etula] nana.—Dwarf birch. Gaelic: beatha beag (Fergusson), the small birch.
  • III.2. With BUIDHE adj.: the yellow birch tree.
    • 1841
      Ceann-iuil an Fhir-imrich 73
      Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh, maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar-siùcar bog, bèithe buidhe, agus leamhan lòin.
  • III.3. With CARRAIGEACH adj.
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 69
      B[etula] verrucosa—Knotty birch. Gaelic: beatha carraigeach, the rugged birch.
  • III.4. With CLUSACH adj.
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 69
      B[etula] pendula—Gaelic: beatha dubhach […] In Rannoch and Breadalbane: Beatha cluasach, the many (drooping) ear birch. (Stuart.).
  • III.5. With DUBH-CHASACH adj.
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 69
      B[etula] verrucosa—Knotty birch. Gaelic: beatha carraigeach, the rugged birch; beatha dubh-chasach, the dark-stemmed birch.
  • III.6. With DUBHACH adj.