Skip to main page content

calltainn n.f./m.

[Cf. coll n.]

forms

singular

nominative

genitive

dative

senses

  • I.1. The hazel tree; a hazel tree. Also collective.
    • 1829
      Orain le Rob Donn 281
      Gleidhidh ’n talamh chun an t-samhraidh, | Sin a chrann e ’n dràsd, | Beath is calltuinn latha-bealltuinn, | Gealltanach air fàs.
    • a1779
      Songs of John MacCodrum (1938) 50
      ’S mairg a mhol | A’ Mhórthir sgnogach | Air son stoban calltuinn.
    • 1783
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Gen. 30: 37
      Agus ghabh Iacob dha féin slatan glasa do’n chritheach, agus do’n challdainn, agus do chraoibh nan geanm-chnù; agus rùisg e annta stialla geala, agus leig e ris an geal a bha ’sna slataibh.
    • 1829
      An Teachdaire Gaelach I 8
      Bha mi siubhal tre ghleann bòidheach tiòrail, far an robh frith choille Challtuin agus Bheithe.
    • 1850
      Fear-tathaich nam Beann XXIV 736
      Anns an t-samhradh ’s beag nach biodh am bothan so air fholach gu buileach leis a’ bheithe, leis a’ challduinn, ’s leis an rainich a bha ’fàs gu h-ùror, dosrach mu’n cuairt air.
    • 1881
      Nicolson Proverbs 335
      Oidhche Challuinn, bu math cuilionn ’us calltuinn a bhi ’bualadh a chéile. A windy night was considered a good sign of the season.
    • 1884
      campbell Poems 7
      ’S an aird ri taobh n’ an alltan, | Tha ’n calltuinn cuir a sgàil, | Is tric chuir tìm air chall oirnn, | Le mhoguill bhuidhe-bhàn.
    • 1912
      Dùn Àluinn 24
      Bha challtuinn ghlas, gheugach a’ lùbadh, gach foghar, fo h-eallach chnù.
    • 1913
      Lost Pibroch 47
      Anns a’ choille challtuinn ri taobh na slighe bha rùsg nan craobh òg a’ seasamh a mach cho dìreach ris an t-seilistear.
    • 1944-46
      hay Collected Poems 151
      Fann torghan uisge chaisreagaich | an clais an uillt, fo shlatagaibh | a’ challtainn ’s a’ bheithe bhachlagaich | ’s fon bharrach ùr.
    • 1950
      Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 44
      Bha na h-uillt bhòidheach bhinne crònanaich thun an tràigh, agus bha calltainn an fhàile chùbhraidh a’ toirt phòg dhaibh san dol seachad.
    • 1957
      Gairm 19 274
      Ameasg nan Ceilteach o shean bha iomradh air a’ challtuinn mar Chraoibh an Eòlais.
    • 1976
      Bith-Eòlas 107
      Tha càirdeas de’n t-seòrsa seo eadar fungi agus iomadh seòrsa craoibh agus badaig—an giuthas, an calltuinn, a’ bheithe agus an aiteann mar eisimpleir.
  • I.2. The wood of the hazel tree.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 319
      ’S math a dh’ fhònas leam a gheadhach | Shliom, ghlas, laghach, ga’ d’ mharbhadh: | Ceapog bhog challtainn gun chorran, | Gun ghuin, gun oirin, gun chalg orr’, | A lotas do theanga ’s do cholunn.
    • 1851
      caimbeul Orain 40
      Co ghlacadh armachd, ’s a sheasadh calma, | Gu duineil, dearbhta, air taobh na rìo’achd, | Ach sean mhairt Aireach, ’s muilt mhaol’ bhàna | [...] | ’Us buachaill Ghallda le ’n cuaille chàlltuinn, | ’G an toirt á fang ’s ’g an cur anns an strì?
    • 1881
      Clàrsach na Coille 160
      Ma thionndas iad am baiteal ruinn | Gu ’n smùidear leis na slachdain iad, | Le buillean dhòrn ’s le bataichean | De ghlas-darach ’s de challtuinn.
    • a1899
      Carmina Gadelica VI (1971) 12
      Bata calltainn.
    • 1904
      Mac-Talla XII No. 15. 118
      Tharruing iad air falbh còmhla, gach aon le sgùlan aige, a bh’ air a dheanamh le slatan calltainn.
    • 1917
      An Ròsarnach I 98
      ’S cha bhiodh teintean an Srath-Chaomhain, fad a’ gheamhraidh, air nach biodh an seileach ’s am beithe ’s a’ challduinn a’ dìosganaich a chum ’s gu ’m biodh e na b’ fhusa an cumadh a b’ fhèarr a thoirt air bas is cas a’ chamain.
    • 1937
      Am Measg nam Bodach 13
      Rinn e cathair dà-laimhe do m’ athair, le callduinn ás a’ choille, is tha i agam fhathast.
    • 1983
      Gairm 122 128
      ’Se ribe iongantach a th’anns a’ chliabh agus tha mòran do sgilean an iasgair a’ dol san dèanamh … eadar màs-fiodha agus asnaichean challtainn ’s an uairsin lìon a shnìomh gu pongail a chòmhdaicheas e.
    • 1986
      Seann Taighean Tirisdeach 19
      Cha robh stuadhan idir air na seann taighean ann an Tiriodh, ach cinn chruinn ris an abair iad hip-ends anns a’ Bheurla [...] ’S e darach a bu mhotha a bha iad ag ùisneachadh, agus calltainn cuideachd air uairean.
    • 1995
      Not an Orchid 281
      An caman calltuinn, o mur a faigheadh tu gum biodh a’chumadh nàdurra air ga bhuain, cha robh e uamhasach furasda lùbadh idir.
    • 1997
      Gairm 178 123
      ’S ann air fiodh beithe neo geanm chnò a bhitheas e a’dèanamh nan cromagan agus bidh e a’ cur calltainn gu feum airson nan lorgan.
  • I.3. The name of the letter c.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 9. 68
      Thug iad [sc. na Ceiltich] ainmeannan nan craobh uime sin air na litrichean a bha iad a cur gu feum. Bha A a seasamh airson Ailm; B airson Beithe; C airson Callduinn.
  • II. As a modifier.
  • II.1. With cnò n. a hazelnut.
    • 1890
      An t-Eileanach 289
      Bha bolg do mhin eòrna, bolg do chnothan calltuinn agus searrag uisge aige anns a’ bhàta bha sud.
    • 1911
      Aig Tigh na Beinne 97
      “Bha do chraiceann an sin cho geal ris a’ bhainne—” “Am feadh a tha e nis cho odhar ris na cnothan calltuinn a bhitheamaid a’ losgadh air Oidhche Shamhna”.
    • 2004
      Tocasaid ’Ain Tuirc 36
      Cha robh e riamh air am faicinn: gall-chnothan liorcach agus cnothan cruinne calltainn.
    • 2004
      Tocasaid ’Ain Tuirc 67
      Seanchasan a bh’ air an deagh lìbhrigeadh [...] ’s cho brìoghmhor ri cnò challtainn.
  • II.2. With crann n. and craobh n.: the hazel tree; a hazel tree.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 64
      Do Thaobh Chrannabhmeasa Of Fruit-Trees [...] Crann Calltinn The Hazel-Tree.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 66
      Garran do chrannuibh Caltuinn A Grove of Hazel-trees.
    • 1893
      Dain Iain Ghobha I 183
      Slatan glas nan craobh calltuinn | Chriothionn cham us gheanm chno | Ge bu dorch iad ri ’n amhrac | Bhiodh ’n gil’ annta fo sgleo.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 8. 59
      Tha e air aithris nach b’ urrainn do na Ceiltich a thuigsinn ciamar a bha daoine a faotainn gibht na bardachd, agus fa dheireadh thainig iad do ’n chomh-dhunadh, gu ’n robh naoidh craobhan callduinn a fàs os cionn gach fuarain as am bheil abhuinn a sruthadh. Bha cnothan briagha dearga a fas orra, agus a tuiteam anns na fuarain. Bha am bradan ’g an sluigeadh agus bha gach duine a dh-itheadh am bradan sin a faotainn cumhachd na bàrdachd.
    • 1911
      Aig Tigh na Beinne 238
      Cò chunnaic mi, an saoil sibh, ’s mi ’tighinn a nìos an gleann, Ach Rob, aig taobh na drochaid, fo’n chraoibh challtuinn, aig a ceann.
    • 1957
      Gairm 19 274
      B’fhiosrach leotha [sc. na Ceiltich o shean] naoi craobhan calltuinn a’ ghliocais air na dh’fhàs na cnothan crò-dhearg a bheireadh eòlas na cruinne do neach sam bith a bhlaiseadh orra.