Skip to main page content

rionnag n.f.

[eDIL 2 rind + -ag suffix]

forms

singular

nominative

genitive

dative

vocative

dual

plural

nominative

genitive

dative

vocative

senses

  • I. A star, a celestial body observable as a luminous, apparently fixed point in the night sky.
  • I.1.a. Any of the class of celestial objects (including the sun) which shine by producing their own energy.
    • 1741
    • 1801
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Iob 22: 12
      Nach ’eil Dia ann an airde nan nèamh? agus faic mullach nan rionnag, cia ard a ta iad.
    • 1828
      MacLeod Co’Chruinneachadh 219
      An rionnag a tha sinn a’ faicinn an nochd aig deich uairean, ma sheasas sinn san àite cheudna mìos o’n nochd chi sinn a cheart reull sa cheart àite sin aig ochd uairean.
    • 1829
      Orain le Rob Donn 264
      Cho fad ’s a tha cliù nan Reul tuath’, | Thar gach reannag tha shuas a’ toirt car, | Cha lugha tha Màiri Nic Aoidh, | Toirt urraim os ceann Mairi Carr.
    • 1857
      Reul-Eòlas 121
      Tha na rionnagan air an roinn a mach le reultairibh o cheann uine mhòr a nis ’nan grioglachanaibh, no grunnanaibh.
    • 1872
      An Gaidheal I 227
      Mu dh’ amhairceas neach, air oidhche chiùin, reòta, gheamhraidh, chì e mu mhile rionnag an crochadh mar lòchranaibh drillinneach os a cheann.
    • 1876
      An Gaidheal V 268
      Na’n deanadh na rionnagan dàil ’nan cuairtibh bheireadh iad sgrios gu h-obunn air a’ chruitheachd, agus thuiteadh gach ni ann an àimhreite.
    • 1926
      Am Bàrd 49
      B’ fhìor thoigh leis na sean daoine oidhche gun rionnagan anns an ràth dhorcha. Cha b’ e manadh na soinneantachd, oidhche shoilleir ’san ràth dhorcha.
    • 1944
      Sgialachdan Dhunnchaidh 34
      Thòisich Mac Rìgh Lochlann agus Gruagach a’ Bhruit Ghuirm air a chéile gu fiachach fuathach feargach […] Gun tugadh iad air an talamh sgàineadh, ’s air an fhairrge tràghadh ’s air an adhar fosgladh ’s air na rionnagan tuiteam.
    • 1953
      Gairm 5 34
      “Tha an oidhche gu bhith oirnn.” “Tha thu ceart” ars’ ise. “Cha dean mi stem dheth. Chan eil mise a’ tuigsinn ciamar a chì duine ta-tù no dad eile ’s gun fiù ’s rionnag gu bhith ann”.
    • 1956
      Gairm 18 160
      Air oidhche shoilleir, ma bhios na rionnagan ris an abrair “Crann nan Cat,” ’na sheasamh dìreach, tha droch shìd ri tighinn as.
    • 1966
      Gairm 57 34
      Tha Slighe Chloinn Uisnich air aon de na galacsaidhean mhóra sin, agus is i a’ Ghrian aon de na deich mìle muillion rionnag anns an t-Slighe sin.
    • 1972
      Aitealan Dlù is Cian 16
      Thog mi mo shùil ris an speur a bha nise làn rionnag, agus thainig e air ais thugam mar a sheas mi mar so iomadh uair ’nam bhalach gan sgrùdadh ’s gan ceasnachadh — ciod a bu chiall, a bu ghné dhaibh, ’s iad cho biorach, lainnreach, foistineach, a’ breacadh nan nèamhan le an lìonmhorachd?
    • 2001
      Gairm 194 146
      Bha aig mòran rudan ri bhith dìreach ceart, nuair a bha sprèadhadh neuclasach am broinn nan rionnagan, mus biodh carbon air a ghintinn.
  • I.1.b. A star (also the stars) used as a means of navigation, orientation or guidance.
    • 17..
      McLagan MS Gen 1042/47 [n.p.]
      Shoilsigh rannog ann san aedher | Rin rathad do na tri riribh.
    • 1857
      Reul-Eòlas 13
      Tha gu bheil e [sc. an saoghal] cruinn […] air a dhearbhadh, ’n uair a tha neach, a tha dol air astar (biodh e air muir no air tìr) a’ gabhail beachd air suidheachadh nan rionnag.
    • 1898
      Leabhar nan Gleann 162
      Thar sàile le ’n longaibh luath | S an rionnag daonnan ’g an stiuireadh | Bho chùrsa na h-airde tuatha.
    • 1932
      Litrichean Alasdair Mhoir 390
      Chan’ eil cuibhrionn de’n Bhiobull is iongantaiche na ’m beagan eachdraidh a tha Mata toirt dhuinn mu na daoine glice so, a thainig aona chuid a Persia no a Arabia, le iuil na rionnaig a lean iad agus a threoraich iad mu dheireadh do stabull Bhetleheim.
    • 1972
      Gairm 80 304
      Leag iad a’ seòl agus ghabh iad tac chon an iar, ach cha robh iad a’ deanamh a bheag dheth; cha robh rionnag air adhar, ’s cha robh comharra ri fhaicinn bheireadh cuideachadh do ’n fhear-stiùrach.
    • 1994
      Gairm 169 59
      “An robh an navigation duilich?” arsa fear ris. “Cha robh,” ars esan, “tha thu ’na do sheasamh aig a’ chuibhil, agus tu ga tionndadh mar siud ’s mar seo, agus do shùil air rionnaig”.
  • I.1.c. A star (also the stars) used as a means of timekeeping or identifying a time of day.
    • 1872
      An Gaidheal I 231
      B’ iad cùrsa na gréine ’s an latha, agus nan rionnag ’san oidhche, a b’ uaireadair dha.
    • 1891
      Waifs and Strays III 204
      ’San àm sin bi ’n riaghailt gu ’m féumadh na gillean oibreachadh o rionnaig gu rionnag.
    • 1961
      Gairm 36 360
      Cha mheas sinne gu bheil an t-Sàbaid seachad gus am faic sinn a’ chiad tri rionnagan an déidh do ’n là triall.
    • 1987
      Sgeul gu Latha 146
      Ach thuirt an tuathanach ris, “Tha e,” ors’ esan, “’mar chleachdadh againn a bhith tòiseachadh,” ors’ esan, “nuair a tha solust nan rionnagan a’ tréigsinn anns a’ mhadainn agus a bhith ag obair gus an nochd solust nan rionnagan air deireadh a’ latha”.
    • 1995
      Not an Orchid 277
      Bhiodh iad shios gus am biodh an oidhche air tuiteam ’s na rionnagan air an adhar mun tigeadh iad dhachaidh.
  • I.1.d. A star (also the stars) viewed as guiding human affairs; an omen or portent.
    • 1751
      Ais-Eiridh 28
      B’ iad rionnagan an áigh, | Fa’n d’ rugadh mise blá.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 457
      Tha reannag a bhreithe mar tha, | Toirt fios, agus faisneachd fhior, | Am Mac rathail sin thainig an tras, | Chuir Athair nan Gràs ’gùr dion.
    • 1829
      Orain le Rob Donn 58
      Nach fhaic sibh féin an spéis | A ghabh as speuran gu bhi ’g ùmhladh dha [sc. do Phrionnsa Teàrlach]; | ’N uair sheas an reannag shoillseach, | Anns an line an robhtadh stiùradh leis.
    • 1830
      An Teachdaire Gaelach II 143
      Rugadh an duine bochd fo a leithid so de rionnaig, ann an leithid so de dh’ àite. Ach a nis dh’ iarramaid cead fheòraich de’n speuradair, C’arson nach d’ éirich a cheart ni do na h-uile duine a rugadh fo’n rionnaig so, ma bha cumhachd aice mu thimchioll ciod a bha ri tachairt do dh’aon duine?
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 243
      Bha na Gaeil a’ cumail a mach gu ’n d’ eirich reull anns na speuran cho luath sa rugadh Tearlach. Tha cuid de na seana Ghaeil a chotharraicheas a mach an reull so fo ainm “rionnag a’ Phrionns”.
    • 1899
      Sgeulachdan Arabianach ii 40
      Cladhaich an talamh aig do chasan, agus gheibh thu fo ’n talamh bogha-saighead umha, agus tri saighdean luaidhe a rinneadh fo runnagan araid, a chum an cinne-daon a shaoradh o iomadh trioblaid do ’m bheil iad buailteach.
  • I.1.e. A star considered as a representation of the soul of a dead person.
    • 1848
      Dòmhnullach Marbhrainn 250
      Bu lìonmhor an t-àireamh, | O ghràs tre ’n d’ rinneadh leis feum; | Uime sin, ’s reannag ro-àluinn, | Gu bràth e, an iarmailt nan nèamh.
    • 1912
      Dùn Àluinn 28
      Dh’ eug bean Dhùin-àluinn. Sheall an t-aosda saobh-chreideach, caomhail air son rionnaig ùir ’san speur.
  • I.2.a. In plural: qualified by genitive of reul n., ? a constellation.
    • 1829
      Orain le Rob Donn 321
      O ’n a thaisbean domh ’m bliadhna, | Iomadh biadhtach nach b’ eòl domh, | Mar na reannagan reulta, | An déigh do ’n ghrian a dhol fò orr’.
  • I.2.b. In plural: the stars as signs of the Zodiac.
    • 1992
      Am Fear Meadhanach 15
      Ach tha Gaolag is Gràdhag na Caiginn, mo rionnagan fhìn, fhathast shuas an sin, air an cliathaich, ’s gu dhol bun-os-cionn.
  • I.2.c. With possessive adjective: a person’s fortune or potential (thought to be determined by the stars).
    • 1972
      Moll is Cruithneachd 66
      Bha suilbh ’na do chuibhrionn is soills’ ’na do rionnaig, | Ach shiubhail thu gu d’ oidhche gun oighr’ air do thuinneadh.
  • I.3. Any of the class of celestial objects, including planets, comets and meteors which shine by reflecting light from the sun.
    • 1857
      Reul-Eòlas 9
      Tha sinn an dòchas mu’n d’theid e [sc. leughadair] gu ro-fhada air aghaidh anns an leabhran so, gu’m bi e ullamh gu bhi ’g aideachadh gur rionnag an talamh so.
    • 1873
      An Gaidheal II 65
      Is iad so na Rionnagan-earballach a chithear aig amannaibh araidh leis an t-suil luim. Tha na h-earbuill so soilleir mar lasair theine, agus a ghnath a’ dol a mach o na rionnagaibh sin air an taobh a’s fhaide dhiubh o’n ghrein.
    • 1894
      Mac-Talla III No. 14. 5
      Cha’n eil rionnag ’san athar a’s bòidhche tha sealltuinn ’san àm so dhe’n bhiadhna [sic] na Mars.
    • 1899
      Mac-Talla VIII No. 12. 92
      Air son nan rionnagan-smuide, tha iad a’ creidsinn gur iad sin rionnagan air an d’ fhuair a’ ghrian greim.
    • 1955
      Gairm 11 273
      Bha seann rionnagan móra is beaga ann nach boillsgeadh tuilleadh, seann ghealaichean a bha air liathadh, boghaichean-froise a chaill an dath, stoirmeannan a chaill an diog, gaothan nach gluaiseadh, rionnagan a chaill an smud.
  • I.4. In the name of a particular star, constellation or comet. For further examples, see under the separate entries.
    • 1857
      Reul-Eòlas 25
      Goirear do reultan a’ Chrann-Arain, na Slait-thomhais, agus Grunnan no Grioglachan nan Seachd-Rionnag, Reultan Suidhichte.
    • 1873
      An Gaidheal II 46
      Theirear Herschel ris an réult so, agus mar an ceudna Rionnag Dheòrsa, do bhrìgh gur e an teallsanach Herschel a fhùair a mach i, ri lìnn Righ Deorsa a tri, ann am mios a’ Mhairt 1781.
    • 1873
      An Gaidheal II 66
      Cha d’ thainig an talamh dh-ionnsuidh an aite ’na chuairt anns an robh an rionnag Halley gu dol tarsuing air a shlighe gu maduinn an 30mh la de cheud mhios a’ gheamhraidh.
    • 1877
      An Gaidheal VI 323
      Tha na reul-sheasach a’s faisge orin, ris an abrar Alpha Centauri, corr as da chéud mile uair ni’s fhaide bhuainn na ghrian. Tha Sirius, no reul a choin, ceithir uairean cho fad as rithe sin: tha Polaris, no an rionnag thuathach, a choig uiread, agus Arcturus a sheachd uiread cho fad as.
    • a1889
      Carmina Gadelica VI (1971) 119
      Rionnag an rìgh, star of the king; rionnag na maidne, star of the morning; rionnag an iasgair, star of the fisherman; rionnag a’ bhuachaille, star of the shepherd.
    • 2014
      Caogad san Fhàsach 61
      Nuair bhiodh an fhìon-dhearc gu bhith abaich, ’s nuair thigeadh Rionnag an Abachaidh a-mach bho chùl gealach a’ mheadhain-oidhche, gheibhte fìon às an tobar an àite uisge.
  • II. In uses with reference to the properties of the stars. Chiefly in similes.
  • II.1. With reference to the uncountability of the stars.
    • 1804
      Searmona le Mr Eobhann Mac Diarmaid 174
      Ghin Adhamh sliochd ceannairceach, peacach, cosmhuil ris fein, an ùine ghrad dh’ fhàs an aireamh mòr, bha am peacaidhean dearg mar sgarlaid, agus do aireamh mar runnagan nan speur.
    • 1868
      Mac-Gilleadhain Laoidhean agus Dain 82
      Mar àireamh nan rionnag s an iarmailt ghlan, chiùin, | Bidh àireamh do chloinne gu Dia ’tarruing dlùth.
    • 1908
      Oiteagan o’n Iar 49
      Bha a’ cheart cho mhath dhaibh feuchainn ris na rionnagan a chunntas air oidhche reulagaich is dol a dh’ iarraidh cloich shònruichte am measg na bh’ air ùrlar na h-uamha mhóir ud.
  • II.2. With reference to the remoteness of the stars.
    • 1921
      An Ròsarnach III 114
      Bha nàdur an dithis bhain-righinn cho fad air falbh bho chéile sa tha na reannagan togte os ceann na talmhainn.
    • 1955
      Folksongs and Folklore of South Uist 222
      Rachainn do na runnagan, | Nam biodh do chuideachd deònach. | Rachainn-sa dha’n ghealaich leat, | Nan gealladh tu mo phòsadh.
  • II.3. With reference to stars emitting light or to their brightness or brilliance.
    • 1879
      An t-Òranaiche 29
      Méinean òir am bun gach struthain, | A’ boillsgeadh mar rionnaig a’ deàrrsadh.
    • 1900
      Mac-Talla VIII No. 40. 315
      Thug e an aire do dhà shùil ainmhidh ’s iad a’ dealradh ann an solus an teine mar gu ’m biodh dà runnaig ann.
    • 1916
      Bàrdachd Leodhais 270
      Na saighdeirean nach crom a’ bheinn ’s iad beò, | ’S nach leig le cumhachd Shàtain dhol gu àirde mhóir; | Bi’ iad sin a’ soillseachadh mar rionnag oidhch’ ’us lò.
    • 1963
      An Dubh is an Gorm 21
      Còmhla ris bha a bhean, té àrd bhàn gu math na b’ òige na e fhéin. Bha ise a’ sealltainn mar gum b’ ann a-mach á nèamh shoilleir anns an robh i mar rionnag òir.
    • 1966
      Gairm 55 235
      Cha b’ urrainn dhomh smuaintinn air nì eile ach mo dhachaidh agus chan fhaicinn air cùl mo shùilean dùinte ach mo dhachaidh. Bha mo dhachaidh mar rionnag anns an adhar air oidhche dhorcha stoirmeil.
  • III. In extended use: a small, usually bright, entity.
  • III.1.a. A chink or glimmer.
    • 1828
      MacLeod Co’Chruinneachadh 131
      Chunnaic e rionnag sholuis o aon de na h-uinneagan.
    • 1900
      Sgeulachdan Arabianach iii 12
      Bha mi ’g a shior leantuinn gus mu dheireach an d’ thug mi an aire do runnag sholuis [...] an uair a thainig mi dluth dha, rinn mi ’mach gur ann troimh tholl a bh’ anns a chreig a’ bha e tighinn.
    • 1972
      Saoghal an Treobhaiche 38
      Bha sinn a’ tighinn seachad air taigh an Johnstonaich. Cha robh e an uair sin ach mu naoi uairean, a dh’ oidhche, agus, o! cha robh runnag sholais ann!
    • 2019
      Seòl mo Bheatha 179
      Bha an ‘QE2’ a’ deàrrsadh le rionnagan solais, ’s smùid aotrom ag èirigh bhon t-similear.
  • III.1.b. A chink or speck of light. Quot. 1991 Smeur an Dòchais 11 may belong in IV.3. below.
    • 1903
      Mac-Talla XII No. 7. 52
      Air dha sealltainn uaithe chunnaic e rionnag fhaoin dhearrsach mu choinneamh, ’s a tarruinn na bu dluithe fhuair e balla ’n t-seilleir air tuiteam gu h-àrd ’san oisinn, agus gath faoin soluis mu uiread gob snàthaid a tighinn a stigh fo stéidh an tighe.
    • 1991
      Smeur an Dòchais 11
      Uaine is dearg is buidhe, purpaidh is geal is gorm, Rionnagan Nollaig an Ceàrnag Dheòrsa.
  • III.2. A spark from a fire.
    • 1828
      MacLeod Co’chruinneachadh 21
      Chuala sinn beucaich na beinne […] Agus chunnaic sinn i tilge os a ceann steallan lasrach agus clachan teinnteach, a bha mar a thuit iad air an ais cosmhuil ri rionnagan drileannach a thuiteas o theine ealanta a ni daoine le fùdar.
  • III.3. A speck or spot.
    • 1995
      Hiort 147
      Bha rionnag bheag dhubh eile air aodann a’ chuain a ghlac a fhradharc.
  • IV. A representation of a star.
  • IV.1. A military decoration or medal.
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 60
      Bha cota-gearr breacain air agus reannag òir an crochadh ri thaobh.
    • 1890
      Comhchruinneachadh Ghlinn-a-Bhaird 213
      Fhuair thu cliu thar nam miltean | Ann an cogagh na rioghachd, | ’S fhuair thu duaisean ’bha priseil, | Fhuair thu rionnagan fior-ghlan ’an or.
    • 1906
      Poetry of Badenoch 112
      Thug an Righ dhuit an t-urram, | Nuair a shìn e dhuit rionnag, | As a làimh ’g a cuir onarach suas.
    • 1960
      Bùrn is Aran 34
      Aig an tigh ’s air cùl nan treinnsichean na comanndairean am meadhon phàipearan le criosan deàlrach timcheall orra ’s rionnagan air am broillichean.
  • IV.2. A symbol in the shape of a star; a star-shaped marker (of identity, rank, location etc.).
    • 1874
      Bratach na Fìrinn II 19
      Dh’ fhosgail e a bhroilleach do’n sgoilear, agus dh’ fheuch e dha an rìonnag [sc. rionnag Dhàibhidh] a bha air.
    • 1969
      Gairm 69 27
      A meadhon a làir tha rionnag airgid, agus is e so a tha sealltainn làrach na prasaich — tha iad a’ cumail a-mach.
    • 1987
      Air Druim an Eich Sgiathaich 47
      Bha comharra dearg le aon rionnag gheal ’na mheadhan air aghaidh an jeep, agus bha sin a’ ciallachadh gum b’ e ceannard-feachd a bha e a’ giùlain.
    • 1992
      Gairm 161 75
      Cho moiteil ’s ged a bhiodh trì sgrìoban seàirdsean air a mhuilchinn, rionnag na crùn oifigich air bàrr a ghualainn.
  • IV.3. A star-shaped decorative object. Quot. 1991 Smeur an Dòchais 11 in III.1.b. above may belong here.
    • 1970
      Lus Chrùn 59
      Sheall i timcheall an tighe gu riaraichte. Bha e snog, gun teagamh le rionnagan airgid, bideagan de mheanglain uaine ’s dearcan scàrlaid orra air an ceangal le ribein e an [recte ribeinean] dearga.
  • IV.4. An asterisk, the symbol as used in printing, etc.
    • 1998
      Gairm 185 45
      Tha ceithir ìrean ann an cinneas HIV, an fheadhainn le rionnagan anns an dealbh, far a bheil ensaim ag obair nach gabh pàirt ann an obair àbhaisteach cealla sam bith.
    • 2008
      Cleas Sgàthain 47
      Dè a tha ‘**2c son FS, bix?’ a’ ciallachadh? Agus tha rionnag eile air Diardaoin.
  • V. In figurative use.
  • V.1.a. A person considered to shine in terms of qualities, one who excels or is celebrated in some way. Also of a personified object regarded as an outstanding example of its type.
    • 1804
      Stewart Cochruinneacha Taoghta 452
      Bu tu firean na h-àilleachd, | Rionnag shoilleir ’s an spèur thu.
    • 1813
      Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 307
      ’S ann [air latha Chuileodair] thuit na rionnagan gasd; | Bu mhath aluinn an dreach, | Cha bu phaigheadh leinn mairt na ’n éirig.
    • 1848
      Dòmhnullach Marbhrainn 89
      Marbhrann air Doctoir Alastair Stiubhard | [...] | Bu reannag shoilleir is shoillseach, | Reannag gun smal oirr’, gun fhoill innt’.
    • a1905
      Eilein na h-Òige (2002) 102
      Chan eil cuimir dhut [sc. dhan neòinean] sa chruinne | Mur h-i runnag os ar cionn: | Thus’ ad’ runnaig ùrlar glinne, | Dìthein is’ air iarmailt chruinn.
    • 1939
      Caoir Gheal Leumraich (2011) 125
      Ciamar a smaoinichinn gun glacainn | an rionnag leugach òir, | gum beirinn oirre ’s gun cuirinn i | gu ciallach ’na mo phòc?
    • 1990
      An Neamhnaid Luachmhor 145
      Tha do chèile cho cianail, | ’S i gad ionndrain fo iargain gach là; | Chaill i companach ciatach | Choisinn urram san fhìon-lios na là; | Chaill i rionnag bha sgiamhach.
    • 2011
      Steall à Iomadh Lòn 257
      Thug mi cuireadh dhi suidhe còmhla rinn agus gun tachradh i ri fear eile de na rionnagan a bha air sgàilean an telebhisean.
    • 2016
      Saoghal Thormoid II [n.p.]
      ’S e rionnag a bh’ annam nuair a bha mi dusan bliadhna a dh’ aois. Agus fhuair mi na bh’ ann de bursaries airson a dhol air adhart ann an Hutchie no Allan Glen ’s no Glasgow High School.
  • V.1.b. A person as a source of guidance, direction or inspiration.
    • a1886
      Clàrsach nam Beann (1937) 101
      Mar tha chombaist, an còmhnuidh | Sireadh dhionnsuidh ’n Tuath reòta, | Tha mo chrì-sa gu Seònaid, | Rionnag bhòidheach mo ghaoil.
    • 1894
      An t-Urramach Iain Mac-Rath 5
      Bha e, an deigh do dh’ atharrachadh grais tighinn air, na ’fhianuis agus na rionnag-sholuis o Dhia.
  • V.2. Used as a term of endearment.
    • 1985
      Gairm 132 335
      Am bheil thu ’n dùil gun creach mi banca? Chan eil. Chan e gun tilleadh tu bho sin nam b’ eudar, mo rionnag.
    • 2001
      Chì Mi 292
      Mo rionnag, mo reul thu, | Mo shoillse geal grèin thu.
  • V.3. A glimmer of emotion, a spark of life.
    • 1891
      Nic-A-Phearsoin Dain agus orain Ghaidhlig 66
      Chan ’eil sinn mar chuid tha ri bròn, | ’S iad gun rionnag de dhòchas fior.
    • 1903
      Mac-Talla XI No. 25. 195
      Le rionnag fhaoin dhòchasach na ’shùilean, thionndaidh e iad air an t-sealgair.
    • 1903
      Mac-Talla XII No. 1. 4
      Air dhi ainm Mairi a chluinntinn chaidh rionnag fhaoin sholuis dhi air a chùis, ’s bha i nis m’an coinneamh mar iomhaigh mharmoir, gun ghuth, gun chomas gluasaid.
  • V.4. In plural: flashes of light experienced as a subjective sensation as a result of a blow to the head.
    • 1901
      Mac-Talla X No. 2. 9
      Fhuair e buille ’sa cheann, a chuir mìle rionnag a dhannsa mu choinneamh a shùilean.
  • V.5. An indicator of quality.
    • 2019
      Seòl mo Bheatha 243
      Bha na h-oilthighean a’ strì an aghaidh a chèile feuch cò aca a bu mhotha a gheibheadh de rionnagan ann an sgrùdadh rannsachadh an luchd-obrach.
  • VI. In set phrases.
  • VI.1.a. Fo na rionnagan, literally ‘under the stars’, in existence, on earth.
    • 1873
      An Gaidheal II 205
      Am fear bha ’s a chrann – cha robh canain bha fo na rionnagan nach robh e toirt treis air.
  • VI.1.b. As an intensifier in an interrogative phrase: fo na rionnagan, also fo adhar nan rionnag, on earth.
    • 1910
      Am Fear-Ciùil 330
      Ciod fo na rionnagan a tha taillear na Manachainn a’ teagasg dhuinn?
    • 1913
      An t-Ogha Mór 209
      Ciamar fo adhar nan rionnag a thainig thu ’n taobh-sa?
  • VI.2. O na rionnagan ruadha, literally ‘from the red stars’, on earth, at all.
    • 1979
      Amannan 9
      Cha dèan mi fhìn dìreach steam dheth gun na speuclairean. ’S chan eil fhiosam o na runn … O na runnag … runnagan ruadha, càit an deach na bugair rudan idir, idir!
    • 1993
      An Guth Aoibhneach 43
      Sheas Dùghall an siud ’s gun fhios aige o na rionnagan ruadha gu dè a dhèanadh e.
  • VI.3. Rionnag san oidhche fhrasaich, a rarity, a rarely occurring but desirable or valued object or state. Also cho gann ri rionnagan air oidhche fhrasaich, as scarce as stars on a showery night.
    • 1881
      Nicolson Proverbs 49
      B’ e sin an rionnaig ’s an oidhche fhrasaich. Often said ironically of a pretentious person.
    • 1927
      Gnàthasan Càinnte Gàidhlig 32
      Idioms connected with Religion […] Cha ’n fhaicear esan ’s an eaglais ach mar runaig ’s an oidhche fhrasaich.
    • 1958
      Gairm 23 247
      Cha robh luchd-teagaisg Gàidhlig an uair sin [sc. ann an Alba Nuadh ann an 1921] ach mar rionnag san oidhche fhrasaich.
    • 1973
      Suathadh ri Iomadh Rubha 148
      Thòisich sinn mu dheireadh a’ faighinn corra bhoillsgeadh de sholuis Leverburgh, mar rionnag na h-oidhche fhrasaich, a bha toirt beagan iùil dhuinn.
    • 1983
      Gairm 122 183
      Creachadh na Clàrsaich. Cruinneachadh de bàrdachd 1940-1980. Le Ruaraidh MacThòmais. […] “B’e sin an rionnag san oidhche Fhrasaich”. An toiseach tòiseachaidh, dh’fhaodainn leabhar a sgrìobhadh air an leabhar seo.
    • 2011
      Steall à Iomadh Lòn 294
      Bha fois is tàmh is làithean-saora cho gann ri rionnagan air oidhche fhrasaich.