CUR AIR BHOG: LÀRACH-LÌN FHACLAIR NA GÀIDHLIG AGUS IONAD FACLAIR NA GÀIDHLIG
[brath-naidheachd]
Air a phostadh le Ola air 9/11/23
Tha e na adhbhar toileachas dha Bòrd-stiùiridh is luchd-obrach Fhaclair na Gàidhlig an làrach-lìn ùr agus Ionad Fhaclair na Gàidhlig a chur air bhog aig Sabhal Mòr Ostaig, is iad a’ comharrachadh a’ 50mh ceann-bliadhna aca.
Bheir Faclair na Gàidhlig faclair eachdraidheil Gàidhlig a tha ùghdarrasail, uile-chùiseach is so-ruigsinneach gu buil tro leasachadh teicneolas ùr-nodha na faclaireachd. Thathar a’ cur Fhaclair na Gàidhlig ri chèile tro phrionnsapalan eachdraidheil, coltach ri Oxford English Dictionary (OED) agus Dictionary of the Older Scottish Tongue (DOST) agus bidh e na shàr eisimpleir cuide ris na faclairean sin is iad a’ leantainn traidisean na faclaireachd aig sàr ìre eadar-nàiseanta ann an Alba.
A thuilleadh air leasachadh shiostaman faclaireachd, earrannan faclair is sgioba faclaireachd, tha an luchd-obrach air obair dhìcheallach a dhèanamh a’ leasachadh an t-siostaim às-earrainn is sgrìobhaidh aca fhèin, Meanmna, gus an taisbean an làrach-lìn doimhneachd na h-obrach an lùib nan earrannan.
’S e iomairt chom-pàirteach fhad-ùine a th’ ann an Ionad Faclair na Gàidhlig eadar Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann, Ghlaschu is Shrath Chluaidh.
Tha an t-Ionad air a mhaoineachadh le Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.
Thuirt An Dr Gillian Rothach, Prìomh-sgrùdaire dha Faclair na Gàidhlig:
“Tha Bòrd-stiùiridh Fhaclair na Gàidhlig fìor thoilichte Ionad Faclair na Gàidhlig agus làrach-lìn ùr Fhaclair na Gàidhlig a chur air bhog.
“’S e clachan-mìle cudromach a th’ ann an Ionad Faclair na Gàidhlig, a tha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig, agus an làrach-lìn ùr is sinn a’ leasachadh a’ phròiseict eadar-oilthigh, Faclair na Gàidhlig, a th’ air cur roimhe sàr fhaclair barraichte na Gàidhlig a thoirt gu buil.
“Tha sinn an comain nam prìomh sponsairean againn, Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig, airson an cuid taic riatanach a leig leinn na clachan-mìle seo a ruighinn.”
Thuirt an Stiùiriche Rannsachaidh is Innleachdais aig Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Helen Cross:
“Tha sinn moiteil gun robh sinn an sàs ann an leasachadh Fhaclair na Gàidhlig bhon fhìor-thoiseach. Bidh an dà chuid, an t-ionad ùr is an làrach-lìn ùr, a’ neartachadh na Gàidhlig agus cultar is dualchas nan Gàidheal. Bu toil leam meal a naidheachd a chur air a h-uile duine a thug na pròiseactan gu buil agus tha mi a’ guidhe gach soirbheas leis an ionad is leis an làraich-lìn.”
Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:
“Is e ceum mhòr a tha seo airson Faclair na Gàidhlig, pròiseact ris a bheil Bòrd na Gàidhlig toilichte a bhith comasach taic a chumail. Bidh an làrach-lìn agus an t-ionad nan deagh ghoireasan do mhuinntir na Gàidhlig agus luchd-obrach a’ phròiseict.”
IONAD FACLAIR NA GÀIDHLIG AGUS LÀRACH-LÌN ÙR AIR AN CUR AIR BHOG
Air a sgrìobhadh le Ola air 13/10/23
Air a’ mhìos seo chaidh, chomharraich Sabhal Mòr Ostaig 50 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh agus bha sinn toilichte a bhith anns a’ cholaiste air an latha shònraichte sin.
Chleachd sinn an cothrom seo cuideachd gus an làrach-lìn ùr againn agus Ionad Faclair na Gàidhlig a chur air bhog. Chì sibh beagan dealbhan bhon tachartas gu h-ìosal.
Tha sinn air ar dòigh gun urrainn dhuinn na ciad eisimpleirean dhen obair againn a shealltainn dhan mhòr-shluagh. Mar sin, ’s urrainn dhuinn a bhith a’ mìneachadh na tha e a’ ciallachadh gun cruthaich Faclair na Gàidhlig faclair eachdraidheil Gàidhlig a tha ùghdarrasail, uile-chùiseach is so-ruigsinneach.
An seo, bu toigh leam taing a thoirt do Stevie Barrett nach robh comasach air tighinn dhan tachartas ach a rinn a dhìcheall an làrach-lìn a dheasachadh. ’S e Stevie a chuidich sinn nuair a bha sinn airson dèanamh cinnteach gu bheil inntridhean Faclair na Gàidhlig air an taisbeanadh ann an dòigh a tha cho soilleir ’s a ghabhas.
An deach linn? Cuiribh fios thugainn ma bhios beachd no moladh sam bith agaibh.
Tha sinn an dòchas gu bheil na ciad inntridhean a’ sealltainn na tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh agus carson a tha sinn feumach air sgioba nas motha! Tha sinn fortanach gu bheil am pròiseact air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, agus gu dearbh o chionn ghoirid chuir sinn iarrtasan a-steach dhan dà bhuidhinn. Ma bhios sinn soirbheachail, bidh sinn a’ sireadh fhacladairean ùra an-ath-bhliadhn’.
Anns an eadar-àm, tha sinn a’ dol a chumail oirnn a’ cur ris an làraich-lìn gus an obair againn a thaisbeanadh.
Sreath aghaidh C-D: An t-Ollamh Boyd Robasdan (Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig 2008-2018), Morag Campbell (Comhairle Maoineachaidh na h-Alba), Lorna Pike (a bha roimhe na Stiùiriche Faclaireachd)