Skip to main page content

seileach n.m.

[eDIL sailech]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

genitive

senses

  • I.1.a. The willow tree, a willow tree. Also collective.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Isaiah 15: 7
      Theid am beartas, a fhuair iad, ann am mugha; agus an ni sin a thaisg iad, gu gleann nan seileach bheirear air falbh e.
    • 1830
      An Teachdaire Gaelach I 259
      Bla an t-seilich anns na blair, | Mar chanach bàn nam fuaranaibh.
    • 1830
      An Teachdaire Gaelach I 285
      Cha bu luaithe a ghreimicheadh i air slataig sheilich a bha fàs ri taobh na h-aibhne, na ghlaodhadh i mach le àirde claiginn “Feuch riut a Shlaodaire leibidich!”
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 81
      Rinn am pìobair suidhe ann am badan beag de phreis sheilich a bha ri taobh na slighe.
    • 1848
      Fear-tathaich nam Beann I 28
      Gabh puinneagan, no failleana de ’n t-sheileach.
    • 1879
      An t-Òranaiche 169
      ’N oidhche ’bha sinn anns a’ mhonadh, | ’S e ’bu bhiadh dhuinn bun an t-seilich.
    • a1899
      Carmina Gadelica II (1900) 252
      Is meinig a thachair ann an eilean | Far nach beirear earba, | Gun dad ann ach seileach salach, | ’S crithionn grad an tairmisg.
    • 1902
      Mac-Talla XI No. 9. 68
      Bha agus tha na luibhean feumail am measg nan Gàidheal airson dathan [...] Bha am fraoch, am fearna, an seileach, agus an seileasdair nan dathan.
    • 1917
      An Ròsarnach I 22
      Chunnaic e ’n sin dùradan dubh a’ snàgan gu socrach a nuas am bruthach, is theann e na bu dlùithe do’n tom sheilich.
    • 1937
      Am Measg nam Bodach 84
      Theirear fhathast mu a dheidhinn gu’n robh e [...] cho sùbailte ri seileach nan lòn.
    • 1984
      Gairm 126 133
      Bha an cliabh-gaoithe airson clòimh a chumail an dèidh a cìreadh, mu rachadh a càrdadh […] Tha slatan caola seilich air am fighe air gach ceangal.
    • 2006
      Shrapnel 49
      Bha nighean chaol, cho seang ri seileach, na laighe an sin.
  • I.1.b. In verse: the holly tree in figurative context in reference to a person’s good qualities.
  • I.1.c. The willow tree in allusion to the incident described in Psalm 137 (King James Version) where the Israelites hung their harps on the willows in a refusal to use them to sing for their captors. Also with crann, see II.2. below.
    • 1844
      Beatha agus Iompachadh 105
      Is éigin dhomh suidhe sìos a rithist an cois abhainn Bhàbaloin agus gul, agus mo chlàrsach a chrochadh air an t-seileach maille ris a’ chuid eile de ’mo bhràithrean.
    • 1848
      dòmhnullach Marbhrainn 38
      Is thog thu suas do chlàrsach. | Cha bhi si tuille air an t-seileach; | Is cha bhi agad s’ nis r’a ghearan.
    • 1872
      An Gaidheal I 57
      Tha cuid de na Gaidheil mar thraillean gun fheum, | Air seileach tha’n clarsaich, ’s an dàintean gun seinn.
  • I.2. The wood of the willow tree.
    • 1813
      Mac-an-Tuairneir Comhchruinneacha 340
      Bha sgonn do mhaide seilich innt [sc. biodag]; | Bu gheinneanta rinn fàs.
    • 1844
      Eachdraidh a’ Phrionnsa 192
      Fhuair iad a mhòrachd rìoghail a’ ròstadh cridhe agus grùdhan caorach air dealg seilich.
    • 1877
      An Gaidheal VI 19
      Cuir ’n a laidhe gu sèamh i le cluasaig fo ’ceann | Anns a’ chliabhan d’ an t-seileach, ’s na tulg i ach fann.
    • 1963
      Gairm 44 359
      ’Se thubhairt e gu robh [an t-iarrtas as motha] air bascaidean air an dèanamh de sheileach.
    • 1969
      Dòmhnall Ruadh Chorùna 55
      An long ’s i air mo ghlùin agam | ’S mi cur a siùil an àird. | [...] | Bha cruinn de sheileach uain’ innte | Is raineach ruadh ’na bhòm.
    • 1994
      An Taigh Dubh ann an Arnol 3
      Tha a’ bhascaid no an ‘cliabh’ à seileach agus bhiodh iad gan dèanamh sa bhaile fhèin.
  • II. As a modifier.
  • II.1. With crann n. and craobh n.: the willow tree; a willow tree.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 66
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid. Of Barren Trees [...] Crann Seilich The Sallow or Saugh-tree.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Eseciel 17: 5
      Ghabh e fòs do shiol an fhearainn, is chuir e ann am machair thorthaich e, shuidhich e ri taobh uisgeacha mor’ e, ’ga chur mar chrann seilich.
    • 1835
      Teachdaire Ùr Gàidhealach 19
      An clann a’ fàs suas mar chrannaibh seilich ri taobh nan uisgeachan.
    • 1872
      Mac-Talla III No. 38. 3
      Is minic a thuit na craobhan daraich, ged is làidir iad, leis an stoirm nach do chur dragh mor sam bith air na craobhan seilich.
    • 1900
      Mac-Talla IX No. 11. 86
      “Car son, mata, a ghuileadh tu, a sheann chraoibh sheilich?”
    • 1910
      Am Fear-Ciùil 254
      ’S ciod a chunnaic mi, an àite ’n ni ris an robh fiughair agam, ach stoc craoibh sheilich is dhà no tri mheanglain mu cheann.
  • II.2. With crann n.: The willow tree in allusion to the incident described in Psalm 137 (King James Version) where the Israelites hung their harps on the willows in a refusal to use them to sing for their captors. See also I.1.c. above.