Skip to main page content

darach n.m.

[eDIL 1 dair; cf. FGB dair1]

forms

The original nominative form dair was replaced by the singular genitive darach.

singular

nominative

genitive

dative

plural

genitive

senses

    • I.1.a. The oak tree; an oak tree. Also collective.  

      • a1693
        Lamh-Sgrìobhainn Mhic Rath (1923) 170
        Streid wahell sallich ī shūind | Wohgre fijne a darrich [MacFarlane (1923) 171 darach] douynd.
      • 1785
        Macintosh Proverbs 76
        Le foighidin is dichioll ghearr an luch ball na luinge agus leigibh builibh beag ard darach.
      • 1786
        Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Isaiah 6: 13
        Mar an cuilionn agus an darach, aig am bheil, ge do ghearrar a sios e, a bhonn a’ fantuinn, bidh siol naomha ’na bhonn do ’n chinneach so.
      • 1792
        Mac’coinnich Orain Ghaidhealach 16
        Gur coimeas dhoibh ’n darach cruaidh fàllain gun bheud.
      • 1828
        MacLeod Co’Chruinneachadh 234
        Lionmhor bitheadh ’ur sliochd mar Reulta nèimhe, cruadalach mar an Darach nach cìosnaich sian a gheamhraidh.
      • 1874
        An Gaidheal III 334
        Cha robh asaig an sgoilear duilich a ghiulan […] paipeir-sgriobhaidh cho saor ’s a gheibheadh cailleach nan uibhean an Grianaig, dubh de shughadh an daraich, peann de dh-ite an t-Sulanaich.
      • 1891
        Waifs and Strays III 202
        Bha ’dhòrn dùinte, agus dar dh’ fhosgail se e bha té de dhuircibh an daraich ’n a laimh.
      • 1895
        Mac-Talla III No. 44. 4
        Tha i [sc. a’ Ghàidhlig] “cruaidh mar fraoch agus buan mar an darach” agus cha ’n fhuarasda a leigeil gu làr.
      • 1912
        Dùn Àluinn 24
        Bha […] an darach stocanach, ceigeach, le ghàirdeanan reamhar, lùbach a’ toirt dùbhlain do’ n stoirm fad cheudan bliadhna.
      • 1916
        An Deo-gréine XII No. 3. 35
        Gheibhear dath donn air caochladh dreach is snuadh o rùsg an daraich agus dearcagan na craoibh fheàrna, ma mheasgaichear iad mar bu chòir.
      • a1927
        Meek Campbell Proverbs (1978) 724
        Is doirbh camag a thoirt ás an darach a dh’ fhàs ’san fhàillein.
      • 1950
        Armageddon 16
        Craobhan de chaochladh gnè a’ sgeadachadh leathad an fhearainn; | Darach is beithe fó bhlàth.
      • 1954
        Gairm 8 321
        Their iad “Ma thig ùr-fhàs air an uinnsean roimh an darach, théid ar dearg bhàthadh fad an t-samhraidh”.
      • 1958
        Gairm 23 279
        Bha na Gaidheil, cuideachd, a’ cur urraim air an darach, agus chanadh iad “Rìgh na Coille” ris.
      • 1972
        Aitealan Dlù is Cian 114
        Bha an darach a’ samhlachadh teagaisg, is gliocais, mar ann an creideamhan Greugach, co-cheangailte ri Zeus.
      • 1998
        Gairm 184 337
        Chitheadh e craobhan de gach seòrsa agus mhothaich e gun robh a’ chuid bu mhotha dhiubh air tòiseachadh air an duilleagan a chall ach, mar a b’ àbhaist, bha an t-uinnseann agus an darach ann an làn duilleach fhathast.
      • 2001
        Sgeulachdan Dhòmhnaill Alasdair 38
        Tha a’ chiste[-mhara] air leth grinn, air a dèanamh le fiodh daraich ’s air a deagh lìomhadh.
    • I.1.b. In verse: the oak tree in figurative context in reference to a person’s good qualities or noble descent.  

      • 1776
        Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 287
        Bu tu’n t iuthair as a choille, | Bu tu’n darach daingean laidir.
      • a1786
        Gillies Sean Dain 8
        Abraibh sibhse Cheinn na Feinne, | An d’ thainic sinn o dhaoinibh crion? | An ann do gheugaibh fann ar sleagh? | O dhárach Albain na’m mor ghniomh.
      • 1798
        Dughallach Orain 51
        A chraobh do’n darach, ’s ùr an gallan, | Uasal, fallain, rioghail, | S do chomissìon ann ad’ phoca | Bho Righ Deorsa sgriobhte.
      • 1831
        Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaeleach 128
        Thainig taraid neo chaomh oirn | […] | Lub e an gallan a b fhine, | Dh fhas dheth an darach ba daoire.
      • 1876
        An Gaidheal V 164
        Chualas sgeula air a ghaisgeach | Tha ro-thaitneach ri innse: | Geug da’n darrach gun mheang | A bh’ againn ann bho chionn linntean.
    • I.2.a. The wood of the oak tree.  

      • 1412-42
        Book of the Dean of Lismore p. 70, line 13
        Senn long gin nearni gin derri / neir iddir | sinni a sawilt // neynn lwng eit ȝi laytir.
      • a1707
        Orain Iain Luim (1964) 16
        Long ’ga seòladh, | […] | Beucaich mara | Leum r’a darach, | Sùigh ’gan sgaradh teann.
      • 1751
        Ais-Eiridh 185
        Faidh, iarrann, tearr, ’s baill o ghallamh, | ’S dean Airc’ do dharach Loch-seile.
      • 1768
        Mac an t-Saoir Orain Ghaidhealach 140
        ’S chuala mi mar shean-fhocal | Mu’n darach, gur fiodh còr é, | ’S gur geinn dheth fhein ’ga theannachadh | A spealtadh é ’na òirdnibh.
      • 1801
        Mac ghrigair Orain Ghaelach 108
        ’S e an darach bu mhath fulang, | A bha cumail ’mach an t-shaile.
      • a1822
        MacLachlan’s Gaelic Verse (1937) 245
        ’S fuar an nochd air an darach do chreubh; | ’S fuar an nochd air a’ bhòrd thu.
      • 1868
        An Duanaire 33
        Ach coit an dà ràimh | […] | De’n darach nach cnàmh an cuan e.
      • a1890
        Comhchruinneachadh Ghlinn-a-Bhaird 384
        Comhradh. Eadar sgiobair agus a shoitheach. | […] | Ach nam faighinn-sa ceartas | ’S a bhi ur bharr mo bhac-stuic, | Le darach math Sas’nach, | ’S a bhi snasmhor mu’n cuairt.
      • 1894
        Mac-Talla III No. 22. 8
        Bhiodh leine dhe ’n darach | Cha bhiodh feum air an anart. | ’S bhiodh an rébal bho’n talamh | ’S leachd thana ri thom.
      • 1930
        An Ròsarnach IV 166
        Am Peirt […] tha bùth tombaca le mullach ìosal, mìrean de bharailean tombaca agus ballachan air an crìochnachadh le darach.
      • 1995
        Not an Orchid 280
        Agus gun teagamh an darach, tha fhios gur e caman bu chruaidhe is bu treasa is a b’fhaide a sheasadh dhiubh air fad, ach glè thric bhiodh dèireach ann.
      • 1999
        Bàrdachd Dhòmhnaill Alasdair 22
        An darach a dhìon thu [sc. am bàta] | Air lobhadh ’s air crìonadh, | Do chrann gun sgeul air | No bileag dhen t-seòl.
    • I.2.b. In the genitive singular modifying a noun: of oak, oaken.  

      • ?c1718
        Duanaire Colach (1997) 32
        Chuir thu do long fhada dharaich | Le ballaibh air sàile, | Le stiùir, le croinn, le buill bheirte, | Le acraichean làidir.
      • 1786
        Gillies Sean Dain 235
        Caoilte fear fhaire na Ceardaich, | Sgeul deirbhte gu’n troid e | Gu’m bu deirge na’n gual daraich | A shnuadh, a toradh na h oibre.
      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 287
        Chuir iad a cheann air ploc daraich, | ’S dhoirt iad fhuil mu lar.
      • 1828
        MacLeod Co’Chruinneachadh 231
        Anns na h-oidhchean fada geamhraidh, mu chagailt a’ ghealbhain shuilbhearra, agus mu sholus an lòchrain daraich no ghiubhais.
      • 1846
        An Seòl air an Glacar […] an Sgadan 21
        Tha feabhas an sgadain a ghréidhear leis na Dùidsich […] ag éiridh, […] ann an tomhas mòr, o bhi ’ga shailleadh a mhàin le salann Lisboin no St. Ube, ann an clàraibh daraich.
      • 1881
        Nicolson Proverbs 364
        Theid cathadh Earraich troimh bhòrd daraich.
      • 1892
        Mac-Talla I No. 13. 1
        An deigh beagan cladhaich a dheanamh fhuair iad ciste-laidhe dharaich ann san robh cnamhan duine ’s iad cho slan sa bha iad riamh.
      • 1944
        Sgialachdan Dhunnchaidh 58
        Ach tha iad ag ràdhtinn gur ann air sail dharaich a shuidhicheadh Eirinn.
      • 1958
        Gairm 23 279
        An làimh a’ chìobair bhiodh cuaille daraich, oir ’na bharail cha shoirbhicheadh spréidh gun darach ’gan dìon.
      • 1970
        Lus Chrùn 100
        Chun na làimhe deise bha cathair dharaich le gràbhladh briagha, air a suidheachadh; a’ chathair anns am biodh am Bàrd a’ suidhe airson a’ chrunaidh.
      • 1981
        Uibhist a Deas 57
        Dh’atharraich an seanchas gu fiodh a bha a’ tighinn air tìr air a’ chladach, agus bha fear an tighe ag innse mu shail mhóir dharaich a fhuair e fhéin lathaichean roimhe sin.
      • 1997
        Gairm 178 119
        Is e sgìos na h-obrach a dh’ fhàgadh a’ bheing dharaich socair airson cadal-ceàrnach.
    • I.2.c. In verse: a ship.  

    • I.3. The name of the letter d.  

      • 1902
        Mac-Talla XI No. 9. 68
        Thug iad [sc. na Ceiltich] ainmeannan nan craobh uime sin air na litrichean a bha iad a cur gu feum. Bha A a seasamh airson Ailm; […] D airson Darrach.
      • 1994
        Gairm 166 149
        Chunnaic sinn, anns an ath-shealladh litrichean na h-aibidile . . . A = Ailm, B = Beith, C = Coll (an diugh, calltuinn), D = Dair (darach).
      • 1999
        Gairm 188 359
        Bha iomadh ainm craoibhe cho aosda nach robh sinn gan cleachdadh sa’ Ghàidhlig an-diugh. Mar eisimpleir, bha D ‘dair’ a-nisd ‘darach’.
    • II. As a modifier.  

      With crann n. and craobh n.: the oak tree; an oak tree. Also collective.

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 67
        Garran do chrannuibh Daraich | A Grove of Oak-trees.
      • 1773
        Eisempleir Shoilleir Ceasnnuighe 285
        Absalom, mac ceannairceach Dhiabhi [sic], a bha air a thogbhail suas air crann daraich eidear neamh agus talamh.
      • 1831
        An Teachdaire Gaelach II 233
        Tha iad [sc. craobhan ime] ro lionmhor ann an dùthaich thìorail na h-Africa, Tha na craobhan mòr, làidir, cosmhuil ri craobhan daraich.
      • 1867
        Eachdraidh na h-Alba 7
        Bha ’chraobh dharaich ’na h-aon de’n cuspairean aoraidh.
      • 1873
        An Gaidheal II 182
        Bha geugan na craoibh dharaich air am bualadh r’ a cheile leis an doininn a chum gu ’n tigeadh na mucan-fiathaich beo air na cnuthan a thuiteadh dhiubh.
      • 1881
        Nicolson Proverbs 371
        Trì aois coin, aois eich; | Trì aois eich, aois duine; | Trì aois duine, aois féidh; | Trì aois féidh, aois fìrein; | Trì aois fìrein, aois craoibh-dharaich.
      • 1904
        Guth na Bliadhna I 50
        Rinn barran ura uaine a ghiubhais agus duilleagan copair nan craobhan daraich òga fuaim ghearanach anns a ghaoith.
      • 1950
        Armageddon 22
        Fiodh is fìnealta lì, is cruaidhe na craobh dharaich Shasuinn.
      • 1972
        Aitealan Dlù is Cian 113
        Tha craobhan naomha Ceilteach air an ainmeachadh an sgrìobhaidhean Ròmanach is Eireannach, agus tha diathan chraobh dharach is fhaighbhile aithnichte an coisrigidhean sgrìobhte eile.
      • 1982
        Gairm 121 40
        A-rèir beòil-aithris, ’se Mac Mhaighstir Alasdair a chuir a’ chraobh-dharaich a chì sibh anns an dealbh.
      • 1988
        Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid 22
        Tha craobh-dharaich air grianan os cionn a’ chlachain […] is bu nòs do chloinn a’ bhaile, an àm a duilleachaidh, latha thoirt air a duanadh, is air sgeul roimh-mhithich a sgrùdadh uaipe.
      • 2006
        Dìleas Donn 84
        Agus an sin sheas iad, fo chraoibh daraich, an dithis a’ coimhead a chèile mar dà shrainnsear à saoghal eile.

      See cnò dharaich n., dearcan-daraich n., ubhal-daraich n.