Skip to main page content

dùthchas n.m.

[eDIL dúthchas]

forms

singular

nominative

genitive

dative

senses

  • I.1.a. One’s place of birth; the place in which a family or people has been settled for generations; native place; inheritance. Cf. dualchas n.I.3.a.
    • 15..
      Adv. MS. 72.1.1 fol. 7vb, line 32
      O dho-cuadur na manaigh ar siubal do h-innsaighe a tire duchusa fein, tarrla cuco ar slighe ceard maith do-fag a dhutchas fein.
    • ?c1695
      Duanaire Colach (1997) 19
      Chan e dùthchas ur athar | Tha sibh a’ labhairt san àm air | No oighreachd ur seanar | Tha sibh a’ ceangal mu Chaingis.
    • a1707
      Gaelic Songs of Mary MacLeod (1934) 62
      Tha mo dhùil-sa ann an Dia | Gur mùirneach do thriall | Gu dùn ud nan cliar | Far am bu dùthchas do m’ thriath | Bhiodh gu fiùghantach fial foirmeil.
    • 1792
      Mac’coinnich Orain Ghaidhealach 66
      Caimbeulach deas tèoma fearail, | Iriosal spèiseil gun sgainner, | O dhùchas nan stuchd ’s nam bealach, | ’S dh’fhàg sud fallain cruaidh è.
    • 1801
      Mac ghrigair Orain Ghaelach 58
      ’S e do bheatha, ’s gur mithich, | Thu thighinn gu d’ dhùchas, | Dheagh Mhic Sheumais, Mhic Iain, | Oighre dligheach na dùth’ch so.
    • 1831
      Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaeleach 36
      Ged bhiodh sibh nar coirnail, | Ann n armailt righ deorsa, | Nan nar seanlairaibh mar, | Cuir ordugh air cheuda, | Smar gun banns sibh aig baile, | Ann a duchas nar seanathar, | An slis min loch a rainneach.
    • 1831
      Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaeleach 101
      Cha bi do dhuchas an causair, | Na fuain na n ard-chlag mar cheol, | Ach a suibhal feadh fasich, | S do choin a garich ad choir.
    • 1837
      Grannd Dain Spioradail 50
      Bheiream comhairl’ le durachd ’s le gradh, | Do’n dream tha fuireach gun churam, | Anns an t-slighe do’n duchas am bas; | Iad a philltinn gu dluth aist’, | Dhionnsuidh Ios’, o n’ se Ughdar na slaint’.
    • 1862
      Grannd Laoidhean Spioradail 76
      Be iartas m’ anam a bhi naomh, | Is gluasad réir na Fìrinn, | Mo dhùthchas is mo dhachaidh shùas, | ’M Fhear-tagraidh shuas ’s mo Dhìllsean.
    • 1877
      An Gaidheal VI 88
      Fhuair an triath air ais còir air oighreachd a shinnsrean, agus bha de thoileachas aige ogha Ailein fhaicinn ’an seilbh ’us dùthchas nan uaislean bho ’n d’ thàinig e.
    • 1898
      Leabhar nan Gleann 195
      Is mairg d’am bu dhùchas dìleas am fearann sin gu bràch! oir is amhlaidh a ta: Sléibhtean tolltach dealgnach ann agus fòs maghan loma s iad loisgteach agus lochan breuna biastaidhe.
    • 1904
      Guth na Bliadhna I 252
      Dh’ fhàg mi ’n dùthaich, dh’ fhàg mi ’n dùchas, | Dh’ fhàn mo shùgradh thall | Dh’ fhàg mi ’n t-àite bàidheil, caomh, | ’S mo chairdean gaolach ann.
    • 1950
      Armageddon 20
      Dùthchas dhaibh fearann na Fraing’, nó cluaintean toirbheartach Shasuinn; | Dùthchas dhaibh “eilean a’ cheó” ’s an uaigneach duatharach àiridh.
    • 1957
      Gairm 19 260
      Chan eil dùthchas aig a sheòrsa ach dùthchas nan gaoth a shéideas far an àill, agus feumaidh e fuireach far eil feum air.
    • 1958
      Gairm 26 179
      Mar sin, chan eil an ceangal a shaoileadh sibh aig an t-Suisseach aig am bheil Gearmailteis mar chànain ris a’ Ghearmailteach anns a’ chòrr de ’n Roinn Eòrpa. Chan e dùthchas a mhàin a tha ’gan sgaradh ach dualchas agus cànain cuideachd.
    • 1973
      Criomagan Ioma-dhathte 115
      Tha so a’ toirt sealladh dhuinn air na treubhan bho’n do shiolaich sluagh na dúthcha ud, ach ged tha eadar-dhealachadh chànain aca, is Swiss iad anns a’ cheud àite agus uasal da-rìreadh air an dùthchas.
    • 1973
      Gairm 82 191
      Tha an gràdh dùthcha ann gun teagamh, ach ’sann a tha am bàrd a’ rannsachadh is a’ sgrùdadh gnè nam bannan a tha ga cheangal ri dhùthchas: ri Leódhus sa’ chiad dol-a-mach ach dh’fhaoite ràdh, ris a’ Ghàidhealtachd air fad.
    • 1975-7
      Hay Collected Poems 320
      “Chaill i [sc. an tìr seo] ’n onair, chaill i ’n t-urram | nuair a thriall ar Rìgh do Lunnainn.” | “Chaill i cothrom na cùirte, | leth a’ chrùin is leth an dùthchais. | Cheangladh i ’na ciomach dùthcha.”
    • 1976
      Odusseia Homair 68
      B’ aoibhneach gu dearbha | cheum e [sc. Agamemnon] air fearann a shinnsr’ is bhean e r’ a dhùthaich, ’ga pògadh; | lìonmhor shil uaidhe deòir theth’, o’n chunnaic e dhùthchas le aoibhneas.
  • I.1.b. In the genitive singular modifying a noun: Of one’s birth (chiefly applied to land or place); of, belonging to or characteristic of a people or culture; native. Cf. dualchas n.I.3.b.
    • 15..
      Adv. MS. 72.1.1 fol. 7vb, line 31
      O dho-cuadur na manaigh ar siubal do h-innsaighe a tire duchusa fein, tarrla cuco ar slighe ceard maith do-fag a dhutchas fein.
    • 1813
      Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 265
      Fhuair mi sgeula sa mhaduinn, | Thromaich eislein fo m’ aisnean, | […] | Gu ’n do chiuradh am faillein [sc. Sìm Òg], | Bh’ air friamh dhuthchais na ’m meangan, | Craobh a b’ ùire measg dharag a gharaidh.
    • 1828
      MacLeod Co’Chruinneachadh 231
      Ge b’e ni ris an cuireadh e a làmh, no ris an leagadh e a chridhe, gheibheadh an Gàidheal toilinntinn sa’ bhàrdachd, agus bhiodh an t-òran dùthchais a’ cur sunnt air ’aigne.
    • 1867
      Eachdraidh na h-Alba 260
      Ach ’an àite na daoine curant’ ud a chur gu bàs, ’s ann a chuir Seumas [VI. agus I.] ’am priosun iad car greis, agus an déigh sin dh’ fhògair e iad o thìr an dùchais fhad ’s bu bheò iad.
    • 1880
      Maclachlan Gaelic Songs 33
      “Och! och! mar tha mi ’s mi so ’n am aonar, | A dol troimh ’n choill far an robh mi eòlach, | ’S nach ’fhaigh mi àit’ ann am fhearann dùchais, | Ged phàighinn crùn air son leud na bròige”.
    • 1884
      Fear-tathaich Miosail Air. 629 4
      Air dha bhi turus ann an America, thàinig e do àite a dhùchais, chruinnich coimhthional an dùil ri iomradh a chluinntinn air na nithean troimh an deachaidh e, agus na tìrean a chunnaic e.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 7 50
      Aidicheam ged bu nàmhaid dhomh gach caraid a dh’ fhàg mi as mo dhéigh dhùraiginn tilleadh a ris a dh’ fhaicinn tìr mo dhùchais agus mo ghaoil.
    • 1907
      Guth na Bliadhna IV 158
      Ni mo bha spiorad caoimhneis anns na bàillidhean agus anns na tighearnan a chuir ar Gàidhealtachd fo fhéidh is bho chaoraich, air chor is gu’m bheil tir ar dùthchais an diugh ’na fàsach dòbhaidh truagh, ’na leabaidh aig an fhiadh is an ruadh-chearc.
    • 1918
      An Ròsarnach II 70
      Leig e [sc. Raibeart Burns] seachad a shloinneadh dligheach, ach cha do chaill e a bhàigh agus a spéis do thìr a dhùthchais.
    • 1932
      Na Baird Thirisdeach 92
      Bidh boineid ghorm agus gearra-chot ur air, | Bidh osain dhealbhach mu ’chalpaibh dumhail, | Bidh gartain stiallach thar fiar-bhreid cuil air, | ’S a bhrogan eille, ’s be’n t-eideadh duthchais.
    • a1949
      Griasaiche Bheàrnaraidh 9
      Fhuair e gach naidheachd a bu mhiann leis as an eilean sin a dh’àraich e, agus sin bho’n chompanach sgiathach a rinn tachairt ris air aonach an t-sléibhe fada bho thìr a dhùthchais.
    • 1976
      Gàidhlig ann an Albainn 49
      Tha air a’ Ghaidhealtachd, an co-cheangal ris a’ chànan, cultur air leth a bhuineas ri móran a bharrachd de shluagh na h-Albann no ’n triùir anns an dà cheud aig a bheil i [sc. a’ Ghàidhlig] mar theanga dùthchais.
    • 1991
      Gairm 157 94
      Tha a’ Ghàidhlig, agus a cuid bàrdachd, ga tarraing a-mach do shruth an t-saoghail mhòir le a luchd cleachdaidh, gach cuid an luchd dùthchais agus an luchd ionnsachaidh.
    • 2000
      Smuaintean fo Éiseabhal 106
      Is iomadh fleasgach umhail is maighdeann chiùin nam beus | Dh’fhàg cladaichean an dùthchais dol a-null gu tìrean céin’.
  • I.2.a. Hereditary right; right of inheritance by birthright.
    • 1560
      Argyll–O’Donnell Treaty fol. 1r, line 13
      An chís sin do gherradh agas do thógbhail a nduthaig i Domhnaill uile sa Cuigeadh Úlltach agas na thimceall fa thigerrnas agus fa dhuthchas i Dhomhnaill fein.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 52
      Nach truagh leat do dhìlsean, | Gach cill sgìr am bheil clachan, | Bhith air ’n dùbladh ’sna cainbibh | ’N déis an tionndadh aig Sasann, | Bhith aig ursainn na cléireadh | ’N riochd nan reubal gun bhaisteadh, | Mu sheasamh a’ chrùin duit | Bha de dhùthchas aig t’aiteam.
    • a1812
      Orain Dhonnchaidh Bhàin (1978) 40
      An am suidhe na cùirte | Far ’m bu lìonmhora diùcan, | Bu rìomhach do dhiùtaidh, | Bhith càradh a’ chrùin | Air an rìgh ’g a bheil dùthchas an àite.
    • 1829
      Dughallach Orain 139
      Sar cheann-feadhna, ’s greadhnach caithream, | Bho ard Gharraidh na’ sruth lionmhor, | Da ’m bu duchas coir air fearann | An strom, Lochcarrann agus Ille; | Ged do leig iad dhiu bho shean e, | Bha iad ’n ceangal aig do shinnsreadh.
    • 1901
      Mac-Talla IX No. 38. 290
      Sliochd nan righre dùchasach, | Bha shìos an Dùnstainnis, | Aig an robh crùn na h-Alb‚ o thùs, | ’S aig am bheil dùchas fathast ris.
  • I.2.b. In extended use.
    • a1812
      Orain Dhonnchaidh Bhàin (1978) 272
      ’S i pìob nam feadan siùbhlach | A bhuidhneadh cliù ’sa’ champ, | Air thoiseach nan laoch ùra, | ’S meòir lùthmhor dlùth ’nan deann; | A’ chaismeachd ghasda shùnndach, | Bu dùthchas di bhith ann.
  • I.3.a. Of an individual or a group: Inherited disposition; character; nature inherited from progenitors. Cf. dualchas n.I.2.a.
    Chiefly in a prepositional or possessive construction; also with the definite article or without construction.

    with the definite article

    • c1650
      MacLean Poets (1979) 26
      Ach ’s iomadh neach bu shùgradh leis | Crùbadh ann an truailleachd, | Ach rinn thu beirt bu chliùitiche | Air an dùthchas mar bu dual dhuit.
    • c1763
      Songs of John MacCodrum (1938) 118
      Lean an dùthchas cliuiteach ud riut, | Dol an cunnart t’anma ’s do chuirp— | ’S iomadh cliù a choisinn siod dhuit.
    • a1790
      Ros Orain Ghàëlach (1834) 19
      Dha’n dualchas mor èuchd ghaisgeantachd, | Le tapadh air chul-airm; | ’S ni’m b’ ioghna’ leinn an dùchas sin, | Bhi leantain dlù an ainm.
    • 1950
      Chì Mi 326
      Chan aithne dhomh buaidh | A chuala, chunnaic no chì | Nach eil ort ri luaidh | An tuar, an cumadh ’s an lì: | An dùthchas a bha | ’S a tha ’s a bhitheas gun dìth | Le sliochd an taobh tuath | Thar shluaghan eile na tìr.
    • possessive, prepositional
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 114
      Sìol Iùdais gun fheartaibh, | Chuir an cùl ri deagh bheartaibh, | D’am bu dùthchas bhith creachadh nan crò.
    • ?c1730
      Duanaire Colach (1997) 36
      Beul mìndearg ’m bheil fosadh | Fon inntinn tha socrach; | Cha bu dùthchas duit brosgal no bòsd.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 135
      Mheall thu mi led’ shùgradh, | Led’ bhriodal, a’s le d’ chiuine, | A’s lub thu mi mar fhiuran, | ’S cha dùchas domh bhi fallain uai.
    • 1811
      MacLeoid Orain Nuadh Ghaeleach 41
      B’ aiginnach do cheum, | B’ fhothramach do leum, | Farasdachd an ceill, | Mar a dh’ionsuich u, | B’ airgidach do shrian, | ’Us b’ anmuineach do shian, | Calganach do bhian, | Mar bu duchas duit.
    • 1821
      MacCallum Co-chruinneacha Dhàn, Òrain, &c. 209
      Bha t-athair gun spàirn. | Na mhuillear gun mhearachd: | Do dhùchas ri ceird, | Cha’n fhaod bhi ni’s daingean; | Mur faight thu ’s à ghràn, | ’S do bhreth ann san trabhailt.
    • 1848
      Dòmhnullach Marbhrainn 101
      Gun a dhùthchas bhi Gàidhealach, b’ fhianuis do na tìodhlacaibh a chaidh a bhuileachadh air, mar choisinn e a’ Ghaelig; gu ’n d’ fhuair e a leithid do ghreim oirre, eadhon mar chànain, nach aithnicheadh duine ’s am bith nach b’ i a chànain mhàthaireil, dhùthchasach i.
    • 1868
      Mac-gilleadhain Laoidhean agus Dàin 19
      B’ òg chaidh thu ri d’ dhùchas, | ’S cha d’ chlaon uaith fad d’ ùine ’s do ré; | Dheadh mhic an deadh athar.
    • 1875
      Mac coinnich Orain ann sa Ghailig 26
      ’S dhearbh Seumas a dhuthchas, | A bhi na shiamarlan bruideal, | Mar bha sheanair bho thus, | A creach, ’s a rusgadh nam bochd.
    • 2000
      Smuaintean fo Éiseabhal 8
      An t-Eun Fudain […] Tha spògan beaga rìomhach ort cho mìn ri canach blàir | Is dhearbh iad dha mo shùilean gum bu dùthchas dhut bhith snàmh.
    • without construction
    • 1875
      An Gaidheal IV 130
      Tha e comharraichte nach ’eil focal againn ’s a Ghaidhlig a fhreagras do’n fhocal Bheurla Patriotism, ’s do na focail a tha ’n daimh ris. Their sinn “Duthchas” ris a’ cheangal tha eadar Duine ’s Aithrichean; agus cha ’n ann ris a’ cheangal tha eadar Duine ’s a Dhuthaich.
    • 1894
      An t-Urramach Iain Mac-Rath 5
      Bha araon ’athair agus a mhathair de Chloinn Mhic-Rath, agus mar sin bha esan na fhior Mhac-Rath a thaobh breith, cinne, agus duthchais.
  • I.3.b. (Bh)o dhùthchas, of an ability, skill, etc: learned from one’s forebears; native.
    • 1955
      Folksongs and Folklore of South Uist 104
      Bha thu ’d shealgair bho dhùthchas | Ròin is eala agus earba, | Is fiadh nan gearrchasan lùthmhor.
    • 1976
      Gàidhlig ann an Albainn 52
      B’ àbhaist gur e oileanaich aig an robh Gàidhlig o ’n dùthchas a bhiodh a’ gabhail cùrsan Ceiltis – le corr-fhear ainneamh ’nam measg a bha air a’ chainnt fhoghlam.
    • 1978
      Gairm 104 305
      Feumaidh sinn eadar-sgaradh a dhèanamh eadar an duine aig a bheil Gàidhlig o dhùchas agus an duine a dh’ionnsaich i.
    • 2019
      Seòl Mo Bheatha 241
      Am meadhan gach drip, bhithinn a’ beachdachadh air carson a bha an luchd-teagaisg anns na h-oilthighean le Gàidhlig o dhùthchas, agus dàimh dhlùth aca ris na coimhearsnachdan, air fàs cho gann.
  • I.4. An established practice or custom handed down through generations, a tradition; the established practices or customs collectively making up the distinctive way of life of a people, a culture. Also in reference to a place. Cf. dualchas n.I.4.a.
    • 1831
      An Teachdaire Gaelach II 211
      Cha ’n ni ’nollaig ùr | A tha aca ’measg nan dù-ghall, | A leanas sinne, ach dùchas | No [recte Na] dùthch’ as an d’ fhalbh sinn.
    • 1841
      Dughallach Laoidhean Spioradail 65
      Tha cuid air feadh na’n duchan mar Aran nach deach ’thiondadh’ | Tha leanntuinn ris an dùchas gu dluth bh’aig a Phàp.
    • 1872
      An Gaidheal I 240
      Tha ’n Gaidheal [sc. an iris] a nis air a shuidheachadh ann am baile Ghlaschu, far am bheil mìltean dheth ar luchd-dùthcha […] An do chaill iad an dùthchas, no an do leag iad air dì-chuimhne cainnt am màthraichean no gniomharaibh an sinnsirean?
    • 1875
      An Gaidheal IV 74
      Bha aig Muireach anns an tigh ball-èirneis ris an abradh iad “beinge;” agus an déigh a bhàis bha a’ bheinge so, mar dhùthchas a’ leantainn an teaghlaich bu teinne air fhein, a’s iad ’g a gleidheadh gu measail, mar bhall-sinnsireachd, ré ioma bliadhna.
    • 1897
      Mac-Talla V No. 35. 266
      Is aithne dhomh Gaidheil dhùthchasach ghasda, aig an tigh agus bho ’n tigh, leis an ainmic gach cothrom gu aideachadh an dùthch’ agus an duthchais le feileadh ’s le sporan, le piob-mhoir ’s le gille-callum, ach aig nach ’eil facal Gaidhlig nan ceann agus nach dean an oidhirp a’s lugha air a h-ionnsachadh.
    • 1944-6
      Hay Collected Poems 152
      Ciod e a th’annainn, a chlann mo dhùthcha? | […] | Ciod e tha an dualchas is an dùthchas? | Cainnt is eachdraidh, snàth nan glùinean, | na ginealaich druim air dhruim a’ cùrsachd, | a’ casruith a chèile cleas nan sùghan.
    • 1950
      Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 37
      Cha do chruthaicheadh an anail a shèideas gu dearg-theas an teine sin a tha dubh às, is ma tha ar dùthaich air a dùthchas a thilgeadh, is ma tha ar sluagh air an cinneadalachd a chall, is dìomhain don Chomunn [Ghàidhealach] a bhith sèideadh nan èibheal fuar.
    • 1971
      Suathadh Ri Iomadh Rubha 343
      Tha an t-seòrsa oidhirp seo sa’ Ghàidhlig againne air a chuibhreachadh ri beagan dhiùlnaich nach do leig bàs an gràdh dùthchais, ach ann an spiorad dùrachd, mùirn is dòchais a tha feuchainn ri deò na beatha chumail innte.
    • 1973
      Gairm 82 191
      Tha am bàrd a’ rannsachadh is a’ sgrùdadh gnè nam bannan a tha ga cheangal ri dhùthchas: ri Leódhus sa’ chiad dol-a-mach ach dh’fhaoite ràdh, ris a’ Ghàidhealtachd air fad, is chan e mhàin a’ Ghàidhealtachd mar àite ach an dùthchas Gàidhealach a rinn Gàidheal dheth is a thug aigne Ghàidhealach dha.
    • 1973
      Gairm 82 192
      ’Se fìor bhàrdachd an latha an diugh a tha seo: latha sa bheil sluagh an domhain beag air bheag a’ tréigsinn is a’ call an t-seann dùthchais gun dad ri chur ’na àite.
    • 1985
      Ris a’ Bhruthaich 287
      Agus, ma thréigeas a’ Ghàidhlig, dé bhitheas air fhàgail de’n dùthchas aig ar sliochd? […] Ged a mhaireas guth Ruari Iain Bhàin no guth Chaluim Mhic Iain air clàir, có gun Ghàidhlig a chluinneas iad?
    • 1988
      Spuirean na h-Iolaire 38
      Bha Diack cuideachd a’ fiachainn ri droch ainm a thoirt dhan Phàrtaidh Nàiseanta oir bha eagal air leis cho làidir ’s a bha sluagh na h-Alba a’ faireachadh dìleas dhan dùthchas aca fhèin.
    • 1996
      Gairm 176 373
      Chan e fearann na Gaidhealtachd gu litireil, no tìr nam beann nan gleann is nan gaisgeach a tha sin a’ ciallachadh ach dùthchas nan Gaidheal san iomlaine: Gaidhealtachd na h-inntinn is nan aignidhean.
  • II. In the above senses in set phrases or proverbial use.
  • II.1. Thèid dùthchas an aghaidh nan creag literally ‘Heredity will go against the rocks’ one’s disposition or inherited characteristics will dominate one’s personality or actions; cf. English ‘blood will out’. Cf. dualchas n.II.2.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 62
      Thèid dùchas an aghaidh nan crag. Blood will mount against the steep rock.
    • 1831
      An Teachdaire Gaelach II 198
      Théid an cleachda mar an dùthchas, an aghaidh nan creag.
    • 1867
      Caraid nan Gàidheal 242
      Ma tha fuil bhràthar-athar ’s an duin’ ùr so [sc. Louis Bonaparte, mac bràthar do Napoleon] (agus tha ’fhios agaibh gu-n “téid dùthchas ’an aghaidh nan creag”) is mithich dhuinne a bhi “’bogadh nan gad”.
    • 1899
      Mac-Talla VII No. 36. 283
      Theid duthchas an aghaidh nan creag, agus cha’n e gloir a dhearbhas sin ach gniomh.
    • 1899
      Mac-Talla VII No. 39. 305
      Shaoileadh duine nach ’eil moran bardachd ri dheanamh an Thorburn; ach tha mi smaointinn gu’n teid solus na bardachd, mar dhuthchas eile, cha ’n ann a mhàin an aghaidh nan creag ach sios do shloc meinn guail fhein.
    • 1910
      Am Fear-Ciùil 222
      Theagamh gu ’n d’ thainig spiorad na bréige nuas oirnn tre ghinealacha gnathaichte mar thainig am peacadh gin, no ’n duthchas a theid an aghaidh nan creag.
    • 1918
      An Ròsarnach II 69
      A thaobh sìnnsear agus sloinnidh bha e [sc. Raibeart Burns] de’n chinneach aosda, fhoinnidh o’n d’éirich Oisean agus Mac Mhuirich. […] Is e so iuchair na cùise, oir théid dùthchas an aghaidh nan creagan.
    • 1959
      Gairm 30 156
      Fhreagair esan: “is e sin do chuid-sa, do roinn-sa de na speuclairean, “phawn” mi iad is fhuair mi cóig tasdain fhichead orra.” Theid an dùthchas an aghaidh nan creag, nach bu ghnàth le Sìol Thorcuil faobh a thogail o nàmhaid?
  • II.2. Chan eil dùthchas aig bean no aig sagart literally ‘Neither a woman nor a priest has a native place’.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 15
      Cha bhi dùchas aig mnai no aig sagart. Women and priests are natives no where.
    • 1849
      Fear-tathaich nam Beann XXI 656
      Cha ’n ’eil dùthchas aig mnaibh no aig sagairt.
    • 1903
      Mac-Talla XII No. 9. 69
      Theireadh na Sean Daoine “Cha ’n ’eil Duthchas aig Mnaoi no aig Sagart;” agus feudaidh e bhi gur e ’s ciall do’n radh, gu’m b’e Duthaich na Mnà Duthaich a Fir, agus gu’m b’e Duthaich an t-Sagairt Duthaich na h-Eaglais.
    • 1923
      Cailin Sgiathanach 348
      “Chan eil ‘Dùthachas’ [sic] aig bean no aig ministeir.” Fagaidh iad am dùthaich, oir chaidh an “gairm”.
    • 1969
      Sgialachdan á Albainn Nuaidh 23
      “Cha bhi dùthchas aig mnaoi no aig Sagart.” Gu dearbh faodaidh sinn sin a ràdh mu’n Easbuig Mhic Eachairn. A bharrachd air Eilean Eòin fhéin, bha na h-àitean a leanas an Albainn Nuaidh for a chùram:—Pictou, Merigomish [etc.].
  • II.3. Is buaine dùthchas na oilean literally ‘Inherited disposition is more lasting than nurture’.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 46
      Is buaine dùchas no oilean. Natural endowments exceed acquired ones.
    • 1960
      Gairm 32 324
      Ach dé tha ’gan tarraing air ais? Chan e na cur-seachadan ùra co-dhiùbh, air a bheil òigridh nam bailtean a’ tighinn beò, bhon chan eil iad ann dhaibh. Ach tha de thoinisg aca a nì toileachas-inntinn dhaibh fhéin, a’ toirt feart air an t-sean-fhocal “is buaine dùthchas na oilean”.
  • II.4.a. Is mairg do ’n dùthchas droch ghalar.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 41
      Is mairg do ’n dùchas droch galar. Sad is the inheritance of disease.
  • II.4.b. Is minig a dh’fhag dùthchas droch ghalar.