Skip to main page content

cuileann n.m.

[eDIL cuilenn]

forms

Some earlier forms may be feminine.

singular

nominative

genitive

dative

senses

  • I.1.a. The holly tree; a holly tree. Also collective and figurative.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Isaiah 6: 13
      Mar an cuilionn [Heb terebinth, KJV teil tree] agus an darach, aig am bheil, ge do ghearrar a sios e, a bhonn a’ fantuinn, bidh siol naomha ’na bhonn do ’n chinneach so.
    • 1829
      Dughallach Orain 108
      Bha do chaoin mar aoidh an t-sioda [...] T-as-caoin gharg mar [...] chuillin bu lionmhor geurag.
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... 113
      Tha conasg gu cinnteach dhe taisbeanadh neo-chomhnard agus neo-chuimir ma dhearmaidear e, ach faodar a ghearradh agus a chumail cho cuimir ri callaid chuilinn.
    • 1881
      Nicolson Proverbs 335
      Oidhche Challuinn, bu math cuilionn ’us calltuinn a bhi ’bualadh a chéile. A windy night was considered a good sign of the season.
    • a1886
      Clàrsach nam Beann 124
      A fhleasgaich ud tha fathast saor, | Cum dùinte d’ uchd, mur ’eil thu ’n gaol | Air cridhe trom, air cadal faoin, | ’S do leaba bhi mar chuilionn duit.
    • 1892
      Popular Tales III 343
      ’S ann a shaoil mi roimhe riamh, | Nach cridhe feola ’bha ’na m’ chliabh; | Ach cridhe de ghuin na cuilinn | Air a chomhdachadh le stailinn.
    • a1899
      Carmina Gadelica II (1900) 154
      Ulc a dhean mo lochd | Gu’n gabh e ’n galar gluc gloc, | [...] | Gu’m bu gointe, gointe, geuire, gairbhe, guiniche e, | Na’n cuilionn cruaidh cnea-chridheach.
    • 18..
      Meek Campbell Proverbs 29
      Beul milis is cridhe cuilinn.
    • a1915
      Watson in Rosg Gàidhlig 37
      Tha na h-ainmean a’ cumail cuimhne air aodann na tìre mar bha e bho shean, air na crannaibh a dh’ fhàs gu nàdurra mu’s deach seòrsan ùra a thoirt a steach bho dhùthchan eile—an giuthas, an darach, am beithe, an caorunn agus an cuilionn—air na boglaich a bha cho tric r’ am faighinn mu’s deach an talamh a thiormachadh.
    • 1938-40
      Hay Collected Poems 75
      An cuileann cruaidh, craobh nam mollachd | nach fàs fochann ’na sgàile, | a sgaoil thar iomall an domhain, | is seacadh fodha ’s gach àirde.
    • 1957
      Gairm 22 117
      Cha robh air an t-saoghal mhór aige a nis ach Una, a nighean, is ghreimich e rithe na bu dlùithe na an cuileann ris an eidheann.
    • 1980
      Gairm 113 49
      Bha na dearcan a’ deàrrsadh dearg a-measg duilleagan gorm a’ chuileann, brù-dhearg a’ gleusadh a ribheid-chiùil air a’ gheug.
    • 1987
      Gun Fhois 93
      Is daor an ceannach dhòmhs’ e, oir chan eil meur nach eil air a sgoltadh chun a’ chnàimh le bioran a’ chuilinn mhallaichte sin.
  • I.1.b. Branches or cuttings of the holly tree hung inside a house, originally used as a protective charm and later as decorations, at Christmas and Hogmanay. Also with badan, pìosan, etc.
    • 1959
      Gairm 27 221
      B’ ann a chumail nan sìthichean amach a thòisich daoine air crochadh badan de ’n chuilionn chaomh—rìgh an fhiodha—an sud ’s an so air feadh an tighe Oidhche na Callainne.
    • 1970
      Lus Chrùn 59
      Os cionn nan dealbhan air a’ bhalla bha pìosan beaga de chuileann ’s de dh’iadh-shlat agus bha i dol a chur sreath de sholuis ioma-dhathach suas.
    • 1971
      Suathadh ri Iomadh Rubha 362
      Latha a’ Chuilinn An treas latha de’n Ghearran. Tha e ’na chleachdadh fhathast a bhi a’ crochadh cuilinn [...] anns na taighean aig àm na Nollaig, ged nach eil duine ’ga fhàgail a stigh cho fada ri Féill Bhrìghde an diugh!
    • 1982
      Creachadh na Clàrsaich 232
      Cuileann is tinsel is solais, | is Crìosd ann a riochd craoibhe, | Crìosd anns an uinneig?
  • I.1.c. In verse: A person held in high esteem on account of their good qualities; also with slat such a person as the progenitor of a bloodline. See also II.1.b. below.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 198
      ’S tha mo dhuil ann ’s an Trianaid, | Gad thainig laigse air tfhion’uil, | ’S lat [sic] don chuillin bha ciatfach, | Dh’ fhas gu furanach fiolai, | ’T heasagh [sic] duinnel air beulamh an Righ.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 287
      Bu tu’n t iuthair as a choille, | Bu tu’n darach daingean laidir, | Bu tu’n cuilean bu tu’n dreathan, | Bu tu’n t abhall molach blath mhor.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 320
      Cha ba tu’n dreathunn na’n cuileann, | Na tiubhar fulannach làidir | Cha ’n eil mir annad do’n darach, | No do sheileach dearg na’m blàran.
    • 1785
      Cham’ron Orain Nuadh Ghaidhealach 3
      Ach pillidh mi nìs mar an ceudna, | Ri m’ Cheann-Cinnidh deadh Loch-iall, sin, | Slat, do’n chuilean aluinn chiatach, | Bu mhor ’n gliocas ’s bu phailt ’n riaghailt.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 110
      Cha chraobh mhosgain, na chrionaich a th’ann [sc. Donull òg], | Ach an cuileann ’sgach am a bhitheas gorm.
  • I.2. The wood of the holly tree. Quot. 1890 Popular Tales I 316 refers to a stave made from holly wood.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 182
      Fhuair thu garbhbhata cuilinn | Cheud là dhearbh thu bhith ’d dhuine | Mun d’fhàs calg ort de fhionnadh no dh’fheusaig.
    • 1890
      Popular Tales I 316
      Nur a chunnaic am buachaille gun do bhrisd eud a staigh, ghabh e ’chuilionn ’na dhorn, as ghlac e ’n lamh-lochdair liath a bh’ air taobh piar a thòine.
  • II. As a modifier.
  • II.1.a. With crann n. and craobh n.: the holly tree; a holly tree. Also figurative.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid Of Barren Trees [...] Crann Cuilinn The Hollin-tree.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Isaiah 1: 30
      ’Nuair a bhitheas sibh mar chraoibh chuilinn [Heb. terebinth, KJV oak], aig am bheil a duilleach air seargadh; agus mar lios anns nach ’eil uisge sam bith.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Hosea 4: 13
      Air mhullaichibh nan sliabh tha iad ag iobradh, agus air na sleibhtibh tha iad a’ losgadh tùise; fo chrannaibh daraich, agus crithich, agus cuilinn [Heb. terebinth, KJV elms], a chionn gu bheil an sgàile taitneach.
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich ... 223
      Ma’s urra sibh, biodh agaibh craobh chuilinn, laurel, rhohodendron [sic] air a shuidheachadh an ait sam bith; oir fasaidh iad fo n-’ur craobhan mheas.
    • 1867
      Eachdraidh na h-Alba 157
      Tha craobh chuilinn ’am pàirc caisteil Fleurs fathast a’ comharrachadh a mach an àit anns an do thuit an rìgh [sc. Seumas II].
    • 1874
      An Gaidheal III 56
      Tilgidh i [sc. a’ Chailleach] an sin uaipe an slachdan[-druidheachd] aig bun craoibh-chuilinn air nach cinn duilleach no dos gu toiseach na h-ath dhùbhlachd.
    • 1906
      Poetry of Badenoch 103
      Bu shamhladh craobh do ’n chuilionn dhuit, | Nach b’ urrainn càch a shnìomh, | ’S a’ phàirc bu ghallan mullaich thu, | Measg bhun do choille chrìon.
    • 1906
      Poetry of Badenoch 245
      ’S i ’chraobh chuilinn chruaidh chomhnaird, | Gun ghràinne mullaich, gun ròs oirr’.
  • II.1.b. A person held in high esteem. See also I.1.c. above.
    • a1786
      Gillies Sean Dain 74
      Chraobh stáilinn chruaidh chuileann | Chaidh uainn air sàil do Lunduinn; | ’S tearc mo ghàir ach gu ’n cluinneam deagh sgeul ort.
  • II.2. With preas n.: the holly bush; a holly bush.
    • 1911
      Aig Tigh na Beinne 134
      Cha do chinn feur fo ’n phreas chuilinn riamh o ’n a thilg a’ Chailleach a slacan foidhe.