Skip to main page content

dùthchasach adj.

[Cf. eDIL dúthchasach]

forms

Attributive following nm

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

genitive

dative

Attributive following nf

singular

nominative

dative

plural

dative

predicative

adverbial

comparative

superlative

  • 1898
    Gairm 1 (1952) 55 A’ chànail bu bhrioghmhoire ’s bu dùthchasaich’ dhuinn.

senses

  • 1. Chiefly with preposition do, of a characteristic, ability, disease, etc.: passed on naturally to descendants, hereditary; instinctive to, innate. Also adverbial with gu.
    • a1693
      Lamh-Sgrìobhainn Mhic Rath (1923) 178
      Gheūh McKellen er hūise dūih | Ghainoin ī chūirt | Gallire bī dūighisich [MacFarlane (1923) 179 dùthchasach] gho.
    • a1778
      Orain le Rob Donn (1829) 414
      ’S galar dùthchasach do dhuin’ òg, | Saighead Chupid a bhi ’g a leòn.
    • 1798
      Dughallach Orain 24
      Thoir cuimhn air Loch-Iall, | Gam bu duchasach riamh | ’Bhi comhragach dion, | Fiughannach, fial.
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 241
      Gu’m bu fada uime-sin a chumas sibh ’ur n-onaireachd dhuthchasach, ’ur spiorad fialaidheachd, agus ’ur n-oilean uasal.
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 11
      Nì mi ann an so na blàir ma dheireadh, anns na dhearbh iad an diùghlanas agus an gaisge roi Bhliadhna Thearlaich, a chuir sios mas téid mi ni’s faid’ air m’ aghaidh le Eachdraidh a mhòrachd, a thaobh gur ann fo bhratach a roimh-aithrichean a chog iad cho rioghail, cho dùchasach, agus cho dìleas.
    • 1868
      An Duanaire 87
      ’Mhic-Coinnich o chaisteal Bhrathain, | (’S éudar tilleadh riut fhathast,) | Do ’m bu dùchasach an clàidheamh, | Ri uchd cath, a bhualadh.
    • 1885
      Fear-tathaich Miosail Air. 634 2
      Tùs agus tobar a’ ghalair mhòir so ris an abrar peacadh. […] is e a th’ann galar teaghlaich, a tha dùchasach dhuinn o ar ceud sinnsearan, Adhamh agus Eubha, agus a rugadh leinn.
    • 1892
      Mac-Talla I No. 7. 2
      Bha ise [sc. Beinn-Nimheis] na seasamh am measg mor-chuideachd nam Beann sin mar Bhan-righinn, anns a’ mhorachd a bha duchasach dhi fein, agus crun de shneachda sior-bhuan air a ceann.
    • 1918
      An Deo-gréine XIV No. 3. 42
      Bha iad a’ cur dòrain air, do bhrigh gu ’n robh iad […] ’ga bhacadh bho làn chomas a thoirt do spiorad na seilge a fhuair e gu dùthchasach bho shìnnsearachd.
    • 1955
      Gairm 13 13
      An gaol a bha aig an duine ud air ceòl! Bha e dùthchasach dha air an dà thaobh; bha fuil bhàrd is chlàrsairean is phìobairean ann gus an ochdamh glùn.
    • a1986
      Chì Mi (2001) 6
      Bhon shìn thu, ghaoil, do làmh dhomh | Gun do chaill mi càil ri ceòl | ’S gach aighear agus sùgradh | A bhiodh dùthchasach dham sheòrs’.
  • 2. Of persons, animals or plants: born or originating in a place, indigenous, native. See also dùthchasach n., dùthchasaiche n.
    • 1785
      Macintosh Proverbs 28
      Sliochd nan righribh dùchasach, | Bha shios ann Dun Staiphnis, | Aig an robh crun na h-Alb’ o thus, | ’S aig am bheil dùchas fathasd ris.
    • 1828
      MacLeod Co’Chruinneachadh 233
      Is anns na blàraibh cian-iomraideach a thugadh a nuadh, air feadh na h-Eorpa [...] sheas sibhse, mar bu dual, ri gualai ur Righ dhùchasaich, gu calma, curannta, cunbhalach.
    • 1871
      An Gaidheal I 20
      Agus chan ’eil dearbhadh sam bith gun robh an t-ainm so [sc. Pictich] air a radh riutha leotha fein no leis a’ chuid eile de mhuinntir dhuchasaich Bhreatuinn.
    • 1872
      Gearr-chunntasan air New Zealand 22
      A thuilleadh air craobhan ’us luibhean dùthchasach New Zealand féin, chaidh mòran eile ’thoirt a staigh á iomadh ceàrna dheth ’n t-saoghal.
    • 1895
      Mac-Talla III No. 48. 1
      Ged tha ’n dùthaich so [sc. New Zealand] blàth, grianach, gu h-iongatach, cha ’n eil measan no cnothan sam bith a’ fàs innte gu dùthchasach.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 7. 52
      Smaoinich sealbhadairean an fhearainn gu ’m bu mhath an cothrom air saoibhreas a chur ri cheile na ’m faigheadh iad an tuath dhùthchasach a chur air falbh agus na beanntan far am b’ àbhaist crodh nan tuathanach a bhi air àiridh ’san t-samhradh a chur fo chrodh ’s fo chaoraich.
    • 1906
      Guth na Bliadhna III 375
      Is e mo bheachd-sa gu’m bi fìor Rìgh dùthchasach air India an taobh a staigh àl no dhà.
    • 1911
      Aig Tigh na Beinne 18
      Bha ’n seòrsa ciste so àrd; le dà, no theagamh trì earrannan innte; roinn air son min choirce; roinn air son min eòrna, agus roinn eile air son min air bith eile ’bha dùthchasach do ’n àite; min pheasair, no min seagaìl no pòr ’sam bi a bhitheadh air a bhleith.
    • 1981
      Uibhist a Deas 16
      Cha chan sinn idir gu bheil fuil ùr a’ ruith an cuislean an eilein an diugh, a thaobh — taobh a-mach nan saighdearan — gur e sluagh dùthchasach an eilein fhéin a tha ag obair mu na stèiseanan seo.
    • 1993
      Gairm 162 109
      Bha na h-eich-mhòra, faodaidh e bhith, de ghnè a thàinig o eich-chogaidh nan Ròmanach, air an crosadh ris na h-eich bheaga dhùthchasach.
    • 2019
      Seòl Mo Bheatha 8
      Oir thog a sheanair agus a sheanmhair e gu coibhneil, gràdhach, mar aon den teaghlach aca fhèin. Rinneadh Tirisdeach dùthchasach dheth.
  • 3. Of a place: denoting birth or origin.
    • 1792
      Mac’coinnich Orain Ghaidhealach 75
      Slionar neach a tha dlù dhuit, | Do thìr dhùchasaich fèin, | A tha gu h-ait air son sgeul do chinneachdainn.
    • 1812
      Cuairt an Oilthirich 238
      Chuir mi romham beatha oilthirich a chaitheadh; agus dh’fhàg mi baile Neo-chinnteach, far am bu dùchasach dhomh bhith.
    • 1829
      Dughallach Orain 158
      ’S do chorp ùr a bhi ’s talamh, | Far nach dùchasach gaineamh do t-fheoil; | ’S e do ghiullan bu mhath leinn, | Dh’fhios na dùcha ’n robh t-fhearann ’s do choir.
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 35
      Mu’n àm so bha Rìgh Seòras far’ bu chuimhe dha ’bhith, ann a’ Hanobhar tìr dhùchasach a shinnsir féin.
    • 1851
      Orain le Gilleaspuig Caimbeul 38
      Do bheatha gu d’ thìr dhùthchasaich, | A’ rùin.
    • 1895
      Mac-Talla III No. 33. 4
      Tha iad a faighinn càirdeas agus cuideachadh, a dhearbhas gu bheil fior fhuil nan Gàidheal a ruith cho blàth ann an Albainn Uir ’s a tha i ’na tir dhùthchasaich fhéin.
    • 1917
      An Deo-gréine XII No. 10. 145
      Cho fad ’sa shoileiricheas eachdraidh, ’s ann an ionadan sleibhteach America-a-deas a chinn am buntàta, ged nach deach a dhearbhadh riamh le cinnt ciod e an ceàrn a bha dùthchasach dha.
    • 1960-61
      Hay Collected Poems 279
      Bu chòir a [sc. Cutty Sark] cur gu dùthchasach le cliù, ’s b’e ’n t-àm e, | an Geàrrloch Chluaidh gu h-eòlach air a sàr dhà shlabhraidh.
    • 1987
      Gairm 139 212
      ’Se cinneadh làidir, cumhachdach a bha ann an Cloinn ’ic an Stràcair latha dhe robh iad, ach bha iad air a dhol às gu mòr ann an Gleann nan Clamhan, an talamh bu dùthchasach dhaibh.
    • 2000
      Smuaintean fo Éiseabhal 87
      Socair sàmhach anns an ùir | Tha dùthchasach dha’r cnàimhean.
    • a1986
      Chì Mi (2001) 270
      Tìr-fo-thuinn mo dhachaigh dhùint’ | Innis dhùthchasach nan ròn.
  • 4. Of cultural traditions, customs, etc: Forming part of or arising out of the culture of a people or place; traditional, customary.
    • 1792
      Mac’coinnich Orain Ghaidhealach 189
      Bhìodh fion aig t uaislean curamach, | Ga stiuradh mu do bhord, | ’S bhiodh Baird ri dannachd dhuchasach, | Air fiùghantais Mhic’Leoid.
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 19
      Gidheadh an deigh la throm oibir bha a bhuaidh aig na Gaidheil, agus an fheadh a bha na Sasuinnich tur fann le trom oibir, bha na Gaidheil gu smiorail a’ dannsadh ri an ceol dhuthchasach mar chomh arradh air am buaidh.
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich 47
      A chionn gu’m bheil mi gu suidhichte de na bharail gu’m bheil eideadh dhuthchasach anns gach ait na h-aobhar laidir anns an aon a tha ’ga caitheamh gu seachnadh masladh a tharruing air an tir as am bheil e a’ deanamh uaill mar dhuthaich a bhreith.
    • 1875
      An Gaidheal IV 7
      Cuid de na Sean-fhocail gheibhear anns gach canain ’s anns gach duthaich [...] cuid eile dhiu gheibhear duthchasach do’n tir so no do’n tir ud eile, a’ tarruing an cruth ’s an dreach o’n t-sluagh ’s o’n tir o’n d’fhuair iad am beatha.
    • 1892
      Mac-Talla I No. 17. 3
      Cha do sheap iad [sc. na ministearan] air an ais is air an aghaidh le trusgan dubh Sussunach umpa, ach bha iad daonnan anns an Eaglais na as an Eaglais ’an eideadh boidheach duthchasach na Gaidhealtachd.
    • 1907
      Guth na Bliadhna IV 41
      Nuair a bheachdaicheas sinn air ar bàrdachd dhùthchasach, chi sinn gu bitheanta gur h-ann mu sheorsa gaoil air chor-eigin a tha’m bàrd a labhairt.
    • 1916
      An Deo-gréine XII No. 3. 34
      Ach ’s ann am feadh ’s a thionndaidh iad an aire gu dathadaireachd a dhearbh iad luach an lus-eòlais a bha dùthchasach daibh.
    • 1939
      Ban-altrumachd aig an Tigh 6
      A thaobh an cor-seasaimh ceart so ruigsinn, is mór am beud mar a tha muinntir na Gàidhealtachd ag cur cùil ris an deagh chleachdadh sin—crathadh an casan ’nan dannsaichean dùthchasach fhéin.
    • 1961
      Gairm 38 169
      An uair a théid Gàidheil gu dùthchannan céin, tha dùil aca ri beusan eadar-dhealaichte fhaicinn agus biadh dùthchasach a bhlasad.
    • 1974
      Gairm 87 267
      Bu Lachlan MacNéill am ministear deireannach a bha aig Eaglais Naoimh Eòin, oir sgap na h-Albannaich, no chaill iad an cànain agus an nòsan dùthchasach agus ghabh iad ri dòighean agus dùthchasachd Argentinach.
    • 1987
      A’ Ghaidhlig anns an Eilean Sgitheanach 8
      Gniomhachas Duthchasach. Ged a bu choir feuchainn ris a’ Ghaidhlig a ghluasad a-steach air obraichean ura ar latha, ’sann air croiteireachd - obair na talmhainn ’s na mara - a bha cultur na Gaidhlig steidhichte agus mar sin tha cuideachadh don dara cuid a’ toirt taic don chuid eile.
    • 2011
      Steall à Iomadh Lòn 23
      Fhuair iadsan [sc. ar n-athraichean] cothroman nach robh againne, cothroman air an inntinn ’s am mac-meanmainn a ghiollachd ’s a leudachadh gun smodal de fhoghlam coimheach a’ mùchadh oideas dùthchasach a bha na bu chudromaiche na meabaileis de ionnsachadh-sgoile.
  • 5.a. Of a language: natural to or acquired by a person by exposure from birth or early life; belonging to a place; native. Also of a speaker of a specified language.
    • 1836
      An Teachdaire Ùr Gàidhealach 170
      Thu [sic] dòchas agam gu’n dean e ro mhòran do’n òigridh Ghàidhealta gu choidheanta, agus mar an ceudna do’n t-seana mhuinntir, do nach deachaidh riabh, mar a chaidh dhòmhsa, eigse an àireamh a theagasg ’nän cainnt dhùchasaich féin.
    • 1848
      Dòmhnullach Marbhrainn 101
      Gun a dhùthchas bhi Gàidhealach, b’ fhianuis do na tìodhlacaibh a chaidh a bhuileachadh air, mar choisinn e a’ Ghaelig; gu ’n d’ fhuair e a leithid do ghreim oirre, eadhon mar chànain, nach aithnicheadh duine ’s am bith nach b’ i a chànain mhàthaireil, dhùthchasach i.
    • 1876
      An Gaidheal V 357
      Tha canain moran de na Baird Ghaidhealach na’s duthchasaiche dhomh na tha canain Dhughaill Buchannain.
    • 1881
      Clàrsach na Coille 115
      Bha thu d’ Ghàidheal fior-reachdmhor; | Do chainnt dhùthchasach chleachd thu | Bha i agad gun mheasgadh.
    • 1895
      Mac-Talla III No. 41. 1
      Tha ’n t-oran na shamhla fior air a Ghàilig dhùchasaich, mara bha i air a labhairt ’san Eilean Sgiathanach corr is ciad bliadhn’ air ais, oir cha b’urrinn an t-ùghdar aon chuid sgriobhadh no leughadh.
    • 1898
      Gairm 1 (1952) 55
      Gun uiread is a’ Phaidir fhéin do dh-ùrnaigh, gun iomradh idir air facal sgoileadh, ’ga fhaighinn an Gàidhlig, ach ’gar caibhleachadh bho mhochran gu feasgar ann an sgoil na Beurla — ann an sgoil na Laidinn ’s na Greugais nan togramaid — ’s a’ chànail bu bhrioghmhoire ’s bu dùthchasaich’ dhuinn ’ga dìobradh.
    • 1907
      Guth na Bliadhna IV 109
      Fhuair iad greim air ar cuid cloinne, mar gu’m b’eadh, agus troimh beul luchd-bruidhinn na Beurla, dh’ionnsaich iad iad gu bhi a’ deanamh tàire air an cainnt mhàthaireil is dhùthchasach, agus oidheirp a thoirt gu bhi ’nam “Breatunnaich” coltach ri ’n luchd-teagaisg féin.
    • 1923
      Cailin Sgiathanach 41
      Neach as eughmhais a’ chànain dhùthchasaich, tha e gun dùthaich, gun dachaidh, gun fhàrdaich.
    • 1968
      Sporan Dhòmhnaill 77
      Na fir ainmeil, chalma, chliùiteach, | Dha ’m bu dùthchasach a’ Ghàidhlig.
    • 1997
      Duanaire Colach Notes 49
      Is ann an Gàidhlig dhùchasach na h-Albann a rinn Eachann an dàn, tha mi smaoineachadh, ach tha àiteachan ann cuideachd far an tug e cruthan fhacal on Ghàidhlig Chlasaicich.
    • 1997
      Gairm 179 279
      Aig an aon àm, tha luchd na Gàidhlig aig an robh a’ chànain mar chànain dhùthchasach a’ caochladh: anns an dà bhliadhna seo chaidh, chaill sinn cus dhiubh.
    • 2019
      Seòl Mo Bheatha 239
      Bha cunnartan an lùib a bhith nam fhileantach ann an roinnean far an robh a’ mhòr-chuid den luchd-obrach air a’ Ghàidhlig ionnsachadh ‘gu foirmeil’, agus b’ e an cunnart a bu mhotha gun robh mise mar ‘neach-labhairt dùthchasach’ uaireannan an impis dol fodha ann an teagasg na cànain.
  • 5.b. Of an aspect of a language: characteristic of or belonging to the particular language being referred to.
    • a1983
      Saoghal Bana-mharaiche (2007) 195
      Bha am bàrd a’ dèanamh oidhirp air greimeachadh, cho fada ’s a b’ urrainn dha, ri gnàthasan litreachail stèidhichte – rud air a bheil iomadach cruth ginidich eachdraidheil, maille ri trèithean dùthchasach gràmair eile feadh an teags, a’ toirt fianais.
  • 6. Applying or established throughout or shared by the entirety of a nation, national.
    • 1867
      Eachdraidh na h-Alba 338
      Bha ’Phàrlamaid Albannach mu’n àm so air a roinn ’na trì pàirtidhibh [...] agus bha ’n treas pàirtidh, a réir an aideachaidh féin, a’ seasamh a mach air son chòraichibh Alba mar air leth o Shasunn, agus theirteadh a’ phàirtidh Dhùthchasach riu sin.
    • 1874
      Bratach na Fìrinn II 46
      Shaoil leamsa air an aobhar sin gu’m faodadh aire na h-òige ann an sgoilean dhùthchasach na Frainge bhi air a tharruing a dh’ ionnsuidh cor ainmhidhean ann am bichiontas.
    • 1916
      Bàrdachd Leodhais 74
      Am measg nan òran a rinn e an co-cheangal ri eachdraidh saorsa na h-Alba fo chùing Shasuinn, tha Allt a’ Bhonnaich, cunntas a’ chath fhuileachdaich sin a bha ’n a mheadhon air a’ bhi cosnadh saorsa dhùthchasach dhuinn.