Skip to main page content

giuthas n.f./m.

[eDIL giús]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

genitive

senses

  • I.1. The pine tree; a pine tree; also a fir tree. Also collective.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 162
      Chi mi scur-eilt air bruaich a ghlinn | [...] | A’s gorm-mheall ailt na milè giubhas.
    • 1807
      Ossian I 146
      Am faic thu, Mhalmhìna nan seòd, | Carraig mhòr, is a ceann am fraoch; | Tri giubhais ag aomadh o ’n tòrr [...] ?
    • 1829
      An Teachdaire Gaelach I 54
      ’S bòidheach, dosrach a tha choill’ aige-san a’ fàs, o lìnn gu lìnn, mar dh’fhàs a choill’ o’n d’thainig i. Cha’n ionann ’san giubhas riobach gallda, a tha iad a nis a’cur air gach cnochd mu na tighean ùra.
    • 1841
      Ceann-iuil an Fhir-imrich 73
      Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh, maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann VIII 236
      Is minic a gheibhear craobhan de’n ghiubhas so a thomhaiseas cuig troidhe déug mu’n bhun, sea fichead troidh ann an àirde.
    • 1873
      Am Filidh Gaidhealach 94
      Iomadh lethead cruaidh, bha riamh gu seo, gun bhuaidh | Le òg-ghiubhas uain air chòmhdach.
    • 1892
      Mac-Talla I No. 24. 2
      Dr Wood’s Norway Pine Syrup. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean cliabhail eile.
    • 1896
      Mac-Talla V No. 26. 197
      ’Se ’n togalach fiodha a’s sine th’ air an t-saoghal, eaglais a th’ ann am Borgund, an Norway [...] Bha i air a cumail o ghrodadh le bhi air a cumail còmhdaichte thairis le bìgh a ghiuthais.
    • 1912
      Dùn Àluinn 24
      Bha cnocan àrda, maola, ag éirigh mu ’n cuairt air, mar ghàradh dìon nàdurra, le ’n còmhdach uaine, a gheamhradh ’s a shamhradh, de ’n ghiuthas mheanglanach, bhadanach, gharbh.
    • 1937
      Am Measg nam Bodach 84
      Theirear fhathast mu a dheidhinn gu’n robh e cho seasmhach ri darag na beinne, cho dìreach ri giùthas a’ ghlinne.
    • 1966
      Gairm 57 30
      Gaidheal ann an Canada [...] ’Se obair shaothaireachail a bh’ann anns na làithibh fad air falbh a bhith a’ leagail nan giuthais le na h-eich is sàbhan móra.
    • 1970
      Lus Chrùn 59
      Cha robh dùil aice eadhoin gual a losgadh ’s an teine oidhche na cuirme; ’s ann a bha sgonnan-giuthais aice air an lorg airson an aobhair.
    • 1976
      Bith-Eòlas 103
      ’Se durcain bhoireann an fheadhainn a tha sinn eòlach air a bhi faicinn air craobhan mar a tha an Giuthas.
    • 1991
      Aonad Àrainneachd 4.6
      Tha bàrr an guib cam (sin mar a fhuair iad an t-ainm [sc. cam-ghuib]) agus tha e mar seo a dh’aona ghnothaich airson durcain na giuthais fhosgladh gus am faigh iad an sìol.
    • 2014
      Casan Searraich 43
      Bha iad nan seasamh aig oir na garbhlaich agus iad air an cuairteachadh le tiùrran de dh’ fhiodh dearg-gheal a’ ghiuthais agus an learaig.
  • I.2. The wood of the pine or fir tree. Quot. 1741 Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 136 may be a further example of I.1.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 164
      ’N ciste ghiuthais chaoil bhàin, | ’N déis a h-uigheam aig càch | An taigh-fiodha fo bhlàgh nan òrd.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 136
      Do Phinfhiodh Of Pine [...] Do Ghiubhas Of Fir.
    • 1768
      mac-an-t-saoir Orain Ghaidhealach 126
      Mordha cumhann geur, | Le chrann giuthais fhein, | Aig fir shubhach threubhach | ’Nan dórnaibh.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 166
      Schuir sinn a mach raibh chaol bhaistgant [sic], | Dhaita mhine, | Do’n ghuibhis a bhuain Mac Bhairis, | An oilain fhionain.
    • a1779
      Songs of John MacCodrum (1938) 184
      Ro mhath sgliatadh, ro mhath aoladh, | Ro mhath ’n t-saothair th’ air a bhalla, | ’S ro mhath ghiuthas air a dhlùthadh.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 394
      O tha giumhas sabhte agad, | ’S gu’n d’rinn an gabha tairngean duit, | Teannamaid ri bata nis, | Theid do Phàro dh’iaraidh Brandi.
    • 1860
      Filidh nam Beann 77
      ’Sud a’ chungaidh ’chàireadh | ’M bàta ’choisinn buaidh, | […] | Fiùghanan, ’us ùrlar | Sùghta, fallain, buan, | Giubhas glan na Lochluinn | Fuaight’ le copar ruadh.
    • 1896
      Mac-Talla IV No. 34. 1
      Gheibhear giubhas dhachaidh as a’Ghalldachd air a shàbhadh, air a locradh, agus air a ghròbadh, mòran ni ’s saoire na dheanteadh anns an duthaich e.
    • 1962
      Gairm 40 362
      Nuair a bhatar a’ toirt a’ mhullaich bho sean Chaisteil Caol-a-Chùirn tha e air innseadh gun d’ fhuaireadh sailean giuthais a bha cho slàn, fallain ’s a bha iad nuair a chuir na saoir ’nan àite iad, trì cheud bliadhna roimhe sin.
    • 1981
      Gairm 115 279
      Tha an saoghal gam shealg | on a dh’fhalbh Seonaidh | on a chaidh e mach | ’na dheise bhuidhe ghiuthais | ’S na putanan cumha.
    • 1985
      Gairm 131 224
      Mar a chì sibh san dealbh, tha an caibe-làir seo snasail agus gleusda air a dhèanamh. Tha an croisean-làimhe de ghiuthas dearg agus tha a’ chas de dharach.
  • I.3.a. Bog pine, fragments or roots of pine found in peat bogs and used as fuel. See also II.4.b. and III.2. below.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann II 43
      Bi tapaidh Eoghain bhig a laochain, ’s tilg spealgan de’n ghiuthas sin a tha sa chùil air a ghealbhan. Tha agam an so Ailein, giuthas a bha fo’n mhòintich, m’an robh mìr guail an Sasunn, no Cam’ronach an Lochabar. Tha e co caoin ri spong, ’s cha’n fhaca tu riamh teine ’s cridheile agus is suilbhire na ni e.
    • 1958
      Gairm 24 366
      Am meadhon tìre, am Peairt, Earraghaidheal, is Inbhirnis, gheibhear darach is giuthas, bunan garbha a bha air an gleidheadh o chian fo chòmhdach tiugh an réisg. Gu dearbh fhéin b’ e sin an deagh chonnadh.
  • I.3.b. Pine used for lighting; a branch used as a torch.
    • 1828
      MacLeod Co’chruinneachadh 231
      Anns na h-oidhchean fada geamhraidh [...] mu sholus an lòchrain daraich no ghiubhais, bhiodh sgeul nan euchd a rinn Fionn, Oscar, Cuchulluinn, Caoilte, Goll agus Diarmad, a’ fadadh tein’ aoibhinn an uchdaibh na h-òigridh.
    • 1873
      An Gaidheal II 235
      A dh-innseadh na firinn, cha tric tha coinnlean sam bith am fhardaich-sa, ach na coinnlean sin nach ith na coin, ’s iad sin na coinnlean, maith, tiorom giubhais.
    • 1907
      Naigheachdan Fìrinneach II 69
      Steòc a stigh dà Ghàidhail foinnidh deas, àrd, anns an éideadh Ghàidhealach, gach fear dhiu a’ giùlan ’na làimh dheis leus de ghiuthas ròiseideach.
    • 1992
      An Sgaile Dhorcha 74
      Bha lòchran giuthais ’na lasair aig fear de na Companaich air an àrd-ùrlar.
    • 2014
      Caogad san Fhàsach 73
      Bhiodh iad a’ sàthadh gob biorach na cromaig do sgàineadh ann am balla an taighe. Chuireadh iad an uair sin na coinnlean giuthais sa chromaig, agus chuireadh iad teine ri na coinnlean gus am biodh solas aca am broinn an taighe.
  • I.4.a. A representation of a pine or fir tree, used as an emblem of the clans belonging to Sìol Ailpein, chiefly the MacGregors. See II.4.c. below.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 288
      Mu Mac Griogoir na’m bratach | [...] | Ga’m bu shuaitheantas giubhas.
    • 1792
      mac’coinnich Orain Ghaidhealach 49
      Biodh giubhas ri crann dìreach, | Strol sìoda sa phlapairnich, | Aig fir [sc. na Grànntaich] nach caisgeadh sìonntein, | ’S cha bhlìonaich na frasan iad.
    • 1831
      Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaelach 32
      Clann a Ghrigair nan geur lann | [...] | Ga n robh an giubhas ma shuaichantas, | Nuair thogte srol uain ri crann libh.
    • 1831
      Co-chruinneach Dh’Orain Thaghte Ghaelach 86
      Bannsa suaicheantas chlann ailpain, | A bhi ga fhaicinn air na feilltan, | [...] | Nuair a sgaoilt libh srol uain, | Craobh do n ghiubhas air mar shuachants.
    • 1874
      An Gaidheal III 77
      Sin cuir chathach nan Griogarach | Fo bhratach a’ ghiubhais—‘S rioghail an dream!’
    • 1901
      Mac-Talla X No. 4. 30
      Nuair a theasdas a Ghaidhlig [...] cha bhi an giuthas ’s an la mhuladach sin tuille mar shuaicheantas aig Clann Ailpein.
    • 1953
      Gairm 6 182
      Car son a bha craobhan no lusan mar shuacheantais air na fineachan Gaidhealach, mar a bha a’ chraobh iubhair aig na Frisealaich [...] agus an giuthas aig Sìol Ailpein?
  • I.4.b. A sprig of pine worn as an emblem or badge.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 303
      Marbh-rann do Rob Ruaidh Mac Ghrigoir [...] Agus Raonull mo ghaoil, | Bheireadh giubhas a craoibh, | Sud an suaithneas, nach caochail dathanan.
  • II. As a modifier.
  • II.1. With bàn-bhìth n.: the pale resin of the pine or fir tree.
    • 1939
      Ban-altrumachd aig an Tigh 34
      Crathar làn-spàine bhig de Bhan-bhith Ghiubhais air mir de chùrainn, dóirtear uisge teth air agus fàisgear a’ chùrainn gus am bi i tioram.
  • II.2. With bìth n.: the resin of the pine or fir tree.
    • 1877
      Eòlas agus Seòladh 36
      Tha oladh bìth giubhais ro mhath, ma tha ’n craicionn buileach loisgte.
  • II.3. With crann n.: the pine or fir tree. Also collective. Also figurative. Quot. 1786 Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Isaiah 41: 19 refers to an unspecified type of evergreen tree.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 180
      Thog thu bàrd ann an Dubhaird, | Streap thu ’m bàrr croinne giuthais.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees. [...] Crann Giubhis A Fir-tree.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Isaiah 41: 19
      Suidhichidh mi an crann giumhais anns an fhàsaich; an gall-ghiumhas agus an crann-bocsa le cheile.
    • 1801
      mac ghrigair Orain Ghaelach 59
      Gur ceutach do choille, | ’S gach doire ma ’n cuairt dhuit, | Gu badanach, dosach, | Ar choslas an uaine; | Le ’n ard chrainne ghiubhais, | Dharach, ’s iubhar re ’n gualain.
    • 1872
      Leabhar na Feinne 6
      Rainig Garabh crom ghleann nan craobh, | ’Shloid e sia croinn Ghuibhais o thalamh.
    • 1901
      Mac-Talla X No. 5. 38
      ’S e duine fada caol, air cumadh crann giubhais, a bha ’n Henry V.
    • 1954
      Gairm 8 372
      Mo ràmh thu ’s mo stiùir, | Reul-iùil an dùbhlachd mo chrìdh’, | Crann giuthais nach lùb, | ’S bheir dùbhlan nach fàilnich ’san strìth.
    • 1982
      Creachadh na Clàrsaich 210
      Tha iomadh lot air slios mo dhùthaich nach fhalaich a chaoidh an crann-giuthais.
  • II.4.a. With craobh n.: the pine or fir tree. Also collective. Quots. 1694 Sailm Dhaibhidh 189 and 1787 Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 2 Righ 19: 23 refer to an unspecified type of evergreen tree.
    • 1694
      Sailm Dhaibhidh 189
      Is bithidh neid sa nionad ùd aig èunlaith luath na nspèur: | Na craobhan giumhais, aig an storc mar ionad tàmh dhi fein.
    • 1787
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 2 Righ 19: 23
      Gearraidh mi sìos a chraobhan seudair a’s airde, agus roghadh a chraobhan giuthais.
    • 1825
      Laoidhean Spioradail 35
      Mar chraobh Lebanoin is ghiuthais, | Mar chraobh ubhail is phalim [sic], | Bheireadh meas agus toradh | Nach gearradh am bās uath.
    • 1877
      An Gaidheal VI 321
      Tha craobhan giubhais an California a tha corr a’s ceithir cheud troidh air aird, agus thair leth-cheud troidh an cuairt.
    • 1900
      Mac-Talla IX No. 7. 49
      Shuidh e sios fo chraoibh ghiubhais, agus rinn e morthoileachadh ri Mairi fhaicinn, oir bha e ro-thursach ’ga h-ionndrainn.
    • 1913
      Lost Pibroch 53
      Dh’ fhàs am balach mar gu ’m biodh craobh ghiùthais; dìreach, àrd.
    • 1958
      Gairm 24 368
      Gun a dhol nas fhaide air ais na a’ bhliadhna 1848 tha iomradh air a bhith losgadh chraobh-giuthas, darach, agus beith, gus àite ionaltradh chaorach a dheasachadh.
    • 1964
      Gairm 49 35
      A dh’ aindeoin an teas bha na h-uile ag obair gu saothrachail a’ leagail sìos feadh na coille móir a bha sud na craobhan móra giuthais a bha a’ bacadh ar siubhal air n-adhart.
    • 1976
      Bith-Eòlas 12
      Tha againn a rithist nithean beò leithid na craoibhe giuthais, no an duine fhéin anns a bheil iomadh millean cealla.
    • 1984
      Gairm 125 39
      Tro iomadh linn bha daoine a’ toirt freumhan nan craobhan giuthais às an lòn gus beothachadh teine, oir bha am fiodh làn ròsaid agus furasda a lasadh.
    • 1991
      Aonad Àrainneachd 4.6
      Tha cam-ghuib ag ithe sìol na craoibh giuthais.
    • 1999
      Gairm 189 31
      Mu dheireadh thall rinn e [sc. fuamhaire] a-mach cumadh a bhràthar, leathach slighe a-measg a’ bheum-slèibhe, a’ sadadh carraghan mhòra roimhe mar staran agus craobh mhòr giuthas aige ’na làimh mar bhata a’ daingneachadh a cheum.
    • 2014
      Caogad san Fhàsach 70
      “Murt,” arsa Deirdre. “Tha duine marbh sa choille. Shuas ann am bàrr craobh giuthais. Na poilis! Na poilis!”
  • II.4.b. Pine wood found in peat bogs and used as a commodity, bog pine. See also I.3.a. and III.2.
    • 1926
      Am Bàrd 25
      Rachadh prasgan daoine ri monadh le tuaghan is spaidean; is bhitheadh gathan biorach eile aca gu stobadh am blàr mòintich gus an amaiseadh iad air na craobhan-giuthais a bha bho linn nan linntean am falach annta sin. Dh’ fhaodadh gum faigheadh iad aon chraobh a dhèanamh a dhà no trì bhothan.
  • II.4.c. A representation of a pine or fir tree as the emblem of the clans belonging to Sìol Ailpein (the descendants of Alpin), chiefly the MacGregors. See I.4.a. above.
    • 1801
      mac ghrigair Orain Ghaelach 190
      Chunnic mi a bhratach uainè, | Ard-shuaicheannas Cloinne Ghrigair, | Le craobh ghiubhais, dhosrach, bhuadhar, | Aig na h-Uaislean, mar a thigead.
    • 1899
      Mac-Talla VII No. 41. 324
      Bha’n duine iomraiteach Rob Ruadh Macgriogair air a thiodhlacadh [...] fo lic-lighe mhor chutdhromaich, air an robh dealbh a’ chlaidheamh a b’ abhaist da iomairt air a ghearradh, agus craobh ghiuthais agus reull, mar shuaicheantas.
  • III. With a modifier.
  • III.1. Denoting a type of pine, fir or spruce tree. Also collective.
  • III.1.a. With alba prop. n.: the Scots pine.
    • 1962
      Gairm 40 362
      Tha iomadh seòrsa giuthais ri’m faighinn sna coilltean air feadh an t-saoghail, ach ’nar dùthaich fhéin ’se giuthas Albainn, no giuthas nam mórshliabh, an t-aon diubh a chinn gu nàdurrach.
  • III.1.b. With albannach adj.: the Scots pine.
    • 1991
      Aonad Àrainneachd 4.1
      Chan eil ach trì craobhan durcain a tha gnèitheach – a’ ghiuthais Albanach, iubhar agus aiteann.
  • III.1.c. With buidhe adj.: the yellow pine.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann VIII 236
      Cunntas air Ceap Bretoin [...] ’Se’n giubhas buidhe a’s luachmhoire, oir cha’n e mhàin gu’m bheil e ’na dheagh fhiodh, ach tha e ’fàs gu meud anabarrach mòr.
  • III.1.d. With dearg adj.: the red pine.
  • III.1.e. With dubh adj.: the black pine.
    • 1952
      Gairm 1 61
      Tha móran airgid an crochadh ri na craobhan Nollaige, ’s e sin an giuthas dubh.
  • III.1.f. With dùghlas prop. n.: the Douglas fir.
    • 1966
      Gairm 57 30
      Anns an Roinn so tha an Giuthas Dùbhghlas cho garbh ri tigh is cho àrd ris an adhar, agus cho pailt ri ucasan anns a’ Chuan Sgìth.
    • 1986
      Gairm 136 365
      Bha giuthais Douglas agus seudaran mu chuairt air dà chiad troigh a dh’àirde, a’ dìreadh chun an adhair.
  • III.1.g. With Eilean Norfolk: the Norfolk Island pine.
    • 1896
      Mac-Talla V No. 21. 155
      Cha mhor dhùthchannan air an t-saoghal anns nach eil sluagh eòlach air giuthas Eilean Norfolk.
  • III.1.h. With geal adj.: the white pine.
  • III.1.i. With lochlannach adj.: (the wood of) the Scandinavian pine or Norway spruce.
    • 1786
      Gillies Sean Dain 93
      ’Nuair nach maireadh giubhas Lochlanach, | ’Sa’ choill’ an déis a stopadh oirn, | Bu mhath na h-airm na botrachain.
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 72
      Guithas Lochlannach, Scandinavian pine.
    • 1932
      Na Baird Thirisdeach 383
      Iubhrach chruaidh ’thug buaidh air saile | ’Ghiubhas Lochlunnach ’s e fuaighte | Leis a’ chopar ruadh nach failnich.
    • 1960
      Gairm 34 118
      San dùthaich so [sc. Canada], ma their thu gu bheil thu “a’ bìtheadh,” tha sin a’ ciallachadh gu bheil thu a’ sgrìobadh bì á cairt nan craobhan giuthais, ’s e sin ri ràdh, an giuthas-Lochlannach.
    • 1976
      Bith-Eòlas 39
      Sheall Lysenko, ma b’fhìor, gun gabhadh cruithneachd tionndadh gu cornflowers agus giuthas gu giuthas-Lochlannach.
    • 1982
      Creachadh na Clàrsaich 256
      ’S their cuid cuideachd | nuair a thig an dara fàs | air coille a leagadh | gun tig an giuthas Lochlannach ann | nas duibhe na dubh-uaine.
  • III.1.j. With nirribheach adj.: the Norway spruce.
    • 1991
      Aonad Àrainneachd 4.2
      Mar sin ’s e giuthais Sitka (à Ceann a Tuath Ameireagaidh), giuthais Nirribheach no larag Iapanach is tric a chì thu air a’ chuid as motha de phlanntachaidh.
  • III.1.k. With sasannach adj.: the Weymouth pine.
    • 1883
      Gaelic Names of Plants 73
      Weymouth pine [...] giùthas Sasunnach (Fergusson), the English pine. It is not English, however; it is a North American tree, but was introduced from England to Dunkeld in 1725.
  • III.1.l. With Sitka: the Sitka spruce.
    • 1991
      Aonad Àrainneachd 4.2
      Mar sin ’s e giuthais Sitka (à Ceann a Tuath Ameireagaidh), giuthais Nirribheach no larag Iapanach is tric a chì thu air a’ chuid as motha de phlanntachaidh.
  • III.2. Bog pine. See also I.3.a. and II.4.b.
  • III.2.a. With bac n. + mòine n. bog pine, fragments of pine extracted from a peat bog used to provide lighting.
    • 1897
      Mac-Talla VI No. 23. 177
      Air cùl gach aite-suidhe sheas Gaidheal foghainteach ’na fheile breacain preasach [...] agus ann an làimh chli gach fir dhiubh leus mòr, lasrach, de ghiubhas bac-mona a’ tilgeil soluis dheirg air gach taobh.
  • III.2.b. With blàr n.: bog pine; the remnants of a pine tree found in a peat bog used in a variety of ways.
    • 1892
      Mac-Talla I No. 30. 91
      Chuir e teine ris na taighean aig an t-sluagh bhochd. Bha so furasda dheanamh, oir bha an ceann-fhiodh agus na cabair air an deanamh de ghiubhais blair, seann chraobhan giubhais a bha ’nan laidhe sa’ mhointich bho cheann chiadan bliadhna.
    • 1926
      Am Bàrd 160
      Is cuimhne leam mar a sheasadh e ’san oidhche dhorcha air a’ chloich iongantaich a bha anns an dorus, agus leus de ghiuthas-blàir ’na làimh.
    • 1984
      Gairm 125 39
      Tha lòn Arnais, a tha ’na thalamh-àitich, làn de ghiuthas-blàir [...] Tro iomadh linn bha daoine a’ toirt freumhan nan craobhan giuthais às an lòn gus beothachadh teine, oir bha am fiodh làn ròsaid agus furasda a lasadh.
    • 1984
      Gairm 125 39
      Tha cuimhn’ agam air mo sheanair a bhith ag innse mu ghailleann anabarrach 1881 [...] Chaidh gach eathar anns na ceàrnan seo ’nam mìrean — ach aon a bha air a ceangal le ròpa de ghiuthas-blàir Arnais.
  • III.2.c. With coinneal n.: a candle made from bog pine.
    • a1899
      Carmina Gadelica VI (1971) 83
      Giuthas coinnil, giuthas coinnle [...] On the Mainland, along with tallow candles, the people used bog pine. The bog pine made good light but was not lasting.