Skip to main page content

uircean n.m.

Also: oircean, oircein, uircein.

[eDIL 1 orcán]

forms

singular

nominative

genitive

dative

vocative

  • 1882
    Duain agus Orain le Uilleam Mac Dhunleibhe 215 Oircean bhig chlis […] Chuir thu mis an càs.

plural

nominative

genitive

dative

senses

    • I.1.a. A young pig, a piglet.  

      • 1741
        Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 78
        Uircén A Pig or Grice.
      • 1785
        Macintosh Proverbs 15
        (See III.2. below.)
      • 1835
        An Teachdaire Ùr Gàidhealach 46
        Chitear na h-uirceanan agus na pàisdean a’ comhstri r’a chéile mu’n amar anns am bi fuighleach a’ bhuntàta.
      • 1841
        Ceann-iùil an Fhir-imrich 122
        Cha neil mucan Chanada mòr mar is trice. Tha mi ’saoilsinn nach eil an seòrsa th’ ann ro mhath agus nach b-olc an dòigh uircean beag, laghach no dhà ’thoirt a null; cha chuireadh tinneas mara feadag orra; ach am pailteas ’thoirt doibh ri itheadh.
      • 1867
        Caraid nan Gàidheal 162
        Thug mi ’mhuc ’n uair a bha i ’na h-uircean, do m’ mhnaoi. “So,” arsa mise, latha ’bha i ’g iarraidh ni-eigin bh’uam,—“so” arsa mise, “uircean; reamhraich e ’s reic e, agus ceannaich na tha ’dhìth ort.”
      • 1875
        An Gaidheal IV 292
        Anns a Sgireachd ’s an do thogadh mi, ’s e A ghin mhaith a theirear ris an aon mu dheireadh de chluain [recte chuain] uirceinean a tha, mar is trice, moran na’s lugha ’s na’s laige na’n corr.
      • 1882
        Duain agus Orain le Uilleam Mac Dhunleibhe 216
        Chaidh gach bruach is gleann is alld | A rannsachadh le siubhal chas | ’S ma ’s fìor ’s an t-oircean gun fhaotuinn, | Thòisich caoineadh ’s greadadh bhas. 
      • 1898
        Mac-Talla VI No. 42. 334
        Tha ’n Donus anns a’ phoca; bha e ’n riochd uircean an dé, an riochd cait an raoir, agus Ni Maith ’g ar tearnadh! tha e ’n a uircean an diugh a rithist.
      • 1900
        Mac-Talla IX No. 6. 46
        Cho luath ’s a thionndaidh an t-uircean an ùir a suas bha a chearc a dol ’s a trusadh a lìon de bhaoiteagan ’s de bhurraich as gu dìchiollach.
      • 1907
        An Deo-gréine II No. 11. 174
        Uircean, a sucking pig, young pig, grice; oircean, in Arran.
      • 1936
        Bàird Chill-Chomain 26
        Smaointich mi ’n diugh fhéin gu’m faigheamaid uircean, oir chuala mi gu’n robh sè uirceanan-deug aig muc-àil Eoghain.
      • 1968
        Sporan Dhòmhnaill 41
        Bha Robbie a’ tighinn ’na throtan, | Bha cearc aige ’s poca mu cheann; | Oircein a’ sgiamhail air ròp’ aige,— | Saoil nach b’e spòrs a bhith ann.
      • 1979
        Deireadh an Fhoghair 3
        A réir beul-aithris, cha chualas samhail glaodhaich na cloinne ud a riamh – aon man uircean, ’s a’ fear eile man bioran, glan ás an ciall a’ sgriachail ann an tigh Dhé.
      • 1987
        Sgeul gu Latha 94
        Sin mar a chaidh an àl fhaotainn: thog iad na h-uirceinean bho ’n mhuic thro ’n fhosgladh a rinn iad air a cliathaich.
      • 2001
        Gairm 195 278
        Bha mucan is uirceanan a’ ruitheadaich a-mach ’s a-steach ’s a-chuile taobh.
      • 2011
        Mo Là Gu Seo 47
        Aon bhliadhna bha muc againn. Thàinig i na h-uircean beag, agus rinn sinn a beathachadh gu math. An ceann ùine bha i na biast mhòir reamhair.
    • I.1.b. In figurative context in reference to a person’s negative qualities.  

      • 1813
        Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 282
        Mosglaibh uile, gach duine, | Anns a chumasg bithibh garg; | Deòrs a’s Uilleam rinn ar guineadh, | Sud na cuileinean gun dealbh; | Choidhch cha toir a chràin na ’n cullach, | Am feasd buinig as ur n-arm; | ’S fuadaichibh a mhuc le gusgal, | Marr-ri h-uirceinean th’ air fairg.
      • 1844
        Eachdraidh a’ Phrionnsa 284
        Tha Deòrs a ’s a chuid uirceanan, | An déis na mhurt e dh’uaislean, | An muineil cho garbh sturranda, | ’S gur gann is urra’ tuagh annt’.
      • 2011
        Steall à Iomadh Lòn 98
        Bha cuid nach robh ro mheasail air, ma chreideas sinn am bàrd a thuirt: “Alasdair Ruchdaidh, tràill na muice, uircean an droch nàdair.”
    • I.1.c. In figurative use: a woman’s breast.  

      • 1992
        Am Fear Meadhanach 7
        Tè bheag chruinn (à Ile) le dà uircean a’ mireadh am broinn a blobhs.
    • I.2. A young wild pig.  

      • 1877
        An Gaidheal VI 279
        Leis gu’n cuala an torc téis nan uircean cha do lean e Dònull ro fhada, agus tillear na ’dheann do’n gharaidh.
      • 1970
        Briseadh na Cloiche 43
        Cha robh sin fada, bha e fhéin is Agadh air lorg uircean nuair a leum dóbhran le dà chuilean a-mach roimhe ’s chuir i h-aghaidh air.
    • I.3. A young whale, a whale calf. Cf. muc-mhara n.  

      • 1831
        An Teachdaire Gaelach II 230
        Cha’n ’eil aig a mhuic-mhara ach an t-aon uircean air an aon àm.
      • 1835
        An Teachdaire Ùr Gàidhealach 87
        Tha na muca-mara co bàigheil chaomh mu thimchioll nan uirceanan beaga ’s a bha aona mhàthair a chunnaic thu riamh mu naoidhean cìche. […] Ciod is meudachd do na h-uirceanan beaga cìche sin?
    • II. With a modifier.
    • With muc n.: a piglet.   

      • 1914
        An Deo-gréine X No. 1. 2
        A reir nam paipairean-naigheachd, bhiodh na namhaidean, air dhaibh a cheud shàthadh fhaotainn, a sgiamhail mar uirceanan mhuc!
      • 1985
        Ris a’ Bhruthaich 156
        Chuir tubaist do uircein muice Uilleam [Mac Dhùn-Lèibhe] agus a mhaighstir gu carraid, agus dh’fhàg am bàrd òg Ile gu teachd-an-tìr fhaighinn air a’ Ghalldachd no, có dhiùbh, air Tìr-mór.
      • 1987
        Sgeul gu Latha 228
        Thug i dha bogsa beag mu mheudachd bogsa snaoisein agus beagan do thuill bheaga air a dheanamh as a’ mhullach aige. Agus bha uircean muiceadh ’na bhroinn sin.
    • III. In sense I.1. above in proverbial use.
    • III.1. Cha tig on mhuic ach uircean literally ‘From a sow comes but a piglet’ a person’s character and behaviour resemble that of the parents. Cf. English ‘The apple doesn’t fall far from the tree’, ‘Like father, like son’.  

      • 1875
        An Gaidheal IV 33
        Am measg nan Sean-fhocail Gaidhealach cha ’n ’eil teagasg is trice a th’ air a thoirt f’ar comhair na so,—gu bheil feartan ’us faillinnean cuirp ’us inntinn, deas-ghnathan ’us cleachduinean a’ ruith ’s an fhuil, air an giulan a nuas o pharantan gu cloinn. […] Cha tig o’n mhuic ach uircein.
      • 1881
        Nicolson Proverbs 132
        Cha tig o’n mhuic ach uircein. From the sow comes but a little pig.
    • III.2. Cnuasach(d) uircein buain is ithe literally ‘A piglet’s contemplation, pluck and eat’; in reference to greed and gluttony.  

      • 1785
        Macintosh Proverbs 15
        Cnuasach uirceain, buain is ithe. The pigs delight, pluck and eat.
      • 1875
        An Gaidheal IV 229
        Tha mi de ’n bharail gu’n robh ar n-Aithrichean a’ meas geocaireachd ’us pòitearachd ’n an nithean nàrach, maslach […] Cnuasachd uircein buain ’us itheadh.
    • III.3. Cuir ceann na muice ri eàrr an uircein literally ‘Set the sow’s head to the piglet’s tail’.  

      • 1785
        Macintosh Proverbs 22
        Cuir ceann na muic re tar [recte eàrr] an uircean. Set the sow’s head to the pig’s tail.
      • 1881
        Nicolson Proverbs 157
        Cuir ceann na muice ri earr an uircein. Set the sow’s head to the little pig’s tail. […] This looks like a case of hysteron proteron.