Skip to main page content

Geanm-chnò

Air a sgrìobhadh le Tòmas air 02/10/2026

Geanm-chnò

Aig an àm sa dhen bhliadhna, chithear clann a’ trusadh nan geanm-chnòthan anns a’ phàirc. Bidh cuid air an cur gu feum airson sabaid gheanm-chnò.

Tha facal eile orra aig nigheanan an sgrìobhadair seo: *concairean. ’S dòcha an ceann greis gum b’ fhiach e inntreadh a dhèanamh air siud, ged nach eil e air nochdadh ann an clò gu ruige seo!

Ach dè an seòrsa chestnut air a bheil sinn a-mach?

San inntreadh againn, an-ceartuair, chan eil sinn a’ sònrachadh gnè àraid sam bith.

Ann an Alba san latha an-diugh tha an horse chestnut (Aesculus hippocastanum) agus an sweet chestnut (Castanea sativa) againn. Chan eil fear seach fear dhiubh air am meas dùthchasach, ach chaidh am planntachadh gu sònraichte faisg air taighean mòra thar nan linntean – co-dhiù bhon 16mh linn airson an sweet chestnut agus bhon 17mh/18mh linn airson an horse chestnut. 

Ann an àrainn Caisteal Chùl Dà Leothad (Castle Leod), faisg air Srath Pheofhair, tha sweet chestnut a thathas a’ cumail a-mach a chaidh a chur ann an 1550 le Iain MacCoinnich (mu  1480 – mu 1561), 9mh ceann-cinnidh Chloinn MhicCoinnich.[1] Tha craobh den aon ghnè a dh’fhaodadh a bhith trì ceud gu leth bliadhna a dh’aois ann an gàrraidhean Caisteal Inbhir Aora.[2] A thaobh an horse chestnut, a rèir aithris bha a leithid de chraobh a’ fàs anns na Crìochan a chaidh a chur airson Aonadh nan Crùintean a chomharrachadh ann an 1603. Ach fhuair i bàs anns an dàrna leth dhen 20mh linn.[3] Tha eisimpleir eile air mhaireann air faiche Caisteal Ghlamais, ann an Aonghas, a chuireadh, thathas ag ràdh, ann an 1746 airson Blàr Chùil Lodair a chomharrachadh.[4]

A’ rùrach anns na tùsan airson eachdraidh an fhacail geanm-chnò, saoilidh mise gu bheil corra eisimpleir susbainteach de mhì-thuisge co-cheangailte ris.

Alasdair mac Mhaighstir Alasdair agus an Chesnut

An dà theisteas as tràithe a tha againn air an fhacal tha iad ann am briathrachan Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair a dh’fhoillsicheadh san 18mh linn:

1741 Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 66
Garran do chrannuibh do Geamn-chno [recte Geanm-chno] | A Grove of Chesnut-trees.

1741 Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 67
Do Thaobh Mease. Of Fruits. | Geanm-chno A Chesnut.

Anns na h-às-earrannan seo, ’s ann a-mach air a’ chnò fhèin a tha am facal. Ach gheibhear e cuideachd an cois craobh, mar atharraiche, airson a bhith a’ ciallachadh a chestnut tree:

1741 Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 67
Do Thaobh Chrannabhmeasa. Of Fruit-Trees. | Craobh gheanm Chno A Chesnut-Tree.

Gheibhear eisimpleirean eile san inntreadh far a bheil geanm-chnò leis fhèin a-mach air a’ chraoibh, seach an cnò a-mhàin. 

Ach, ’s e a tha cudromach a) nach eil teisteas nas tràithe againn air na 1741, agus; b) tha a h-uile coltas ann gum b’ e an sweet chestnut a bu chiall dha.

Chaidh an cnò ainmeachadh am measg liosta de mheasan a ghabhadh ithe, agus cha ghabh ach an sweet chestnut ithe. Cuideachd, b’ ann a bha e na eadar-theangachadh air a’ Bheurla chesnut. Mar a leughar anns an OED, bha chesnut, chestnut is riochdan eile mar as àbhaist anns an 18mh linn a’ ciallachadh a’ ghnè Castanea. Cha b’ ann gu 1842 a tha teisteas againn air chestnut air a thoirt air Aesculus hippocastanum (a’ chraobh, no am meas). Tha horse chestnut aca, air an làimh eile, a’ dol air ais gu 1611 ach bha sin, a rèir coltais, sa bhitheantas air a shònrachadh gus a sgaradh bhon sweet chestnut.

Carson, ma-thà, as e geanm-chnò a tha air ann an Gàidhlig?

San inntreadh, an-ceartuair, tha e air innse gu bheil freumh na ciad eileamaid, geanm, mì-chinnteach. Ach, tha beachd reusanta ann a bhiodh ga shoilleireachadh.

Anns a’ chlàr-mhìneachaidh aige air Dain Iain Ghobha, foillsichte ann an 1896, sgrìobh an Dr Seòras MacEanraig (Dr George Henderson, 1866–1912) na leanas:

Geanm-chno, 183, iv., chest-nut, founded on a false etymology of Lat. castanea.[5]

Ann am freumh-fhaclair MhicBheathain, leughar:

Geanm-chnò, chestnut, Ir. geanmchnú: “chastity tree;” a mistaken translation of Lat. castanea, chesnut, as if from castus, chaste.[6]

An uair sin, ann am meadhan an 20mh linn, thug deasaichean obair faclaireachd Edward Lhuyd luaidh air an fhacal ann am briathrachan Mhic Mhaighstir Alasdair:

MacDonald CRAOBH GHEANM CHNO, the latter a literal translation of the English.[7]

Saoilidh mi gu bheil coltas na fìrinn air seo uile; gur e eadar-theangachadh cuimseach ùr-nodha a tha ann an geanm-chnò air a’ Bheurla ches(t)nut leis an tuigse gum b’ e chaste a’ chiad eileamaid, agus gun robh siud fhèin a’ freagairt ris an Laidinn Castanea, stèidhichte air castus – ‘chaste’, fìorghlan, beusail, geanmnaidh. 

Dh’fhaodadh nach fheumadh fios a bhith aig neach air an Laidinn; gum b’ e ‘chaste’ an tuigse chumanta air an eileamaid ann am Beurla, agus leis gun robh riochdan ann am Beurla Ghallta, co-dhiù san 17mh linn, chastan agus chastnut a tha fiù ’s nas fhaisge air ‘chaste’.

Ach, bha làn-fhios aig Alasdair mac Mhaighstir Alasdair air an Laidinn cho math ris a’ Bheurla agus ris a’ Bheurla Ghallta.[8] Cho fad ’s as aithne dhuinn b’ e fhèin a chruthaich am facal seo airson an fhaclair aige – am measg, faodaidh sinn a bhith cinnteach, àireamh mhath de dh’fhaclan eile.

Puing an aghaidh seo, ’s e geamnaidh agus chan e geamn an gnàth-riochd air a’ bhuadhair ‘chaste’ ann an Gàidhlig. Ach, chan eil e mì-àbhaisteach ann an dualchainntean a bhith a’ gearradh deireadh facail, gu sònraichte airson faclan a chur ri chèile. Gheibhear teisteas dheth mar ainmear, co-dhiù, ann am faclair MhicAilpein ri taobh geanmnaidh fhèin:

1832 MacAlpine The Argyleshire Pronouncing Gaelic Dictionary 140
GEANM, génum, n. f. chastity. 

A thuilleadh air sin, lorgar facal eile air an chestnut a tha fiù ’s nas fhollaisiche:

1828 Dictionarium Scoto-Celticum 243
CNO-GHEAMNUIDH [sic], -GHEANMNUIDH, -MHAN-GEAMNUIDH [sic], s. f. A chesnut: castanea C[ommon] S[peech].

An e leudachadh air geanm-chnò a tha seo, no oidhirp eile air ches(t)nut/castanea a thuigsinn ann an Gàidhlig? Tha am faclair ag innse gun robh e ann an cainnt an t-sluaigh, ach cha d’ fhuaireadh eisimpleir de cnò-gheanmnaidh (is riochdan eile) ann an Corpas na Gàidhlig. A dh’aindeoin sin, tha e a’  togail ceann ann am faclairean, leithid Dwelly.

Seo a’ chiad mhì-thuigse, ma-thà: chan e ‘ geanmnaidh’  no ‘chaste’ a bu fhreumh do chestnut ann am Beurla. 

Mar a tha an OED ga mhìneachadh, thàinig Meadhan-Bheurla chasteine bho Sheann-Fhrainigs chastaigne, Laideann castanea, agus bho Sheann-Ghreugais καστανέα no κασταναῖον κάρυον, ‘cnò Chastana’. ’S dòcha gur e baile a bha seo; tha Καστάνιανη (Kastaniani) anns a’ Ghrèig fhathast, agus tha e coltach gu bheil e ainmichte air a chuid gheanm-chnòthan.

Geanmchnó ann an Gàidhlig na h-Èireann

Airson cùisean a dhèanamh nas toinnte, tha facal co-dhàimheil ann an Èirinn. Gheibhear geanmchnó ann am Foclóir Uí Dhónaill (1971), mar eisimpleir. Ach, tha seo air a chomharrachadh mar fhacal a bha ann an litreachas a-mhàin.

Nuair a nithear rannsachadh air a shon ann an Corpas Stairiúil na Gaeilge, chan eil e ach ri lorg anns an teacsa Luibhleabhrán (1900), deasaichte le F. Edmund Hogan et al.  Tharraing siud, gu h-inntinneach, air tùsan Albannach airson geanmchnó feadhaich agus geanmchnó fiadha. Ach airson geanm-chnó fhèin ’s e faclair Beurla–Gàidhlig na h-Èireann Daniel Foley (1855) an t-ùghdarras, agus an cois crann geanmchnú, ’s e làmh-sgrìobhainn le Eugene O’Curry (1840) a tha ainmichte. 

Cha tèid againn air faighinn a-mach cò às a fhuair iadsan am fiosrachadh seo – ’s dòcha gun innis Foclóir Stairiúil na Gaeilge dhuinn uaireigin. Bhon fhianais a tha againn, ge-tà, tha na tùsan Albannach gu math nas tràithe, agus tha geanm-chnò nas stèidhichte san dùthaich seo. Chuirinn geall gum b’ e iasad à Alba a bha ann a ghabh a-steach luchd-cruinneachaidh briathrachais Èireannach, dìreach mar a dhèanadh na h-Albannaich le faclan Èireanach airson an liostaichean fhèin (faic castan gu h-ìseal).

Buaidh a’ Bhìobaill

Fhuair geanm-chnò àite nas seasmhaiche ann an Gàidhlig, às dèidh nan ciad theisteasan ann am briathrachan Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair, air sgàth ’s gun deach a chleachdadh dà thuras anns an eadar-theangachadh air an t-Seann Tiomnadh. Mar eisimpleir:

1783 Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Gen. 30: 37
Agus ghabh Iacob dha féin slatan glasa do’n chritheach, agus do’n challdainn, agus do chraoibh nan geanm-chnù; agus rùisg e annta stialla geala, agus leig e ris an geal a bha ’sna slataibh.

B’ e tionndadh Gàidhlig a bha ann an ‘[c]raoibh nan geanm-chnù’ air a’ Bheurla ann am Bìoball an Rìgh Seumas (1611): ‘chesnut tree’. San dol seachad, bha seo eadar-dhealaichte bhon eadar-theangachadh ‘clasaigeach’ aig Uilleam Bedell, ath-dheasaichte le Raibeart Kirk, ann an An Biobla Naomhtha (1690): ‘do chrann cnobhfrancach’. Ach, mun àm a bha na h-eadar-theangairean a’ teannadh ri Gàidhlig a chur air an t-Seann Tiomnadh gu ceart, bha teacsa oifigeil ri làimh aig an SSPCK fhèin, .i. Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla (1741), a’ cuideachadh le briathachas coimheach leithid ‘chesnut’.

Chun an latha an-diugh, ’s e ‘de chraoibh nan geanm-chnò’ a lorgar anns a’ Bhìoball Ghàidhlig –– chaidh an dreach as ùire dhen t-Seann Tiomnadh fhoillseachadh ann an 1992. Mar sin, leughadh ginealaichean de Ghàidheil am facal anns an Leabhar agus tha mac-talla fann ann an tùsan Gàidhlig eile. Mar eisimpleir, an tarraing aig Iain Gobha na Hearadh (1790–1852) air an aon earrainn anns an dàn ‘An Àirc’:

a1852 [pub. 1892] Dain Iain Ghobha I 183
Slatan glas nan craobh calltuinn | Chriothionn cham us gheanm chno | Ge bu dorch iad ri ’n amhrac [sic] | Bhiodh ’n gil’ annta fo sgleo.

Fiù ’s ged nach fhaca Gàidheal geanm-chnò de ghnè sam bith, dh’fhaodadh gum biodh beachd air choireigin aca air a’ chraoibh bhon fhoghlam aca.

Ach ’s e an dàrna mì-thuigse nach e ‘chestnut’ a tha sgoilearan a’ Bhìobaill a’ smaoineachadh a bu chòir a bhith an seo idir. ’S e ‘plane trees’  a tha an New International Version (2011) agus an English Standard Version (2016) a’ cleachdadh – agus tha ‘plána’ fiù ’s ann an An Bíobla Naofa (1981), an tionndadh as ùire ann an Gàidhlig na h-Èireann.

Casnaicd agus Castan

Greis mhath mus do nochd na ciad theisteasan againn de geanm-chnò, lorgar an t-iomradh as tràithe as aithne dhomh den chestnut ann an Gàidhlig na h-Alba. Bha sin ann am briathrachan Raibeirt Kirk:

a1692 [pub. 1702] Kirk Vocabulary 339
Casnaicd | a Chesnut-tree.

Tha coltas air seo gum b’ e Gàidhealachadh a bha ann air fuaim an fhacail chesnut, no chas(t)nut ann am Beurla Ghallta. Ach tha e annasach. Chan eil am facal, no riochd soilleir eile dheth, ri fhaotainn ann an tùsan nas anmoiche. A-rithist, dh’fheumamaid fhaighneachd an robh e dha-rìribh air beul an t-sluaigh, can ann an siorrachd Pheairt far an robh Kirk a’ fuireach, no an do chruthaich e a dh’aona-ghnothaich e airson an liosta fhaclan aige?

An uair sin, tha am facal castan cuideachd againn air ‘chestnut’ no an ‘sweet chestnut’ (Castanea sativa) ann am faclairean chun an latha an-diugh. Cò às a tha siud? 

Mar as àbhaist, chuirinn earbsa ann am faclair an Ath. Eòghann MacEachainn (1792–1849), agus e a’ feuchainn ri faclan coimheach Èireannach a sheachnadh agus cumail dlùth ri dualchannt Àrasaig aige fhèin:

1842 Mac Eachainn Faclair Gailig us Beurla 66
Castan, -ain, -an, f. a chesnut.

Seo an teisteas as tràithe a chaidh lorg dheth:

1828 Dictionarium Scoto-Celticum 197
CASTAN, -AIN, -AN, s. f. A chesnut: castanea. Bibl. Gloss.

Gu feumail, chomharraich deasaichean an Dictionarium, .i. ‘Faclair a’ Chomainn Ghàidhealaich’, gun d’ fhuair iad am facal bho ‘Glossaries of Gaelic and Irish Bibles’. Chan fhaighear lorg air ann an Clàr-mìneachaidh no nòtaichean Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh (1783; 1786). Ach, tha e anns an leudachadh a rinn Séamus Ó Broin eadar 1736 agsus 1739 air clàr-mìneachaidh Raibeirt Kirk do An Biobla Naomhtha (1690). 

a1739 [pub. 1907] Egerton 158 Glossary 152
Castán, a chesnut.

An robh iad eòlach air an làmh-sgrìobhainn seo? No a bheil iad a-mach air briathrachan eile?

Mar a the eDIL a’ sealltainn, tha na h-eisimpleirean as tràithe dhen fhacal – m.e., ‘na cnadh coill ┐ na castáinidhe’, na cnòthan-calltainn is na castain, ri lorg ann an tionndadh sa Ghàidhlig Èireannaich air Corpus Astronomiae a rinn an Conallach Maghnus Ó Domhnaill ann an 1694. Agus, gu h-iongantach, b’ ann bhon Spàinntis a bha seo seach an Laideann.

Ged a tha castán gu soilleir stèidhichte air an Laidinn castanea, an ‘sweet chestnut’ no ‘Spanish chestnut’, dh’fhaodadh gun tàinig e a-steach do Ghàidhlig na h-Èireann bhon Spàinntis castaña. (Air neo, ’s dòcha gun robh e ann mar-thà bhon Laidinn, bhon t-Seann-Fhraingis no Meadhan-Bheurla!).[9]

’S e a-nis an gnàth-fhacal anns a’ Ghàidhlig Èireannaich air a’ chraoibh agus cnò na craoibhe. A thaobh Gàidhlig na h-Alba, ge-tà, chan eil làthaireachd aig castan ann an Corpas na Gàidhlig no tùsan eile a dh’aindeoin ’s gum bi e a’ togail ceann ann an toraidhean faclair air an ‘sweet/Spanish chestnut’. Chante gur e ‘facal nam faclairean’ a tha ann, agus gun d’ fhuair sinn e bho na h-Èireannaich.

A’ trusadh Gheanm-chnòthan

Chan eil geanm-chnò ro chumanta mar fhacal – cha robh craobh chestnut de sheòrsa sam bith ro chumanta ann an ceàrnaidhean dùthchasach nan Gàidheal!

Ach, tha e ga chleachdadh ann an litreachas bhon 19mh linn chun an latha an-diugh. Agus nuair a bheir sinn sùil air ann an co-theacsa bha e cha mhòr an-còmhnaidh a-mach air Castanea sativa, an sweet chestnut a ghabhadh ithe no a’ chraobh fhèin a ghabhadh am fiodh aige a chleachadh:

1965 Gairm 52 325
Ceapairean Neo-mhilis […] Grùthan measgaichte le geanm-chnò, uinnean, meas a’ chroinn ola.

1997 Gairm 178 123
’S ann air fiodh beithe neo geanm chnò a bhitheas e a’ dèanamh nan cromagan agus bidh e a’ cur calltainn gu feum airson nan lorgan.

2001 The Scotsman (5 December) 14
Tha iad air co-dhùnadh, ma thèid pìosan de dh’fhiodh geanm-chnò a cheangal ris na uèirichean, eadar na puist, gum faic na h-èoin iad agus gun toir e rabhadh dhaibh gu bheil iad ann an cunnart.

Bho àm gu àm a tha nan cnòthan gan ainmeachadh ann an reasabaidhean, m.e.:

2017 Fuine: BBC ALBA (1 May)
Measgaich a-staigh na fraochagan agus na geanm-chnòthan. Cuir seo ann an soitheach paidh agus cur còmhdach pastraidh air.

Ach, nuair a dh’èisteas sinn ris a’ chòcaire fhèin, Màiri Anna NicCoinnich, air a’ phrògram telebhisein chan eil i a’ cleachdadh an fhacail idir ach ag ràdh, ‘tha mi a’ cur na ceithir unnsaichean dhe na chestnuts and ceithir unnsaichean dhe na cranberries ann’.[10] Tha fios gu bheil e nàdarra Beurla a chleachdadh airson nithean mì-àbhaisteach.

Ged a tha an fhianais gu làidir airson an geanm-chnò a cheangal ris an sweet chestnut, bho chionn ghoirid saoilidh mi gum biodh daoine buailteach a thoirt air an horse chestnut, agus gu h-àraid na conkers.

B’ e an horse chesnut a nochd ann an toiseach dàn Henry Wadsworth Longfellow (1807–1882), ‘The Village Blacksmith’, luaidhte an seo:

1989 Gairm 149 62
Cha robh diofar eadar a’ cheàrdach air am biodh Eògan ’s a cho-aoisean a’ tadhal air an rathad dhachaigh às an sgoil, ’s a’ cheàrdach aig a’ bhàrd Ameireaganach [sc. Longfellow], ach nach robh craobh geanm-chnò idir os chionn ceàrdach Bhaile an t-Srath.

Anns a’ phrògram-chloinne Rita is Crogall, tha na caractaran a’ dol ‘for a walk in the forest to collect as many conkers as they can’. Gu follaiseach a-mach air sìol mòr donn an horse chestnut, seo mar a chaidh eadar-theangachadh:

a2020 A’ Choille, Rita is Crogall: BBC ALBA (11 November)
Tha Rita agus Crogall a’ gabhail cuairt anns a choille agus tha iad a’ trusadh tòrr gheanm-chnòthan.

Uaireannan, tha e mì-chinnteach dè a’ chraobh gu mionaideach a tha ann. Mar eisimpleir, leughainn fhìn seo air a’ chiad sealladh mar horse chestnut, ach bhiodh an sweet chestnut a’ freagairt a cheart cho math:

2024 Chaimbeul Far na Slighe [n.p.]
Thug an dithis aca sùil air dealbh air a’ bhalla nuair a choisich iad seachad air: Art, Joni agus am pàrantan fo chraobh gheanm-chnò mhòr.

Chithear ann an cuid de leabhraichean air ainmean nan lusan ann an Gàidhlig, leithid Gaelic Names of Plants, Fungi & Animals (1999) air a chur ri chèile le Ellen I. Garvie, gur e geanm-chnò fhiadhaich (no geanmchnò fhiadhaich) a tha air Aesculus hippocastanum, an horse chestnut, airson a sgaradh bho Castanea sative, an sweet chestnut.[11] Tha seo gu math reusanta agus tha e a’ leantainn Gaelic Names of Plants (1883) le Iain Camshron, a bha e fhèin stèidhichte air liosta de bhriathrachas le Charles Fergusson a nochd ann an Transactions of the Gaelic Society of Inverness ann an 1878.  ’S dòcha gum b’ e e fhèin a rinn am facal, agus air deagh adhbhar.[12]

Chan eil e coltach gu bheil for aig daoine air geanm-chnò fhiadhaich mar fhacal, agus nan cleachdadh iad geanm-chnò idir cha dèanadh iad sgaradh eadar an dà chraobh co-dhiù.[13] Leis gu bheil an horse chestnut nas bitheanta ann an Alba a-nis, bhiodh teansa ann gur e sin fiù ’s prìomh chiall an fhacail.

Seo, ma-thà, a’ mhì-thuigse mu dheireadh. Dh’atharraich ciall geanm-chnò bho nochd e an toiseach san 18mh linn. San latha an-diugh, bidh dà ghnè de chraoibh gu math eadar-dhealaichte fo sgèith an aon fhacail. 

Co-dhùnadh

Tha sgeulachd an fhacail geanm-chnò ùidheil stàthail airson meòrachadh air mar a tha faclan ùra air rudan coimheach air an stèidheachadh agus mar a tha, no nach eil, iad a’ sgapadh ’s air an cur gu feum le luchd-labhairt. 

Chithear cunnart nan liostaichean-fhaclan ’s nam faclairean. Cuideachd, ’s dòcha gum faicear a’ bheàrn eadar na tha ann am faclairean – no, gu dearbh, na bhios a’ nochdadh ann an toraidhean corpais sgrìobhte – agus na bhios air beul an t-sluaigh.

Tha mi dhen bheachd gu bheil diofar sheòrsaichean de mhì-thuigse co-cheangailte ris. Chan eil a’ gheanm-chnò de ghnè sam bith dùthchasach, mar sin dh’fheumte facal ùr a chumadh air a shon. Chuirinn taic ris an argamaid gur e eadar-theangachadh a bha ann air ches(t)nut, fo bhuaidh na Laidinn castanea, stèidhichte air a’ mhìneachadh ‘chaste’ no geamn(uidh). Bha siud ceàrr, ach bha e an uair sin steigte. Tha deagh theans ann gum b’ e Alasdair mac Mhaighstir Alasdair fhèin a rinn am facal san 18mh linn airson bèarn na bhriathrachan a lìonadh. Cia mheud eisimpleir eile a tha ann mar sin? (Air neo, dh’fhaodadh gun robh am freumhachadh faoin (folk etymology) ann mar-thà.)

Gu h-iongantach, chleachd Raibeart Kirk (bàs. 1692) is Edward Lhuyd (bàs. 1709), an Dictionariolum trilingue (1675) le John Ray, agus chleachd Alasdair mac Mhaighstir Alasdair (bàs. 1770) leabhar-teacsa Beurla-Laideann a bha e fhèin stèidhichte air an Dictionariolum.[14] Far an do choinnich cànanan, gu sònraichte Beurla is Laideann, ris a’ Ghàidhlig ann an liostaichean fhaclan tràtha sin nuair a gheibhear cuid de na ciad teisteasan (first attestations) a tha againn air briathrachas, ach cuideachd sin far an robh cothrom ann faclan ùr-chruthaichte, agus mearachdan tuigse is litreachaidh, a ghabhail a-steach. Mhaireadh cuid dhiubh anns a’ chànan an aon chuid mar fhaclan taibhse ann am faclairean eile no ann an raointean na b’ fharsainge.[15]

Chaidh gabhail ri geanm-chnò gu coitcheann air sgàth ’s gun do nochd e dà thuras ann an eadar-theangachadh Gàidhlig an t-Seann Tiomnaidh (ann an Genesis 30:37 agus Eseciel 31:8), a dh’fhoillsicheadh 1783–1786. Tha e coltach gun do thogadh e bho fhaclair Alasdair mhic Mhaighstir Alasdair. Ach, ’s e mì-thuigse eile a bha seo, mar a bha ann am Beurla Bìoball an Rìgh Seumas. Bidh tionndaidhean ùra dhen t-Seann Tiomnadh a’ mìneachadh עַרְמוֹן (ar-mone') mar ‘plane tree’ seach ‘chestnut’ – .i. pleantrainn. A dh’aindeoin sin, tha geanm-chnò anns a’ Bhìoball Ghàidhlig chun an latha an-diugh. 

Mu dheireadh, tha mì-thuigse ann a-nis a bheil geanm-chnò a-mach air an sweet chestnut no an horse chestnut. (Agus ’s e adhbhar a tha seo nach eil san inntreadh againn an-dràsta ach am mìneachadh farsaing: ‘A chestnut, the fruit of the chestnut tree’.) Bidh e air a chleachdadh airson na dà chuid, ach’s e craobhan gu tur eadar-dhealaichte a tha annta nach eil fiù ’s anns an aon teaghlach. Bho thùs agus airson na cuid as motha dhen fhianais bha e a’ ciallachadh Castanea sativa, an sweet chestnut. Ach, dh’fhàs Aesculus hippocastanum, an horse chestnut, tòrr na bu chumanta ann an Alba. ’S dòcha nach eil toraidhean sgrìobhte buileach a’ sealltainn na troimh-chèile ann an cainnt.

Chan e obair faclair eachdraidheil a bhith ag innse dè na faclan a bu chòir do dhaoine a chleachdadh, agus ciamar a bu chòir an cleachdadh. ’S ann a tha a leithid de dh’fhaclair a’ leantainn fianais an luchd-cleachdaidh tro na bliadhnaichean. Ach, nam biodh Comataidh Briathachais againn ’s e deagh eisimpleir a tha ann an geanm-chnò, agus na tha e a’ riochdachadh, air briathar a ghabhadh soilleireachadh. 

Chan eil geanm-chnò fhiadhaich sàsachail mar fhacal fa leth don horse chestnut, air sgàth ’s gur e spèiseas neo-dhàimheach a tha ann, agus chan eil e nas fhiadhaiche. Na àite, dh’fhaodamaid gabhail ris gur e geanm-chnò a tha air a’ chraoibh is a chuid conkers – ge be an tùs neònach a bha aige – agus facal sgiobalta fa leth a chur gu feum airson an sweet chesnut. Dhèanadh castan a’ chùis glè mhath, agus e ann am faclairean a’ dol air ais gu math fada stèidhichte air an Laidinn Castanea. Bhiodh siud cuideachd a’ leantainn ciall castán ann an Gàidhlig na h-Èireann. Tha an aon mholadh, gu h-inntinneach, aig an Fhaclair Bheag (geanm-chnò, castan).

Ach, ’s e aon rud a tha ann am faclairean a bhith a’ moladh rudeigin agus rud eile a tha ann an cleachdadh cànain.

Cha do lorg mi cunntas air geama nan geanm-chnòthan ann an Gàidhlig. Cha robh an nòs Breatannach seo, a thòisich mu mheadhan an 19mh linn, ri fhaighinn far an robh na Gàidheil. Cha robh, ach tha a-nis. Agus bu chòir Gàidhlig a bhith ann air a shon!

T. MacAilpein (2026)

 


[1] Charlton Clark, deas., Heritage trees of Scotland (Dùn Èideann: Forestry Commission Scotland, 2006), tdd 238–239.

[3] Clark, Heritage trees, tdd 24–25.

[4] Ibid., td. 129; airson na tagairt gun deach a cur airson cuimhneachadh air Blàr Chùil Lodair, faic: ‘Glamis Horse Chestnut’ , Ancient Tree Inventory, Woodland Trust (leughte 30.9.2026). 

[5] George Henderson, deas., Dain Iain Ghobha Vol. II (Glaschu: A. Sinclair, 1896), td. 336.

[6] Alexander MacBain, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language (Sruighlea: Eneas MacKay, 1911), td. 191.

[7] J. L. Campbell agus Derick Thomson, Edward Lhuyd in the Scottish Highlands, 1699–1700 (Oxford: Oxford University Press, 1963), td. 121, n. 32.

[8] Bha am faclair beag aige, Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla (1741), stèidhichte air an Dictionariolum Trilingue (1675) a chuir John Ray ri chèile. An sin, tha ‘A Chesnut’ ri taobh na Laidinn ‘Castanea’ a bharrachd air an riochd Greugais, faic td. 18 an seo.

[9] Tha castan ri lorg tòrr nas tràithe ann an Cuimris, bhon 14mh linn. Ach, chan aithne dhomh gun tug sin buaidh air a’ Ghàidhlig Èireannaich, seach gun robh iad le chèile a’ dèanamh cruth Ceilteach dhen Laidinn castanea.

[11] Ellen I. Garvie, Gaelic Names of Plants, Fungi & Animals (Slèite: Clò Ostaig, 1999), tdd 14, 20.

[12] Charles Fergusson, ‘The Gaelic Names of Trees, Shrubs, and Plants’, Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. VII (1877–89), td. 144.

[13] Gu dearbh, thog Dòmhnall Iain MacÌomhair ‘geanmchnò-fhiadhaich’ mar an seòrsa briathrachais a tha aig eòlaichean nach bi gnàth-Ghàidheil a’ tuigsinn. ‘Seallagain’, Stornoway Gazette (24 Cèitean 2001), 11. 

[14] John Considine, Small Dictionaries and Curiousity: Lexicography and Fieldwork in Post-Medieval Europe (Oxford: Oxford University Press, 2017), td. 208.

[15] Tha Campbell agus Thomson, Edward Lhuyd, td. 94., ga chur an cèill nas fheàrr:

Important as it is (it contains over 6,000 words) MacDonald’s Vocabulary suffers from two serious defects: it swarms with misprints, some of which have been copied into other dictionaries as ghost words, and it contains a large number of completely artificial terms manufactured to supply Gaelic equivalents of words in the original Latin-English vocabulary which were not actually known at all. Some of these have also acquired considerable longevity through copying.