Skip to main page content

seudar n.m.

[Cf. eDIL ced(a)ir, cedrus]

forms

singular

nominative

genitive

dative

plural

nominative

genitive

dative

senses

  • I.1. The cedar tree; a cedar tree. Also collective and figurative.
    • 1694
      Sailm Dhaibhidh 170
      Biaidh piseach ar a nfhìren chóir | mar chrann pailm’ ùrthur glas; | Mar Shèdar árd ar lebanon | a fás gu díreach bras.
    • 1781
      Earail Dhùrachdach do Pheacaich Neo-Iompaichte 224
      Cha’n e an guth sin a bhristeas na cedair, is a bheir air na sleibhte clisge’.
    • 1794
      Leabhar na h’Urnuigh Choitchionn 396
      Tha craobhan an Tighearna fos lan bri; iodhoin sedair Libanus a rinn e shuidheacha.
    • 1801
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Salm 80: 10
      Chòmhdaicheadh beannta le a [sc. fìonain às an Èipheit] sgàile, agus le a geugaibh seudair arda.
    • 1828
      MacLeod Co’Chruinneachadh 9
      Gach ni le gràdh ’cur fàilt air teachd an Triath! | Na seudair rìomhach cromadh sios an ceann!
    • 1841
      Ceann-iùil an Fhir-imrich 134
      Tha a’ chreithleag-Innseanach, mar gach droch bhathar eile, còig ceud uair ni’s pailte far am beil am fearann fliuch, salach, iosal, agus a choille ghiuthais agus sheudair.
    • 1867
      Caraid nan Gàidheal 687
      Nach ann air bruachan na h-aibhne is bitheant’ a gheibhear na blàthan a’s bòidhche, na measan a’s taitniche, a’ chraobh sheilich ùr’or, an seudar àrd, ’s an darach làidir?
    • 1880
      Sinclair Dain Spioradail 198
      Tha ghnùis ro àluinn cùbhraidh | Mar an seudar ùr-ghorm àrd.
    • 1895
      Mac-Talla IV No. 25. 8
      Marbhrann do Eachann Mac Aoidh […] Bha toradh agus blàth ort | Mar phailm chraoibh ro mhaiseach, | Mar an seudar ro àluinn | Os ceann chaich bha thu barraicht’.
    • 1904
      Guth na Bliadhna I 384
      Tha craobhan na h-achaidhean air an sàsuchadh – seudair Lebanoin a shuidhich e.
    • 1911
      Aig Tigh na Beinne 240
      ’Measg choilltean ciar na h-Aird-an-iar, | Taobh uillt tha aon [sc. uaigh] ’na thàmh— | Seach air tha ’n t-Innseanach a’ triall | Fo sgàil nan seudar àrd.
    • 1915
      Sir Seoras Uilleam Ros 12
      Bha craobhan de iomadh seorsa ann [sc. Canada], — bha ’n giuthas pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus móran eile freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd.
    • 1962
      Gairm 40 362
      ’Se craobh-dhuircein a tha anns a’ ghiuthas, maille ris an spruis, làrag, an seudar is iomadh seòrsa giuthais eile.
    • 1972
      Aitealan Dlù is Cian 112
      Ann am Bàbilon bha craobhan coisrigte do dhiathan àraidh, mar a bha Tammuz, aig an robh a chraobh fhéin, “an seudar naoimh,” far an d’rugadh e.
    • 1986
      Gairm 136 365
      Bha am muir faisg air làimh agus gach nì coltach ri Alba, agus a bharrachd air a sin bha giuthais Douglas agus seudaran mu chuairt air dà chiad troigh a dh’àirde, a’ dìreadh chun an adhair.
  • I.2. The wood of the cedar tree.
    • 1786
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Ier. 22: 14
      Togaidh mi dhomh fein tigh mor, agus seomraichean fairsing: a’ gearradh a mach dha fein mar an ceudna uinneaga; ’ga shuaineadh fòs le seudar, agus ’ga dhath le corcur.
    • 1787
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 1 Righ 6: 36
      Agus thog e a’ chùirt a stigh le tri sreathan do chlachaibh snaidhte, agus sreath do shailthibh seudair.
    • 1896
      Mac-Talla V No. 16. 114
      Tha seudar agus fiodh luachmhor eile ’ga losgadh air son connaidh.
    • 1976
      Odusseia Homair 80
      Air a’ chagailt | ghabh teine mór, is cian feadh an eilein bha àileadh ag éirigh | suas as seudar so-sgealbht’ is aitinn, ’gan losgadh.
    • 1986
      Gairm 136 359
      Bha sinn a’ cruinneachadh ’s a’ cruachadh nam pòlaichean seudar seo an dèidh dhuinn an rùsgadh, agus bhatar gam fàgail gus an tiormaicheadh iad agus an dèidh sin gan togail mar phòlaichean telegraf airson sanasan a chur air feadh a’ phrairie gu lèir.
  • II. As a modifier.
  • II.1. With crann n.: the cedar tree; a cedar tree. Also collective and figurative.
    • 1741
      Nuadhfhocloir Gaoidheilg & Beurla 65
      Do Thaobh Chrann neamhthorrthannach no aimrid Of Barren Trees […] Crann Sédair The Cedar-tree.
    • 1787
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 1 Righ 4: 33
      Agus labhair e air craobhan, o’n chrann-seudair a tha ann an Lebanon, eadhon gu ruig an hisop a dh’fhàsas a mach as a’ bhalladh.
    • 1801
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Dan Shol. 1: 17
      Is croinn sheudair sailthean ar tighe, croinn-ghiuthais ar ceann-fhiodh.
    • 1849
      Fear-tathaich nam Beann XXI 644
      Gu’m ’bu chrann-seudair ann an Leabanon an t-Asirianach, le geugaibh maiseach, agus le sgàile dhorcha, agus le àirde mhòir.
    • 1874
      An Gaidheal III 85
      Ma chaidh “crann seudair Leabanoin” a leagail agus “a mheangain a bhriseadh,” gabhadh “crannaibh na frithe” rabhadh, air eagal ’s gu’m bi iadsan mar an ceudna “air an toirt thairis gu bàs”.
    • 1902
      Mac-Talla X No. 28. 216
      Crann seudair nam buadh | A dh’ fhàg fir Alba fo ghruaim | ’N uair a dh’ ionndraich iad bhuath’ thu, ’sheoid.
  • II.2. With craobh n.: the cedar tree; a cedar tree.
    • 1783
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh Aireamh 24: 6
      Mar na gleannta tha iad [sc. bùthan agus pàilleanan] sìnte mach, mar liosan re taobh aibhne, mar chraobha fiodh-alois a shuidhich an Tighearna, mar chraobha seudair làimh ris na h-uisgeachaibh.
    • 1787
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 1 Righ 5: 6
      A nis uime sin àithn thusa gu’n gearr iad dhomhsa craobhan seudair a Lebanon.
    • 1794
      Leabhar na h’Urnuigh Choitchionn 373
      Bha na cnoic air am folach le a [sc. fìneamhain às an Èipheit] sgaile; agus bha a geugan mar na craobhan breagha cedair.
    • 1801
      Leabhraiche an t-Seann Tiomnaidh 2 Eachdr. 2: 8
      Cuir a m’ionnsuidh mar an ceudna craobhan seudair, craobhan giuthais, agus craobhan alguim o Lebanon.
    • 1898
      Mac-Talla VII No. 13. 97
      Facal a Columbia Bhreatunnach. […] Tha moran dhiubh a còmhnuidh ann an taighean air an togail air ràthan móra air an uisge. Tha na ràthan so air an deanamh le mo dhusan na còrr de chraobhan móra seudair air an cur ri chéile gu làidir.
  • III. With a modifier.
  • With siùcar n.: ?
    • 1841
      Ceann-iùil an Fhir-imrich 73
      Tha gu h-àraidh darach fuasach trom, ro thrice air a shamhuil so de thalamh, maille ri caochladh sheòrsana giuthais agus seudar-siùcar bog, bèithe buidhe, agus leamhan lòin.