Skip to main page content

peur n.f./m.

[OED pear n.]

forms

singular

nominative

genitive

plural

nominative

genitive

dative

senses

  • I.1. A pear.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 44
      ’G amharc àros nan luibhean | Far am b’àbhaist duit suidhe, | Gheibhte àile nan ubhall ’s nam peur.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 68
      Do Thaobh Mease. Of Fruits. […] Pear A Pear.
    • 1751
      Ais-Eiridh 85
      Bi’dh lóchrainn mheal’ a lúbadh | Na srábh, ’s bru air gach géig, | Do mheasabh milis cúbhrai, | Na ’n úbhlun ’s na ’m péur.
    • 1787
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 2 Sam. 5: 23
      Agus an uair a dh’fhiosraich Daibhidh do’n Tighearna, thubhairt e, Cha d’théid thu suas: ach gabh m’an cuairt air an cùlaobh, agus thig orra fa chomhair chraobh nan smeur [fn. chraobh nam peur].
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich … 211
      Ma bheir sibh aire do’n ghrunn bheir e dhuibh pailteas ubhlan, pheuran, phlumbais, shiristean, ghroiseidean, shuidheagan lair, shuidheagan phris, agus dhearcagain.
    • 1867
      Caraid nan Gaidheal 624
      B’anabarrach taitneach an fhàilt’ a chuir mòran de dhaoine bochd’ air [sc. am foghar], mar chunnacas e ’tighinn, ’s a sguab reachdmhor, throm thar a ghualainn—ùbhlan, ’us peuran, ’us bagaidean chnò, agus dearcan de gach seòrsa.
    • 1877
      An Gaidheal VI 42
      Na craobhan lùbte làn de ubhlan, | Torrach, sùghail, uaine, | “Plums” us peuran, “grapes” ’us caorainn, | Smiaran ’s dearcan-ruadha.
    • a1899
      Carmina Gadelica V (1954) 118
      Dh’fhàg mi ’n dé an innis nam bó | An cailin donn as mìlse pòg, | A rasg mar reul, a leac mar ròs, | A pòg air bhlas nam peuran.
    • 1926
      Am Bard 13
      Ainmichidh mi beagan de ar cluichean sgoile. […] “An t-ubhall agus am peur”.
    • 1976
      Odusseia Homair 106
      Tha gaoth as an iar le a h-anail a’ sìor-fhàs | cuid ’s ag abachadh chàich; tha peur tigh’nn gu ìr’ air muin peura, | ubhall air ubhall, mogul air mogul ’s fìoguis air fìoguis.
    • 1996
      Gairm 174 109
      Tha am bòbhla mheasan a’ cur thairis le fìon-dhearcan, bananas agus peuran.
  • I.2.a. The pear tree.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 88
      Rinn sibh buailtean d’ur bàthaibh | Ann an gàrradh nam peur.
    • 1776
      Comh-chruinneachidh Orannaigh Gaidhealach 356
      Mhic an fhir bho bunnaidh, | Bho gharradh na n abhail ’s na m pear, | For an taoghladh luchd rathaid, | Sa faidh iad aighair nan teud.
    • 1785
      Cham’ron Orain Nuadh Ghaidhealach 61
      Chuir sibh cungaidh bhur càise, | Ann an àros na n sèud | Is bhur bùaileacha bà-chruigh | Ann an gàradh na’m pèur.
    • 1964
      Gairm 48 322
      Tighean fiodha de gach seòrsa is dath is meud, [...] ’nan seasamh, gach aon diubh air a phìos talmhainn fhéin, a-measg chraobhan de gach seòrsa: peur, ubhal, peach agus sirist.
    • 1976
      Odusseia Homair 338
      ’S aon rud gun dòigh feadh do lios chan eil agad | meacan no fìoguis no fìonan no peur no crann ola no iomair.
  • I.2.b. Ceapach nam peur(an) an epithet for Keppoch, Lochaber, with reference to the pear orchard established there in the sixteenth century and burned by the Duke of Cumberland’s forces in 1746.
    • a1707
      Orain Iain Luim (1964) 110
      Ceist nam fear thu o’n Fhearsait | Is o Cheapaich nam peuran.
    • 1813
      Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 169
      ’S e mheudaich m’ airtneal’s mo ghruaim, | Na cinn fheachd ud dh’ fhalbh uainn, | Na fir ghasda bu chruaidh ’s an toir, | […] | B’ ann diu ’n t-Alasduir treun, | O Cheapaich na ’m peur.
    • 1850
      Focail air Turus na Ban-rìgh 7
      Cha ’n fhac’ mise le m’ leirsinn, | […] | Mac Gàidheal a’s ceutaich’ | Na ’n Cornailear euchdach. | Cha ’n ioghnadh leam féin sud, | ’S thu cho càirdeach do ’n treun-fhear, | O Cheapach nam peuran.
    • 1892
      Mac-Talla I No. 31 2
      Bho Gharaidh ’s bho Shleibhte, | Bho Mhudeart nan geugan, | S bho Cheapaich nam peuran, | Dheanadh reubhadh us leon.
    • 1906
      Poetry of Badenoch 303
      Bha do shinnseara thar chàch, | ’S iad ardanach, bras, meanmnach, | Bho Cheapaich chraobhaich, ghuirm nam peur.
  • II. As a modifier.
  • With craobh n.: the pear tree, a pear tree.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 64
      Do Thaobh Chrannabhmeasa. Of Fruit-Trees. […] Craobh Phéar A Pear-Tree.
    • 1838
      Beachd-Chomhairlean airson feum do Thuathanaich … 209
      Bu toil leam fhaicinn […] craobhan shirist ’us phlumbais dlu do’n tigh, craobhan pheur us ubhail-shamhraidh dlu do’n sin, agus an fheadhain gheamhraidh ’us fhuinidh ni’s fhaide as uile.
    • 1873
      Bratach na Firinn I 83
      Thàinig i dh’ ionnsuidh mo thighe o cheann cheithir latha deug aig deireadh na garbhdhoinninn thàirneanaich agus dhealanaich ud a bhuail binnein na h-eaglais, is a thug air a’ chraoibh mhòir pheur agaibhse seargadh.
    • 1900
      Mac-Talla IX No. 12 1
      Tha cuimhn’ agad air an chraoibh mhoir pheuran a bh’ ann ’sa gharadh againn’ an Ichburg.
    • 1976
      Odusseia Homair 171
      Chaitheadh croinn dhuilleach-àrda a’ nuas os a chionn an cuid toraidh, | craobhan ghràn-ubhall ’s pheur agus abhaill.
  • III. With a modifier denoting a type of pear.
  • With stobach adj.: a prickly pear.
    • 1900
      Mac-Talla IX No. 6 43
      Aig linn nan craobhan àlois, agus preasan peura-stobach, bha’n “geranium” a cinntinn fiadhaich.
    • 1900
      Mac-Talla IX No. 6 46
      Am péur-stobach, meas a phris eibhinn mu’n do sgrìobh mi aig toiseach mo litir.