Skip to main page content

orainsear n.m.

[DSL oranger n.]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

  • 1961
    Gairm 37 29 Gun d’ fhuair iad orainsearan.
  • 1987
    Gairm 139 248 Anns a faigheadh iad ùbhlan, oraindsearan.

genitive

dative

senses

  • An orange. See also orains n.I.1.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 10. 78
      Na balaich bheaga le’m pòcannan làn de ùbhlan no de dh’ “oraindseirean”.
    • 1961
      Gairm 37 29
      Clann le moit orra son […] gun d’ fhuair iad orainsearan is ùbhlan is làn am broinn.
    • 1966
      Gairm 55 248
      Cuir ann a rùbarb agus rùsg orainsear air a sgrìobadh.
    • 1975
      Am Fear Meadhanach 23
      Tha i air seatadh glainne le sùgh orainsearan innte, agus bobhla Alpen.
    • 1975
      Am Fear Meadhanach 43
      Bha algebra ga ruighinn chun an smior. Bhiodh e a’ spleuchdadh ri na h-Xs ’s na Ys […]. Chanainn ris, ann an sanais, gun a bhith smaoineachadh orra mar Xs is Ys ann, ach mar ùbhlan is orainsearan.
    • 1979
      Deireadh an Fhoghair 5
      Bùth bhrioscaidean-milis agus orainsearan agus tofaidhean-bó.
    • 1987
      Gairm 139 248
      Bhiodh cuirm aig an Fhiosaiche agus a bhean do chlann an àite aig àm na Nollaige, anns a faigheadh iad ùbhlan, oraindsearan, aran cridhe agus mìlseagan eile a bha cho annamh ’nam beatha.
    • 1994
      Gairm 167 269
      Thigeadh “Bodach Claus” aig a Nollaig, agus lìonadh e na stocainnean mòra dubha bhiodh Màiri Dharach a’ figheadh dhuinn, le ubhal, orainsear, cnothan, mìlsean agus daonnan tiodhlac bheag air choreigin.
    • 2005
      Na Klondykers 13
      Man bucas orainsearan a thuit air a chliathaich, thathas a’ togail nan daoine. Tha mòran dhiubh marbh, tòrr dhiubh bhon fhuachd.