Skip to main page content

critheann n.m.

See also critheach n.

forms

singular

nominative

genitive

dative

vocative

plural

genitive

  • 1893
    Dain Iain Ghobha I 183 Slatan glas nan craobh calltuinn | Chriothionn cham us gheanm chno.

dual

dative

  • 1991
    Gairm 155 208 Mhothaich mi do dhà chrithean chaol.

senses

  • I.1.a. The aspen tree; an aspen tree. Also collective.
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 105
      Thàinig air an arm a dhol thar Abhainn Mhercy air sheòl eile, agus be sin coille chrithinn a bha ri taobh na h-aibhne a’ ghearradh agus seòrsa drochaid a dheanamh dheth na craobhan.
    • 1892
      Popular Tales III 139
      Bha aon suil ghlumach ’na ceann | Bu luaithe na rionnag gheamhraidh; | Craobh mhìneach chas air a ceann | Mar choill ìnich de ’n t-seana chrithinn.
    • 1893
      Dain Iain Ghobha I 183
      Slatan glas nan craobh calltuinn | Chriothionn cham us gheanm chno | Ge bu dorch iad ri ’n amhrac | Bhiodh ’n gil’ annta fo sgleo.
    • a1899
      Carmina Gadelica II (1900) 104
      Mallachd ort, a chrithinn chruaidh, | Ort a chrochtadh Righ nam buadh.
    • 1910
      Am Fear-Ciùil 228
      Mo shuilean an impis leum as mo cheann—m’ fhallus a’ sruthadh mu m’ ghruaidhean—m’ fhalt ’na sheasamh cho frionasach ri tom conaisg, ’s mi air chrith cho luath ri duilleig chrithinn.
    • 1911
      Aig Tigh na Beinne 131
      Bha a ciabhan glasa mar chrithionn fo chrith-reodha, a sios m’ a guailnean.
    • 1976
      Odusseia Homair 85
      Bha fearn’ ann ’s critheann [translating Gk. αἴγειρος the black poplar] is giuthas àirdead nan speuran, | craobhan bha tioram o shean ’s ro-chrìon ’s a shnàmhadh dha aotrom.
    • 1986
      Gairm 134 162
      Aig briseadh fàire air madainn gheamhraidh bha na craobhan geal le sneachd — a’ bheithe, an giuthas, an seudar, an critheann, feadhainn dhiubh cho àrd ’s gu robh mi den bheachd gu robh iad a’ ruighinn nèamh.
    • 1991
      Gairm 155 208
      Mhothaich mi do dhà chrithean chaol a’ fàs ri fasgadh creige.
  • I.1.b. In verse: the aspen tree in figurative context in reference to a person’s negative qualities.
  • I.2. The wood of the aspen tree.
    • 1964
      Gairm 49 11
      Tharraing Don Camillo maide a-mach fo ’fhalluing agus chuir e air beulaibh na h-altair e [...] “Och, Iosa, chan e darach th’ ann, ach critheann. Stuth aotrom sùbailte”.
  • II. As a modifier.
  • With crann n. and craobh n.: the aspen tree; an aspen tree.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid Of Barren Trees [...] An Crann Crithinn The Aspen or Quaking Asp-tree.
    • a1822
      MacLachlan’s Gaelic Verse (1937) 120
      Amhuil ’s craobh-chrithinn air lòn | Le stochd sleaghach còmhnard réidh, | Dosruich a’ cinntinn mu ’bàrr | ’S lùisreadh bhlàth air shlios a geug.
    • 1971
      Suathadh ri Iomadh Rubha 279
      Bha fàl ’na ghàradh-dìon air an lios, agus craobhan critheann a’ fàs air a feadh an sud ’s an seo.
    • 1996
      Faclan is Abairtean à Ros an Iar 35
      Far am beil na criubhan crithinn Is bios aid air chrith ann Gu bitheann aig droichid Pholl Iù.